156: Caisteal Amhuinnsuidhe
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Caisteal Amhuinnsuidhe
Bidh fios agaibh gu bheil oighreachd Cheann a Tuath na Hearadh air a’ mhargaidh an-dràsta. Tha Caisteal Amhuinnsuidhe mar phàirt dhen oighreachd, agus tha an t-uachdaran leis a bheil e, agus am fearann mu thimcheall, ag iarraidh co-dhiù ceithir gu leth millean not air an son. Tuigidh sibh, aig prìs mar sin, gu bheil cuid de mhuinntir na Hearadh teagmhach mu dheidhinn an oighreachd a cheannach dhaibh fhèin. Air an làimh eile, tha feadhainn gu làidir dhen bheachd gur e rud math a bhiodh ann nan robh smachd aig a’ choimhearsnachd air an oighreachd air a bheil iad a’ fuireach. ’S e tìde a dh’innseas dè thachras.
Bha ceann a tuath na Hearadh, agus Caisteal Amhuinnsuidhe, uaireigin ann an làmhan Bodach an t-Siabainn. B’ e sin am far-ainm a bh’ aig feadhainn, co-dhiù ann an Leòdhas, air a shon – Bodach an t-Siabainn – the soap-man. Am Morair Leverhulme. Anns an Litir seo, agus anns an dà litir a tha a’ leantainn oirre, bheir sin sùil air a’ Mhorair Leverhulme, agus mar a thug e buaidh air Leòdhas agus na Hearadh. Agus aig deireadh ghnothaich, innsidh mi dhuibh dè an luach a bh’ air ceann a tuath na Hearadh ann an naoi deug, is còig ar fhichead (1925). Cha robh e faisg air ceithir millean not.
Rugadh Uilleam Hesketh Lever ann an ochd deug, leth-cheud ’s a h-aon (1851) agus dh’èirich e gu bhith na cheannard air companaidh mhòr mhòr eadar-nàiseanta a bha stèidhichte, co-dhiù anns a’ chiad dol a-mach, air siabann. Ach chaidh e fada na b’ fhaide na sin agus bha Lever Brothers an sàs ann an iomadach seòrsa gnìomhachais. Agus anns na h-Eileanan an Iar, ’s e gnìomhachas stèidhichte air èisg na mara a bha fa-near do dh’Uilleam, am Morair Leverhulme mar a bh’ air aig an àm sin. Cha b’ ann anns na Hearadh a thòisich e, ge-tà, ach ann an Leòdhas.
Cheannaich e Leòdhas agus na Hearadh còmhla anns a’ Chèitean, naoi-deug is ochd-deug (1918) bhon uachdaran a bh’ ann roimhe, Donnchadh MacMhathain. Thuirt e an toiseach nach robh càil fa-near dha ach àite-fuirich snog a lorg am measg dhaoine air an robh spèis mhòr aige. Uill, bha sin anns a’ chiad dol a-mach. As dèidh greis, cho-dhùin e gum b’ urrainn dha Eilean Leòdhais a dhèanamh fada na b’ fheàrr na bha e, le bhith a’ stèidheachadh gnìomhachas mòr ann am baile Steòrnabhaigh. Bha e ag iarraidh Steòrnabhagh a dhèanamh na bhaile mòr mòr brèagha. Ach airson sin, shaoil e, bhiodh feum aige air tuathanasan taobh a-muigh a’ bhaile airson bainne a dhèanamh is a reic do luchd-obrach nam factaraidhean aige.
Gu mì-fhortanach dha, cha do thuig e eachdraidh an fhearainn anns na h-eileanan agus bha e airson na tuathanasan mòra, gu h-àraidh ann an Coll agus Griais, gu tuath air Steòrnabhagh, a ghlèidheadh, a dh’aindeoin ’s gu robh mòran de mhuinntir Leòdhais air a bhith ag iarraidh croitean a chruthachadh orra.
Uaireannan bidh daoine a’ smaoineachadh gur ann tro bhliadhnaichean dòrainneach a’ Chogaidh Mhòir a dh’èirich an t-iarrtas airson an fhearainn sin. Ach chan eil sin fìor idir. Mura b’ e gu robh an t-uachdaran a bh’ ann roimhe cho mì-dheònach, bha Bòrd an Àiteachais air croitean a chruthachadh far an robh grunn thuathanasan, Griais nam measg, mus do thòisich an cogadh. Agus don fheadhainn a thàinig beò tron chogadh, cha robh duine sam bith a’ dol a chur stad orra bho bhith a’ faighinn fearann dhaibh fhèin. Bha a h-uile càil deasaichte airson strì mhòr mun fhearann agus, ’s dòcha, strì mhòr airson cridhe Gaidhealach an eilein.
Faclan na Litreach: Caisteal Amhuinnsuidhe: Amhuinnsuidhe Castle; uachdaran: landlord, landowner; teagmhach: dubious; far-ainm: nickname; am Morair Leverhulme: Lord Leverhulme; luach: value; siabann: soap.
Abairtean na Litreach: gu bheil oighreachd Cheann a Tuath na Hearaidh air a’ mhargaidh: that the North Harris estate is for sale (on the market); nan robh smachd aig a’ choimhearsnachd air an oighreachd air a bheil iad a’ fuireach: if the community controlled the estate on which they live; bha X an sàs ann an iomadach seòrsa gnìomhachais: X was involved in many types of business; ’s e gnìomhachas stèidhichte air èisg na mara a bha fa-near do dh’Uilleam: William had determined upon [establishing] a business based on the fish of the sea; cheannaich e Leòdhas agus na Hearadh còmhla bhon uachdaran a bh’ ann roimhe, Donnchadh MacMhathain: he bought Lewis and Harris together from the previous landlord, Duncan Matheson; nach robh càil fa-near dha ach àite-fuirich snog a lorg: that it was only his intention to find a nice place to live; am measg dhaoine air an robh spèis mhòr aige:among people whom he greatly respected; bhiodh feum aige air tuathanasan taobh a-muigh Steòrnabhaigh airson bainne a dhèanamh is a reic:he would need farms outside Stornoway to make and sell milk; bha e airson na tuathanasan mòra, gu h-àraidh ann an Coll is Griais, a ghlèidheadh: he wanted to preserve the big farms, particularly in Coll and Gress; gur ann tro bhliadhnaichean dòrainneach a’ Chogaidh Mhòir a dh’èirich an t-iarrtas airson an fhearainn sin: that it was during the harrowing years of the Great War that the demand for that land arose; bha Bòrd an Àiteachais air croitean a chruthachadh: The Board of Agriculture would have created crofts; mus do thòisich an cogadh: before the war began; bha a h-uile càil deasaichte airson strì mhòr mun fhearann: everything was set for a big struggle for the land; airson cridhe Gaidhealach an eilein: for the Gaelic heart of the island.
Puing-ghràmair na Litreach: [tha X] ag iarraidh co-dhiù ceithir gu leth millean not air an son: X wants at least four and a half million pounds for them. You will be familiar with the compound preposition airson. It is today spelt as one unhyphenated word in normal circumstances. But the two elements become separated in certain instances, ie when a possessive adjective intervenes. Thus we say air mo shon (for me); air do shon (for you), air a shon (for him), air a son (for her), air ar son (for us), air ur son (for you pl.) and air an son (for them). Learners sometimes forget this and try to say eg airson iad for “for them” or airson mise for “for me”. These are wrong constructions. The more you get familiar with old Gaelic proverbs, the easier it will be to remember such things. For example, there is a proverb, sometimes directed at selfish humans, which goes: ’S ann air a shon fhèin a nì an cat crònan (it’s for himself that the cat purrs). The fhèin commonly goes with this construction eg air mo shon fhèin, tha mi coma mu dheidhinn (as for me myself, I am indifferent about it).
Gnàthas-cainnt na Litreach: ’s e tìde a dh’innseas dè thachras: it’s time that will tell what happens. Sometimes you just hear ’s e tìde a dh’innseas (time will tell).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn