FaclairDictionary EnglishGàidhlig

288: Beantainn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Beantainn

Gaelic Gàidhlig

Halò a-rithist. Agus fàilte chrìdheil oirbh don chiad Litir dhen bhliadhna 2005. Tha fichead bliadhna air a dhol seachad am-bliadhna bho sheas a’ chiad duine air a h-uile mullach as àirde anns gach mòr-thìr air an t-saoghal. B’ esan Dick Bass, fear Ameireaganach a tha beò fhathast, agus ràinig e mullach na tè mu dheireadh – Beinn Everest – anns a’ bhliadhna ochdad ’s a còig.

Am measg nan seachd mullaichean sin, tha tè dhiubh air a bheil ainm Gàidhealach. Cò an tè? Uill, tòisicheamaid anns an Roinn-Eòrpa – le Elbrus no Mont Blanc, a rèir mar a thathar a’ comharrachadh crìochan na Roinn-Eòrpa. Kilimanjaro ann an Afraga. Beinn Vinson anns an Antartaig. Carstenz ann am Papua an Iar no Beinn Khosciusko ann an Astràilia, a rèir do bheachd air crìochan Astràilia no Astralàisia.

Dè th’ air fhàgail? Aconcagua ann an Ameireagaidh a Deas, Chomolungma no Beinn Everest ann an Àisia agus … aha … an tè mu dheireadh – an tè as àirde ann an Ameireagaidh a Tuath. Tha i ann an Alasga. Beinn MhicFhionnlaidh a chanamaid rithe ann an Gàidhlig, ach bidh daoine nas eòlaiche oirre mar Mt. McKinley.

Chaidh a h-ainmeachadh le fear Uilleam Dickey a bha a’ rannsachadh creagan Alasga airson stuthan prìseil. Chuir esan ainm fear de bhuill an t-Seanaidh air a’ bheinn – Uilleam MacFhionnlaidh. An dèidh sin, dh’èirich MacFhionnlaidh gu bhith na Cheann-suidhe do na Stàitean Aonaichte. B’ esan fear de na cinn-suidhe a chaidh a mhurt fhad ’s a bha e fhathast na dhreuchd. Thachair sin ann am Buffalo ann an stàit New York ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901).

Ged a tha an t-ainm sin fhathast air a’ bheinn, tha an t-ainm dùthchasach a’ nochdadh nas trice an là an-diugh – Denali – a’ ciallachadh “am fear mòr” ann an cànan nan Ameireaganach dùthchasach a bhuineas don sgìre, agus cò chanadh nach eil sin iomchaidh? Tha Beinn MhicFhionnlaidh ann am meadhan Pàirc Nàiseanta Denali.

Ach bu mhath leam Alasga fhàgail is tilleadh gu Astràilia. Aig dà mhìle, dà cheud is trithead (2,230) meatair os cionn na mara – sin beagan is seachd mìle troigh – chan eil Beinn Khosciusko uabhasach àrd – agus tha i furasta a streap. Agus tha cuid ann an Astràilia dhen bheachd nach i a’ bheinn as àirde san rìoghachd aca co-dhiù. Oir tha eilean anns a’ Chuan a Deas, faisg air an Antartaig, air a bheil beinn a ruigeas dà mhìle, seachd ceud, ceathrad ’s a còig (2,745) meatair os cionn na mara – còig ceud meatair nas àirde na Kosciusko.

Tha sin air Eilean Heard agus ’s ann le Astràilia a tha an t-eilean. Airson greis bhathar a’ smaoineachadh gur e maraiche Breatannach (tha dùil a’m gu robh e Albannach) a lorg an t-eilean anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, leth-cheud ’s a ceithir (1854). B’ esan an Caiptean Uilleam Dòmhnallach, a bh’ air bòrd an t-soithich, an Samarang.

Chunnaic e an t-eilean, agus eileanan eile faisg air làimh, agus chaidh an ainmeachadh gu lèir mar “Eileanan an Dòmhnallaich” no the “McDonald Islands”. Ach thàinig e am bàrr gu robh fear Ameireaganach, an Caiptean Iain Heard, ann as t-Samhain ochd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1853). Agus, leis gu robh esan ann an toiseach, ’s e Eilean Heard a chanar ris an eilean sin an-diugh.

Ach ’s e an t-ainm a th’ air a’ bheinn air Eilean Heard – Big Ben. Tha fhios gur e sin A’ Bheinn Mhòr ann an Gàidhlig. Tha na h-eileanan sin fada bho Alasga is Alba, ach tha rudeigin ann a cheanglas na trì àiteachan sin ri chèile – dualchas nan ainmean Gàidhealach a th’ air a’ mhap an là an-diugh.

Faclan na Litreach: Alasga: Alaska; Astralàisia: Australasia; Uilleam MacFhionnlaidh: William McKinley; dùthchasach: indigenous; an Cuan a Deas: the Southern Ocean.

Abairtean na Litreach: anns gach mòr-thìr: in every continent; ràinig e mullach na tè mu dheireadh: he reached the summit of the final one [fem]; a rèir mar a thathar a’ comharrachadh crìochan na Roinn-Eòrpa: depending on how the borders of Europe are distinguished; dè th’ air fhàgail?: what is left?; ann an Ameireagaidh a Tuath: in North America; chaidh a h-ainmeachadh: it [fem] was named; ainm fear de bhuill an t-Seanaidh: the name of a member of the Senate; b’ esan fear de na cinn-suidhe: he was one of the presidents; a chaidh a mhurt fhad ’s a bha e fhathast na dhreuchd: who was murdered while he was still in office; cò chanadh nach eil sin iomchaidh?:who would say that is not appropriate?; nach i a’ bheinn as àirde san rìoghachd aca co-dhiù: that she is not the highest mountain in the country anyway; ’s ann le Astràilia a tha an t-eilean: the island belongs to Australia; bhathar a’ smaoineachadh gur e maraiche Breatannach a lorg e: it was thought that it was a British seaman who found it; b’ esan an Caiptean Uilleam Dòmhnallach, a bh’ air bòrd an t-soithich, an Samarang: he was Captain William McDonald who was on board the vessel, the Samarang; as t-Samhain: in November; leis gu robh esan ann an toiseach: because he was there first; tha rudeigin ann a cheanglas na trì àiteachan sin ri chèile: there is something that links the three places to each other.

Puing-chànain na Litreach: Tòisicheamaid anns an Roinn-Eòrpa: let us start in Europe. Did you immediately understand this, and know the difference between tòisicheamaid(unlenited) and thòisicheamaid (lenited). The first form is the first person plural of the imperative. Other examples are coisicheamaid (let us walk), suidheamaid (let us sit). The second, with lenition, is the first person plural of the conditional/past habitual eg thòisicheamaid means “we would start, used to start”. Choisicheamaid means “we would walk/used to walk” and shuidheamaid means “we would sit/used to sit”. Where the verb starts with a non-lenitable consonant (at least in its written form), it might be either – leughamaid can mean “let us read” or “we would/used to read”. In the Litir, we have Beinn MhicFhionnlaidh a chanamaid rithe ann an Gàidhlig – “we would call her Beinn MhicFhionnlaidh in Gaelic”.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bidh daoine nas eòlaiche oirre mar Mt. McKinley: people will know her better as Mt. McKinley. Tha mi eòlach air X: I know X.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean