5: Òraid ann an Inbhir Nis
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Òraid ann an Inbhir Nis
Anns an naoidheamh linn deug, dh’èist eadar seachd is ochd mìle neach ann an Inbhir Nis ri òraid ann an Gàidhlig, a-muigh air latha fliuch, stoirmeil. Cha robh mòran a bharrachd na deich mìle neach a’ fuireach anns a’ bhaile aig an àm. Carson, ma tha, a thàinig na h-uibhir a-mach mar sin? An e ministear a bha a’ bruidhinn, neo fear-rannsachaidh a bh’ air tilleadh à dùthaich chèin? Chan e. ’S e murtair a bh’ ann. Agus bhathar a’ dol ga chrochadh.
Bha Uisdean MacLeòid, às Asainte ann an Cataibh. Bha e bliadhna ar fhichead a dh’aois nuair a mhuirt e fear, Murchadh Grannd, ann an Asainte anns a’ bhliadhna ochd ceud deug is deich ar fhichead (1830). Bha Grannd air a bhith a’ dol bho thaigh gu taigh, a’ reic stuth. Agus bha airgead aige. Mhuirt MacLeòid e agus ghoid e airgead is stuth eile a bh’ aige.
Thilg MacLeòid an corp ann an loch, agus chuir e clach mhòr air airson a chumail fon uisge. Ach bha seo as t-earrach, anns a’ Mhàrt agus, nuair a thàinig an samhradh, dh’fhàs an loch eu-domhainn, agus chunnaic cuideigin an corp. Cha b’ fhada gus an robh Uisdean MacLeòid fo chasaid gum b’ esan am murtair.
Bha a’ chùis gu bhith anns a’ chùirt as t-Sultain ann am bliadhna a’ mhuirt fhèin, ach bha dàil ann. Bha duilgheadas ann leis an diùraidh, agus an uairsin theich fear dhen luchd-fianais. Chaidh bliadhna seachad agus, mu dheireadh, nochd MacLeòid anns a’ chùirt as t-Sultain, ochd ceud deug ’s a h-aon deug ar fhichead (1831), ann an Inbhir Nis.
Bha mòran dhen chùis ann an Gàidhlig. Thug tri fichead duine ’s a sia-deug (76) fianais anns a’ chùirt, agus cha robh ach Gàidhlig aig a’ chuid a bu mhotha aca. Bha Beurla aig dìreach sianar neo seachdnar.
Thairis air a’ bhliadhna mus tàinig a’ chùis gu cùirt, cha do dh’aidich Uisdean MacLeòid idir gun do mhuirt e Murchadh Grannd. Ach, a dh’andeoin sin, chaidh an diùraidh na aghaidh. Bha e ciontach de mhèirle agus de mhuirt. Agus, an dèidh sin, nuair a bha e air ais anns a’ phrìosan, agus nuair a bha fios aige gu robhar a’ dol ga chrochadh, dh’aidich e am muirt.
Thàinig latha a’ chrochaidh, an ceathramh latha fichead (24mh) dhen Dàmhair. Bha a’ chroich ann an Inbhir Nis air a’ chladach ann an sgìre a Longman faisg air an àite far a bheil pàirc mhòr sgioba ball-coise Chaledonian Thistle an-diugh. Bidh muinntir Chaley Thistle toilichte ma thèid trì mìle neach a choimhead geam an-diugh. Ach bha seachd neo ochd mìle ann a’ coimhead crochadh Uisdein MhicLeòid o chionn còrr is ceud gu leth bliadhna.
Mus d’ fhuair e bàs, bha cothrom aig a’ mhurtair bruidhinn ris an luchd-coimhead, agus rinn e sin, ann an Gàidhlig, fad còrr is cairteal na h-uarach. Bha Gàidhlig aig co-dhiù a h-uile darna neach ann an Inbhir Nis aig an àm. Agus dhiùlt MacLeòid dhol gu a bhàs le Beurla air a bhilean.
“Chan eil bàs duine gun ghràs duine,” a-rèir an t-seanfhacail, agus dh’iarr Uisdean MacLeòid air an t-sluagh gun a bhith a’ dol ceàrr mar a chaidh esan. “Uisge-beatha,” thuirt e, “uisge-beatha, boireannaich, briseadh na Sàbaid agus cluich chairtean, ’s iad sin a thug don deireadh seo mi. Nam bithinn beò ceud bliadhna eile, cha chuirinn gloinne uisge-bheatha ri mo bhilean a-rithist.”
Nuair a bheir sinn sùil air a’ chùis an-diugh, feumaidh sinn a bhith onorach. Chan ann airson òraid Ghàidhlig a chluinntinn a chaidh suas ri ochd mìle neach ann, ach airson bàs fhaicinn. Nach math gu bheil na làithean sin seachad.
Faclan na na Litreach: òraid: speech; na h-uibhir: a large number; cèin: foreign; murtair: murderer; Asainte: Assynt; eu-domhainn : shallow; luchd-fianais: witnesses; ciontach: guilty; dh’aidich e: he admitted; croich: gibbet.
Abairtean na na Litreach: Cha b’ fhada gus an robh X fo chasaid: it was not long until X was accused; cairteal na h-uarach: quarter of an hour.
Puing ghràmair na na Litreach: Bhathar a’ dol ga chrochadh; he was going to be hanged. “Bhathar” is the impersonal form of the verb “to be” and is used to make the verb passive. In other words, the action is done without saying who did it. It is constructed by adding “thar” to “bha” (the past tense of the verb “to be”). This can also be done with “tha” and “bidh”. Thathar a’ dèanamh cheapairean: sandwiches are being made. Bithear a’ togail taigh:a house will be built. In some dialects, the terminal “r” is replaced by “s” ie bhathas, thathas, bitheas. This construction is particularly common in “officialese” but it is also heard regularly in everyday speech. …gu robhar a’ dol ga chrochadh; …that he was going to be hanged.
Seanfhacal na na Litreach: Chan eil bàs duine gun ghràs duine: no man’s death is without favour. When you say “bàs”, make sure that you make the vowel a long one. “Bas” (with a short vowel and written without the accent) means the “palm of the hand”. Failure to elongate the vowel could lead to an unfortunate misunderstanding! Note that “gun” lenites (or aspirates) the following consonant, if it is lenitable (ie for letters other than d, n and t). So we get “gun ghràs”, not “gun gràs”. The lenition, signified by an added “h”, softens the sound of the g.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn