FaclairDictionary EnglishGàidhlig

653: Steall à Iomadh Lòn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Steall à Iomadh Lòn

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson earrann no dhà a leughadh dhuibh à leabhar a thàinig a-mach an-uiridh agus a thug tlachd mhòr dhomh. Seo earrann bhuaithe.

Na mo shuidhe an seo ann an uaigneas air beulaibh a’ choimpiutair a tha toirt na cruinne na mo shealladh, agus Google World a’ sealltainn dhomh an t-seann taighe ann an Gollair, b’ fheàrr leam gu robh mi air ais ann ag èisteachd ri na bodaich ’s na cailleachan a’ seanchas fo sholas mùgach na tilidh, braidseal air an teine, ceò an tombaca ’s nan toitean na mo shùilean, blas nam briosgaidean ris an canadh mo sheanmhair ‘truinnsear naps’ na mo bheul, agus seanchas siùbhlach susbainteach nan cèilichean na mo chluasan.

Chanadh cuid, ’s dòcha, gu bheil an t-ùghdar a’ dèanamh dealbh romansach de bheatha muinntir nan Eilean Siar na òige. Air an làimh eile, cò nar measg a tha eòlach air an taigh-chèilidh, eadhon na th’ air fhàgail dheth an-diugh, nach aontaicheadh ris gu ìre? Thug na Gàidheil am facal cèilidh don Bheurla agus thug sinn an taigh-cèilidh don t-saoghal mhòr. Tha e truagh mar a tha a leithid a’ falbh oirnn, agus an seanchas spòrsail a bha na chois a’ falbh leis. Ged nach eil mi fhìn ag ionndrainn an tombaca!

’S e an t-ainm air an leabhar Steall à Iomadh Lòn agus ’s e an t-ùghdar Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain. Tha an leabhar airidh air moladh mòr. Tha e spòrsail, inntinneach, is fiosrachail, agus làn Gàidhlig ghnàthasach. Seo an ath pharagraf dheth:

Chan ann na mo shùilean ach ann an cuinnleanan na cuimhne a tha fàileadh an tombaca an-diugh. Bha annas agam dha na pìoban a bh’ aig na bodaich, pìoban crèadha aig an fheadhainn nach robh smocadh mòran agus pìoban òmair aig an fheadhainn le corragan a cheart cho dubh ris an tombaca fhèin. Bliadhnaichean an dèidh sin chunna mi pìob-thombaca a bha na b’ annasaiche buileach: ìne mhòr giomaich. B’ ann aig cailleach an Uibhist a Deas a bha i. An dèidh ceò a ghabhail thionndaidheadh i faircill a’ choire timcheall agus sin far am biodh ‘a’ phìob’ a’ gabhail tàmh gus an lìonadh i a-rithist i.

Agus tha Seonaidh Ailig a’ dèanamh dealbh math de na bodaich, agus iad a’ lìonadh am pìoban: ’S e deas-ghnàth a bh’ ann an lìonadh is lasadh na pìoba: a’ pronnadh an tombaca – am Bogey Roll ’s am Black Twist – ann am bois aon làimh le òrdag mhòr na làimhe eile agus an uair sin ga bhruthadh gu cùramach a-steach dhan a’ phìob. An dèidh a bhith deoghal na pìoba son greis thilgeadh iad smugaid le cuimse gun fhàillingeadh agus bhiodh i bragadaich air grèata an stòbh. Nuair a bhios mi ag innse dha mo bhean gur e Modern Mistress a bha cumail biadh is blàths rium chan eil mi smaoineachadh gu bheil i creidsinn gur ann air stòbh a tha mi a’ bruidhinn.

Sin mar a tha an leabhar taitneach seo. Tha mi ga mholadh gu mòr do leughadairean fileanta. Agus fàgaidh mi sibh le tòimhseachan dhen t-seòrsa a bhiodh air an innse aig na seann taighean-cèilidh. Togaidh leanabh beag na dhòrn e, ’s cha thog dà dhuine dheug le ròp e. ’S e am fuasgladh ‘ugh circe’! Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: romansach: romantic; spòrsail: fun, light-hearted; Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain: John Alick MacPherson; fàileadh: smell; crèadha: clay; taitneach: agreeable, pleasurable; tòimhseachan: puzzle.

Abairtean na Litreach: Tha mi airson earrann no dhà a leughadh dhuibh: I want to read you a section or two; a tha toirt na cruinne na mo shealladh: which brings the globe within my ken; a’ seanchas fo sholas mùgach na tilidh: conversing under the gloomy light of the tilley lamp; braidseal air an teine: the fire roaring; agus seanchas siùbhlach susbainteach nan cèilichean na mo chluasan:with the fluent and substantive chat of the company in my ears; cò nar measg a tha eòlach air an taigh-chèilidh: who among us who knows the ceilidh house; ag ionndrainn an tombaca: missing the tobacco; cuinnleanan na cuimhne:the nostrils of the memory; pìoban òmair aig an fheadhainn le corragan a cheart cho dubh ris an tombaca fhèin: amber pipes at [owned by] those whose fingers were just as black as the tobacco itself; na b’ annasaiche buileach: even more strange; ìne mhòr giomaich: a big lobster claw; ’s e deas-ghnàth a bh’ ann an lìonadh is lasadh na pìoba:the filling and lighting of the pipe was a ceremony; a’ pronnadh an tombaca ann am bois aon làimh le òrdag mhòr na làimhe eile:the pulverizing of the tobacco in the palm of one hand by the thumb of the other hand; an dèidh a bhith deoghal na pìoba son greis: after sucking the pipe for a while; thilgeadh iad smugaid le cuimse gun fhàillingeadh: they would spit with unfailing accuracy; bhiodh i [a’] bragadaich air grèata an stòbh: it would crackle on the grate of the stove; togaidh leanabh beag na dhòrn e, ’s cha thog dà dhuine dheug le ròp e: a small child can lift it in his hand but twelve man with a rope cannot lift it; ugh circe: a hen’s egg.

Puing-chànain na Litreach: An dèidh ceò a ghabhail thionndaidheadh i faircill a’ choire timcheall: after having a smoke she would turn over the lid of the kettle. I wonder how many people today naturally use faircill (plural faircillean or fairclean) for the lid of a pot or kettle. It’s an old traditional word and it’s being superceded by ceann and mullach – both of which have several other meanings. Faircill is a nicer, and more specific word, isn’t it? Ask your Gaelic teacher or adviser what word he or she would use.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ann an uaigneas: in isolation.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 349

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean