348: Air do bhonnagan a ghaoil
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Air do bhonnagan a ghaoil
Is iomadh leabhar math Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. Gu dearbh, saoilidh mi gur e deagh bhliadhna a bh’ ann an 2005 airson foillseachadh Gàidhlig. Am measg nan leabhraichean a bu tarraingiche a nochd an-uiridh, bha fear a chaidh fhoillseachadh le Acair ann an Steòrnabhagh. Air a’ chiad shealladh chanadh tu, ’s dòcha, gur ann do chloinn a tha e. Ach saoilidh mi gum faigheadh mòran inbheach tlachd às cuideachd – an dà chuid fileantaich agus luchd-ionnsachaidh. Mholainn e gu sònraichte do phàrantan a tha a’ togail an cuid cloinne le Gàidhlig mar phrìomh chànan. Agus tha mi an dòchas gu bheil sin a’ gabhail a-steach a h-uile duine a bhios ag èisteachd ris a’ phrògram seo!
’S e an tiotal a th’ air an leabhar “Air do bhonnagan a ghaoil”, agus ’s e a th’ ann cruinneachadh de rannan do chloinn, a chaidh a chur ri chèile le Tormod Caimbeul à Nis ann an Leòdhas. ’S e cruinneachadh mòr a th’ ann, le faisg air dà cheud gu leth duilleag, agus dealbhan dathte brèagha an cois nan rannan. An t-seachdain seo, agus an ath-sheachdain, tha mi a’ dol a thoirt blasad dhen stuth a th’ anns an leabhar – agus tha mi an dòchas gun tèid sibh a-mach is gun ceannaich sibh fear!
Tha cuid de rannann ann a tha co-ionann ri feadhainn a nochdas ann am Beurla. Uaireannan tha e doirbh dèanamh a-mach an e eadar-theangachadh as coireach no an do dh’èirich iad gu neo-eisimeileach o chèile. Mar eisimpleir an rann Beurla:
Seagull, seagull, sit on the sand,
It’s never good weather when you’re on land
agus am fear Gàidhlig:
Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,
Na faiceam thu air talamh cruaidh:
Air talamh cruaidh ma nì thu fois,
Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.
Canaidh mi sin a-rithist gus an greimich sibh air:
Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,
etc…
Ach seo rann a tha le cinnt na eadar-theangachadh air fear ainmeil ann am Beurla. Tha mi an dùil gum mothaich sibh cò fear a th’ ann:
Seinn port na sia sg’inn,
Mo phòcaid làn sìol-cur;
Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir
Bha còrr is fichead druid;
Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas
’S a sheinn na h-eòin le spìd,
Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,
Ga chur air beulaibh rìgh.
Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais
A’ cunntadh suas nan sgillinn;
Bha bhanrigh anns a’ chùlaist
Ag ithe mìr is mil air;
Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh
Cur aodach air an ròp –
Nuas druid dhubh le sgreuch
Is spìon i dhith an t-sròn.
Tha mi an dùil gun do dh’aithnich sibh e. Tha e co-ionann ri “Four and Twenty Blackbirds”. Tha a’ Ghàidhlig gu math dlùth ris a’ Bheurla, nach eil? Seo agaibh a-rithist e, beagan nas luaithe, gus an glac sibh air an ruitheam. Bheir sinn sùil air feadhainn a bharrachd an ath-sheachdain:
Seinn port na sia sg’inn etc…
Faclan na Litreach: cruinneachadh: collection; blasad: taste; druid: starling.
Abairtean na Litreach: is iomadh X a chaidh fhoillseachadh: many X were published; a bu tarraingiche: the most attractive; air a’ chiad shealladh:at first sight; mholainn e gu sònraichte: I would particularly recommend it; gu bheil sin a’ gabhail a-steach a h-uile duine: that that takes in everybody; dealbhan dathte brèagha an cois nan rannan: beautiful coloured illustrations along with the verses; tha e doirbh dèanamh a-mach: it is difficult to make out; an do dh’èirich iad gu neo-eisimeileach: did they arise independently; gaoth is dìle: wind and rain; seinn port na sia sg’inn: sing the tune of the six pennies; nach b’ e siud an truinnsear brèagh’: wasn’t that a lovely plate; ga chur air beulaibh rìgh: to [being] put before the king; bha [a’] bhanrigh anns a’ chùlaist:the queen was in the parlour; mìr is mil air: bread with honey on it; nuas druid dhubh le sgreuch: down [came] a black starling with a scream; is spìon i dhith an t-sròn: and it plucked off her the nose.
Puing-chànain na Litreach: Na faiceam thu [air talamh cruaidh]: don’t let me see you [on dry land]. The last time we looked at faiceam was in Litir 153, nearly four years ago. Did you recognise it as being the first person imperative of faic? The -[e]am ending is diagnostic of this. It is not commonly met with. Faiceam and cluinneam are probably the commonest, eg cluinneam e (let me hear him/it).
Gnàthas-cainnt na Litreach: [a’] c ur aodach air an ròp : putting clothes on the [clothes] line. Note that we say ròp in Gaelic, or to give it its full name ròp-anairt (“linen-rope”) or ròp-aodaich (“clothes-rope”).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 44
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn