FaclairDictionary EnglishGàidhlig

854: Fuaimneachadh ‘Feadhainn’

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fuaimneachadh ‘Feadhainn’

Gaelic Gàidhlig

Ciamar a tha sibh fhèin a’ fuaimneachadh an fhacail F-E-A-D-H-A-I-N-N? Bidh feadhainn ag ràdh ‘feadhainn’. Bidh feadhainn ag ràdh ‘feadhainn’…! Tuigidh sibh gu bheil mi air duilgheadas adhbharachadh dhomh fhìn anns an litir sgrìobhte, oir tha ceithir diofar dhòighean ann airson am facal fhuaimneachadh.

Seo iad – feƔin, fyeoin, feoin agus fyeƔin. Ma tha sibh ag ionnsachadh na Gàidhlig, ciamar a chanas sibh fhèin e? ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn dòigh ur tidseir. ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn na dualchainnt a thathar a’ bruidhinn anns an sgìre agaibh.

Ma tha sibh a’ fuireach ann an sgìre far an robh dualchainnt Ghàidhlig ann gu o chionn ghoirid, ged nach eil i ann an-diugh, dh’fhaodadh sibh am fuaimneachadh sin a chleachdadh. Ach bidh cuid agaibh a’ cur na ceist – ciamar a bhios fios agam mun dòigh san tuirt na daoine facal àraidh, ma tha an dualchainnt air a dhol bàs?

Tha Dùghlas Friseal air làrach-lìn a chruthachadh le fiosrachadh mar sin oirre. Tha mapaichean ann de dh’Alba co-cheangailte ri suirbhidhean na Gàidhlig, a bh’ air an dèanamh eadar naoi ceud deug is caogad (1950), agus naoi ceud deug, seasgad ’s a trì (1963). Aig an àm sin, bha dualchainntean sgìreil fhathast beò cha mhòr air feadh na Gàidhealtachd.

A thaobh an fhacail ‘feadhainn’, tha Dùghlas air mapa a dhèanamh dhen dòigh a bh’ aig daoine anns gach sgìre am facal fhuaimneachadh. Thathar ag ràdh ‘ feƔin’ ann an Leòdhas agus timcheall Gheàrrloch. Anns an Eilean Sgitheanach, agus ann an Uibhist, Barraigh, Canaigh, pàirtean de dh’Earra-Ghàidheal is Siorrachd Pheairt, thathar ag ràdh ‘fyeoin’. Thathar ag ràdh ‘feoin’ ann am Muile, Àird nam Murchan is pàirtean de Shiorrachd Rois. Agus gheibhear ‘fyeƔin’ anns Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr, ann an Asainte agus Dùthaich MhicAoidh.

’S e fuaimneachadh ‘feadhainn’ dìreach aon rud air an tug Dùghlas sùil. Thug e sùil cuideachd air fuaimneachadh a’ ‘bh’ ann am meadhan facail. Mar eisimpleir, a’ chiad fhacal ann an ainm Colaiste na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach – Sabhal Mòr Ostaig. Bidh cuid ag ràdh ‘sa-val’, a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’ – ach tha sin fìor dìreach ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal. Anns a’ chòrr dhen dùthaich, bithear ag ràdh ‘so-al’ no ‘sow-al’, gun a bhith a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.

Agus tha am facal airson river inntinneach. An can sibh fhèin ‘a-vin’ no rudeigin eile, leithid ‘a-win’ no ‘a-in’? Bidh muinntir ceann a deas Earra-Ghàidheal ga fhuaimneachadh le ‘v’. Ach bithear cuideachd ann an Leòdhas is Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr. ’S ann dìreach anns a’ mheadhan, eadar an ceann a tuath agus an ceann a deas, nach eilear a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.

Tha tòrr fiosrachaidh eile air an làraich-lìn. Gheibh sibh an seòladh air a son anns a’ chunntas sgrìobhte dhen Litir seo air làrach a’ BhBC, làrach LearnGaelic.scot no ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich. Agus aon rud eile bhuaipe. Dè a’ Ghàidhlig agaibh air dream – ‘aisling’ no ‘bruadar’? Tha an diofar eadar sear is siar, seach eadar deas is tuath. Air taobh sear na Gàidhealtachd, ’s e ‘bruadar’ a chanar. Air an taobh an iar, ‘aisling’. Mo bheannachd air Dùghlas airson a chuid obrach.

Faclan na Litreach: fuasgladh: solution; suirbhidhean: surveys; aisling, bruadar: dream; a chanar: that is said.

Abairtean na Litreach: Tuigidh sibh gu bheil mi air duilgheadas adhbharachadh dhomh fhìn anns an litir sgrìobhte: you’ll understand that I’ve created a difficulty for myself in the written letter; tha ceithir diofar dhòighean ann airson am facal fhuaimneachadh: there are four different ways to pronounce the word; gum bi sibh a’ leantainn dòigh ur tidseir:that you’ll be following the way of your teacher; a’ leantainn na dualchainnt a thathar a’ bruidhinn anns an sgìre agaibh:following the dialect that is spoken in your area; ciamar a bhios fios agam mun dòigh san tuirt na daoine facal àraidh:how will I know about the way in which the people said a particular word; cha mhòr air feadh na Gàidhealtachd:almost throughout the Highlands; gheibhear X anns Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr, ann an Asainte agus Dùthaich MhicAoidh: X is found in Harris and the north-west of the mainland, in Assynt and the Mackay Country of North Sutherland; ’s e fuaimneachadh X dìreach aon rud air an tug Dùghlas sùil: the pronunciation of X is just one thing that Douglas examined; tha sin fìor dìreach ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal: that’s true only in southern Argyll; ’s ann dìreach anns a’ mheadhan: it’s only in the centre; eadar an ceann a tuath agus an ceann a deas: between the north and the south; nach eilear a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’: that the ‘bh’ isn’t pronounced like a ‘v’; gheibh sibh an seòladh air a son: you’ll get the address for it; anns a’ chunntas sgrìobhte dhen Litir seo: in the written account of this Litir; mo bheannachd air Dùghlas airson a chuid obrach: my felicitations to Douglas for his work.

Puing-chànain na Litreach: Douglas M Fraser’s very interesting website, which includes maps, is to be found at http://doug5181.wix.com/sgdsmaps. If you live in an area where a Gaelic dialect is still spoken, do as much as you can to make your speech conform to that pattern. There is great richness in the diversity of our language.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ma tha an dualchainnt air a dhol bàs: if the dialect has become extinct.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 550

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean