1243: Bàrd Mhealaboist (3)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Bàrd Mhealaboist (3)
Bha Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain, am measg nam bàrd as ainmeile ann an saoghal nan Gàidheal anns an fhicheadamh linn. Ma tha sibh comasach air Gàidhlig a leughadh, tha an leabhar Doras gun Chlàimhean, deasaichte le Catrìona Mhoireach, fìor mhath.
Bidh sinn a’ fàgail soraidh aig Murchadh an-diugh. Ach, roimhe sin, bheir sinn sùil air dà òran ainmeil aige. An toiseach – an t-òran a bh’ againn an t-seachdain sa chaidh – Mhòrag, Leat Shiùbhlainn. ʼS e òran gaoil a th’ ann. Chan eil fhios a’m an robh ‘Mòrag’ stèidhichte air boireannach sam bith, ach bha i fìor mhath air seinn, a rèir choltais. Seo agaibh an treas rann:
An uair a ghleusas i suas a h-òran,
An uiseag, thèid i na tàmh ʼs an smeòrach,
ʼS iad ri ʼg èisteachd ceòl nèamhaidh, ro-bhinn,
Ceòl binn gun èislean bho beul a’ dòrtadh.
Anns an rann sin, tha am bàrd a’ dèanamh coimeas eadar an t-seinn aig Mòrag agus dà eun a tha ainmeil airson an seinn – an uiseag agus an smeòrach. Anns an dàrna rann mu dheireadh, tha Murchadh a’ cur nar cuimhne gun robh e beò nuair a bhiodh feadhainn às na h-eileanan a’ sealg nam mucan-mara a-mach à South Georgia:
Dh’fhalbhainn deònach gu ruige Georgia,
ʼS shàthainn sleagh anns na mucan mòra,
ʼS dh’fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn,
Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.
Tha an loidhne mu dheireadh snog, nach eil? Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan. I would appeal for no reward, my love, but your kisses.
Mu dheireadh, tha mi airson sùil bheag a thoirt air an òran as ainmeile, chanainn, aig Murchadh MacPhàrlain. ʼS e sin “Cànan nan Gàidheal”. Bha Murchadh a’ dìon cliù na Gàidhlig gu mòr na bhàrdachd agus na bheatha. Tha an t-òran a’ tòiseachadh mar seo:
Cha b’ e sneachda ʼs an reothadh o thuath,
Cha b’ e ʼn crannadh geur, fuar on ear,
Cha b’ e ʼn t-uisge ʼs an gailleann on iar,
Ach an galar a bhlian on deas
Blàth, duilleach is stoc agus freumh,
Cànan mo thrèibh is mo shluaigh.
Bha am bàrd a’ dèanamh soilleir nach e droch aimsir na Gàidhealtachd a bu choireach ri crìonadh na Gàidhlig, ach ‘an galar on deas’. Bha e a’ ciallachadh le sin cànan is cultar nan Gall.
Tha an treas rann dhen òran a’ riochdachadh brìgh an òrain air fad. Seo e:
Ged theich i le ʼbeath’ às na glinn,
Ged ʼs gann i ʼn-diugh chluinnear nas mò
O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim Uachdair nam bò,
Ach thugainn, thig còmh’ rium gu siar
ʼS i fhathast ann ciad chainnt an t-sluaigh.
Bha Murchadh a’ tuigsinn mar a bha an cànan air a dhol sàmhach ann an glinn na Gàidhealtachd, ach gun robh i fhathast aig sluagh nan Eilean Siar mar chiad chànan. Seo an t-sèist. Math dh’fhaodte gum bi sibh eòlach air:
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn’,
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.
ʼS dòcha nach eil na faclan sin buileach cho fìrinneach an-diugh ʼs a bha iad ri linn Mhurchaidh. Ach ʼs e òran cumhachdach a th’ ann. Tha e a’ cur nar cuimhne gum bu chòir dhuinn còraichean ar cànain a sheasamh.
Faclan na Litreach: Bàrd Mhealaboist: the Melbost Bard; Murchadh MacPhàrlain: Murdo MacFarlane; roimhe sin: before that; leat shiùbhlainn: I would go with you; nan Gall: of the non-Gaels.
Abairtean na Litreach: deasaichte le Catrìona Mhoireach: edited by Catriona Murray; a’ fàgail soraidh aig: farewelling; an uair a ghleusas i suas a h-òran: when she begins to sing; an uiseag, thèid i na tàmh ʼs an smeòrach: the lark goes quiet, and the thrush; ceòl nèamhaidh, ro-bhinn: heavenly, extremely melodious music; a’ sealg nam mucan-mara: hunting the whales; dh’fhalbhainn deònach gu ruige: I would willingly go to; shàthainn sleagh anns na mucan mòra: I’d cast a harpoon in the great whales; dh’fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn: I’d suffer cold and heat and torment; cha b’ e sneachda ʼs an reothadh o thuath: it wasn’t the snow and frost from the north; cha b’ e ʼn crannadh geur, fuar on ear: it wasn’t the cold, biting wind from the east; an galar a bhlian on deas blàth, duilleach is stoc agus freumh cànan mo thrèibh is mo shluaigh: the disease from the south that blighted the blossoms, foliage, trunk and roots of the language of my race and people; a bu choireach ri crìonadh na Gàidhlig: that was responsible for the decline of Gaelic; a’ riochdachadh brìgh an òrain: representing the essence of the song; ged theich i le ʼbeath’ às na glinn: though she fled for her life from the glens; ged ʼs gann i ʼn-diugh chluinnear nas mò o Dhùthaich MhicAoidh fada tuath gu ruig thu Druim Uachdair nam bò: although it is hardly heard today from the Mackay Country in the north till you reach Drumochter of the cows; thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar: come, join us, some with me to the west; gum bu chòir dhuinn còraichean ar cànain a sheasamh: that we should stand up for the rights of our language.
Puing-chànain na Litreach: Ceòl binn gun èislean bho beul a’ dòrtadh: melodious, flawless music pouring from her mouth. You will know that the preposition bho ‘from’ usually lenites the following noun. Here, however, we have beul not bheul. The reason is that between the two words there is the feminine possessive pronoun ‘a’ meaning ‘her’. This prevents the lenition of the noun, according to the rule governing possessive pronouns. The reason for omitting the possessive pronoun and not writing ‘bho a beul’ is to maintain the rhythm of the song. It is understood by the listener.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha Murchadh a’ dìon cliù na Gàidhlig: Murdo was defending Gaelic’s reputation.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 939
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn