992: Ùrnaigh na creubhaig
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ùrnaigh na creubhaig
A Thrianaid Bheannaichte , tha Thu ann an Ameireagaidh agus Astràilia, agus tha Thu ann an seo an-dràsta. Tha thu mar an iasg air an dubhan ʼs nach leig an reothairt dheth Thu. O Thusa, a Thrianaid Bheannaichte, tha Thu ann an seo an-dràsta, agus anns a’ Ghàidhealtachd agus ann an Inbhir Nis ʼs air na stìopallan àrda. Tha Thu an seo an-dràsta, agus sìos aig Baile Dhubhthaich. Tha Thu a’ toirt taigh sglèata do na h-uaislean, ach thug Thu dhomh a-mhàin bothan dubh sùitheach nach cum a-mach boinn’ uisge, agus a h-uile deur a’ tuiteam ann am brochan Fhearchair.
Uill, a-nise, chan ann tric a bhios mi a’ tòiseachadh na Litreach le ùrnaigh! Ach tuigidh sibh nach e ùrnaigh àbhaisteach a th’ innte. Cha chreid mi gun robh i air a lìbhrigeadh riamh o chùbaid ann an eaglais. Ach bha i co-cheangailte ri fear air an robh Fearchar mar ainm. A bheil fios agaibh cò am Fearchar?
Seo beagan a bharrachd dhen ùrnaigh: Beannaich an gobha a dhealbhas a’ chruaidh a ghearras an t-iarann airson a sparradh anns na clachan. Beannaich an talamh, a Thrianaid, agus an làthach, a’ chearc bhuidhe leis na h-eòin, a’ bhò bhàn, am bainne agus na caoraich. Beannaich mar an ceudna na h-eich, na cairtean, na crainn agus na cliathan, an coirc, an t-eòrna, am buntàta, an teine, an t-uisge agus a h-uile seòrsa de shoithichean – seadh, beannaich iad, a Thrianaid Bheannaichte.
Uill, bu chòir dhomh innse dhuibh cò am fear a sgrìobh an ùrnaigh, a rèir aithris, co-dhiù. Fearchar a’ Ghunna. Chan eil ainm Beurla aige, ach canaidh cuid ‘The Ross-Shire Wanderer’ ris. Bhuineadh e do Shrath Chonain faisg air Inbhir Pheofharain. Rugadh e ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a ceithir (1784). ʼS e falbhanach a bh’ ann, agus bheir sinn sùil air a bheatha an-ath-sheachdain. Ach tha mi airson tuilleadh dhen ùrnaigh aige a thoirt dhuibh. Tha mi cinnteach gu bheil i a’ dèanamh dealbh de bheatha Fhearchair – a bha gu cinnteach na chreidmheach.
Beannaich na craobhan, am feur agus mòine, an conasg, am fraoch, an raineach agus an t-aiteann. Beannaich mar an ceudna, a Thrianaid, na gunnachan, am fùdar agus luaidhe, na ròcaisean, na pioghaidean, cearcan-fraoich, maighich agus coineanan . Beannaich mar an ceudna na fèidh, na h-earban, na lachan fiadhaich agus callaidh, na geòidh, na faoileannan, na coin agus na cait, na luchan, radannan agus famhan. Beannaich an t-iasg anns a’ mhuir, loch, abhainn agus sruth, ach beannaich gu h-àraidh an sgadan mòr math a tha sinn a’ faighinn leis a’ bhuntàta.
A, uill, tha e furasta aithneachadh dè am biadh a b’ fheàrr leis ar laoch! Ach dè eile a bu toigh leis? Uill, thig sinn gu sin ann an tiotan. ʼS e ainm na h-ùrnaigh seo Ùrnaigh na Creubhaig. ʼS e ainm car annasach a th’ ann oir, mar as trice, bidh am facal creubhag a’ riochdachadh boireannach beag, seach fear beag. Co-dhiù, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh a-nise deireadh na h-ùrnaigh:
Agus beannaich, a Thrianaid Bheannaichte, na pìoban tombaca, cruaidh agus clachan spor, cnàmhan, itean, luideagan, iuchraichean agus iarann. Beannaich mar an ceudna am fiodh, cainb, cotain agus tì ʼs siùcar, ged nach eil cuibhreann Fhearchair bhochd dhiubh ach beag. Beannaich a h-uile nì, a Thrianaid Bheannaichte, oir chruthaich Thusa, Thu Fhèin iad uile. Amen.
Faclan na Litreach: Baile Dhubhthaich: Tain; làthach: gutter; falbhanach: wanderer, person of no fixed abode; cearcan-fraoich: grouse (plural); famhan: moles; cainb: hemp.
Abairtean na Litreach: iasg air an dubhan ʼs nach leig an reothairt dheth Thu: a fish on the hook and the high [spring] tide will not release you; air na stìopallan àrda: on the high steeples; Tha Thu a’ toirt taigh sglèata do na h-uaislean: You give the gentry a slate-roofed house; thug Thu dhomh a-mhàin bothan dubh sùitheach nach cum a-mach boinn’ uisge: You only gave me a sooty black bothy that won’t keep out a drop of water; a h-uile deur a’ tuiteam ann am brochan Fhearchair: every drop falling in Farquhar’s porridge; nach e ùrnaigh àbhaisteach a th’ innte: that it’s not a normal prayer; beannaich an gobha a dhealbhas a’ chruaidh a ghearras an t-iarann airson a sparradh anns na clachan: bless the blacksmith who creates the steel that cuts the iron to be driven into the stones; mar an ceudna: likewise; na crainn agus na cliathan: the ploughs and the harrows; bhuineadh e do Shrath Chonain faisg air Inbhir Pheofharain: he belonged to Strathconon near Dingwall; am feur agus mòine, an conasg, am fraoch, an raineach agus an t-aiteann: the grass and peat, the gorse, the heather, the bracken and the juniper; na h-earban, na lachan fiadhaich agus callaidh, na geòidh, na faoileannan: the roe deer, the ducks, wild and tame, the geese, the seagulls; an sgadan mòr math a tha sinn a’ faighinn leis a’ bhuntàta: the good, big herring that we get with potato; tha e furasta aithneachadh dè am biadh a b’ fheàrr leis ar laoch : it is easy to recognise what food our hero liked best; clachan spor, cnàmhan, itean, luideagan: flints, bones, feathers, rags; ged nach eil cuibhreann Fhearchair bhochd dhiubh ach beag: even though poor Farquhar’s share of them is but small.
Puing-chànain na Litreach: na ròcaisean, na pioghaidean, cearcan-fraoich, maighich agus coineanan : if you’re a Gaelic learner in Easter Ross, with no native dialect speakers to help you, old accounts like Ùrnaigh na Creubhaig can help you find out what words were used locally. Ròcaisean is translated in the book ‘Fearchar a’ Ghunna’ as ‘crows’ not ‘rooks’. Pioghaidean ‘magpies’ are rare in the north these days – were they once more common? Maighich is ‘hares’ (rather than gearran) and coineanan is used for ‘rabbits’ rather than coineanaich or rabaidean.
Gnathas-cainnt na Litreach: A Thrianaid Bheannaichte: Oh, Blessed Trinity.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 688
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn