FaclairDictionary EnglishGàidhlig

590: Uiseag bheag dhearg

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uiseag bheag dhearg

Gaelic Gàidhlig

O chionn trì bliadhna ann an Litir ceithir cheud is sia-deug (416) sgrìobh mi mu òran a bhiodh a’ chlann agam a’ seinn anns a’ bhun-sgoil. Tha an t-sèist a’ dol mar seo: Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh; Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”? Bha mi a’ cur air adhart mo bheachd gur ann à Eilean Mhanainn a bha an t-òran o thùs, oir canaidh na Gàidheil Mhanainneach “oie” airson “oidhche”. Agus tha ushag ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn a’ ciallachadh “eun beag”, seach lark.

’S e tàladh a th’ anns an òran. Bidh pàrant ga ghabhail nuair a tha pàiste san leabaidh. Anns an òran, tha pàiste a’ còmhradh le uiseag. Tha an uiseag ag innse cà’ robh i a’ faighinn cadal. Fhuair i droch chadal air bhàrr nan dris agus air bhàrr nan tonn. Mu dheireadh fhuair i deagh chadal eadar dà dhuilleig. Agus ma tha e air obrachadh, bidh am pàiste na chadal ro dheireadh an òrain!

Co-dhiù, chuala mi an t-òran a-rithist o chionn ghoirid. Bha mi ag innse stòiridhean Gàidhlig mar phàirt dhen fhèill-chiùil “Blas” air a’ Ghàidhealtachd. Bha tè còmhla rium a bha a’ gabhail òrain eadar na stòiridhean – agus thagh i “Uiseag Bheag Dhearg” mar fhear dhiubh. Bha fear am measg an luchd-èisteachd aig a bheil ceangal do dh’Eilean Mhanainn. Agus dh’inns esan dhuinn às dèidh làimh gur e òran Manainneach a bh’ ann.

Bhon uair sin, fhuair mi dearbhadh air a’ ghnothach. Bha mi a’ leughadh leabhar mu dheidhinn Mona Douglas nach maireann, ban-Mhanainneach a bha ainmeil airson a bhith a’ brosnachadh cànan agus cultar Eilean Mhanainn. Anns an leabhar tha tar-sgrìobhadh de dh’agallamh a rinn i le George Broderick. Anns an agallamh, dh’ainmich i an t-òran le ainm Manainneach – Ushag Veg Ruy.

Thuirt i gun robh daoine a’ dìochuimhneachadh gum biodh òrain Mhanainneach a’ sgapadh am measg nan Gàidheal ann an Alba is Èirinn. Co-dhiù, chuir i Ushag Veg Ruy ann an clò anns na ficheadan no toiseach nan tritheadan anns an fhicheadamh linn. Fhuair tidsear ann an Alba – bha i a’ smaoineachadh gur ann à Tiriodh a bha e – grèim air an òran. Sgrìobh e gu Douglas, a’ faighneachd dhith am faodadh e a thionndadh gu Gàidhlig na h-Alba. Uaireigin às dèidh sin, sheinn sgoilear às an sgoil aige Uiseag Bheag Dhearg aig a’ Mhòd – mar òran Albannach – agus bhuannaich e duais!

Tha mi a’ smaoineachadh gun robh Mona Douglas toilichte gu leòr gun robhar ga sheinn ann an Alba. Ach bha aon rud a’ cur dragh oirre. Bha daoine ann an Alba dhen bheachd gur e òran Albannach a bh’ ann. Thuirt i, “They are claiming it now as a Scottish song, without saying where it came from, which I think is most unfair!”

Chan eil fhios agam cò e an tidsear a rinn an t-eadar-theangachadh. Ach tha e inntinneach gun do dh’fhàg e dreach Manainneach air an fhacal oie agus nach do dh’atharraich e sin gu oidhche Càite na chaidil thu raoir san oidhch’. An robh e a’ feuchainn le sin a bhith a’ cumail nar cuimhne gur e òran Manainneach, seach òran Albannach, a bh’ ann bho thùs? Chan eil fhios agam ach, gu dearbh, ’s e òran brèagha a th’ ann.

Faclan na Litreach: Eilean Mhanainn: Isle of Man; tàladh: lullaby; fèill-chiùil: musical festival; nach maireann: deceased; Tiriodh: Tiree.

Abairtean na Litreach: òran a bhiodh a’ chlann agam a’ seinn anns a’ bhun-sgoil: a song that my children would sing at primary school; càite na chaidil thu raoir?: where did you sleep last night?; canaidh na Gàidheil Mhanainneach: the Manx Gaels say; bidh pàrant ga ghabhail nuair a tha pàiste san leabaidh: a parent sings it when a child’s in bed; air bhàrr nan dris: on top of the bramble bushes; deagh chadal eadar dà dhuilleig: a good sleep between two leaves; ma tha e air obrachadh: if it has worked; bidh am pàiste na chadal ro dheireadh an òrain: the child will be asleep before the end of the song; bha fear am measg an luchd-èisteachd aig a bheil ceangal do: there was a man among the audience who has link(s) to; dh’inns esan dhuinn às dèidh làimh: he told us afterwards; bhon uair sin, fhuair mi dearbhadh air a’ ghnothach: since then, I [have] obtained proof of the matter; tar-sgrìobhadh de dh’agallamh: a transcription of an interview; gun robh daoine a’ dìochuimhneachadh: that people would be forgetting; gum biodh òrain Mhanainneach a’ sgapadh am measg nan Gàidheal: that Manx songs would be spreading amongst the Gaels; chuir i X ann an clò: she put X in print; fhuair tidsear grèim air an òran: a teacher got hold of the song; bhuannaich e duais: he won a prize; bha aon rud a’ cur dragh oirre: one thing annoyed her; an robh e a’ feuchainn le sin a bhith a’ cumail nar cuimhne: was he trying in that way to make us remember; gur e òran Manainneach, seach òran Albannach, a bh’ ann bho thùs: that it was originally a Manx song, rather than a Scottish song.

Puing-chànain na Litreach: toilichte gu leòr gun robhar ga sheinn ann an Alba: pleased enough that it was being sung in Scotland. Gun robhar is the dependent form of bhathar, just as gun robh is the dependent form of bha. The -ar ending (it’s -as in some dialects) tells us this is effectively a passive construction – it’s the impersonal form of the verb “to be” (in which we don’t name the person or persons engaged in the activity being discussed). Bhathar ga sheinn means “it was being sung”. We can change the tense easily; for example thathar ga sheinn (it is being sung), gu bheilear ga sheinn (that it is being sung); bithear ga sheinn (it will be sung); gum bithear ga sheinn (that it will be sung).

Gnàthas-cainnt na Litreach: air bhàrr nan tonn: on the top of the waves (the lenition of bàrr follows an old grammatical model).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 286

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean