FaclairDictionary EnglishGàidhlig

576: Oidhche nan Seachd Suipearan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Oidhche nan Seachd Suipearan

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu Sheachd Cadalaichean an t-Saoghail no The Seven Sleepers of the Earth – creutairean a bhathar a’ smaoineachadh a chuireadh seachad an geamhradh ann an Alba, seach a bhith a’ falbh a dhùthaich chèin. Tha fhios gun robh Gàidheil na h-Alba eòlach orra ach cha d’ fhuair mi liosta dhiubh ann an Gàidhlig. Ge-tà, fhuair ann an cànan a tha gu math dlùth ris an tè againn fhèin – Gaelg no Gàidhlig Eilean Mhanainn. Ach, mar a chì sibh, tha barrachd na seachd ann oir, ged a bha daoine ag aontachadh nach robh ann ach seachd, cha robh iad ag aontachadh dè bh’ annta!

Seo na Seachd Cadalaichean ann am beul-aithris Mhanainneach (ged a tha mi a’ cur ainmean Albannach orra): an ialtag, a’ chuthag, an clacharan, an gobhlan-gaoithe, an t-seilcheag, an dallag, an dealan-dè, an seillean agus an dearc-luachrach. Tha mi an dòchas gun do thuig sibh na h-ainmean sin uile: an ialtag (no bat), a’ chuthag (no cuckoo), an clacharan (no stonechat), an gobhlan-gaoithe (no swallow), an t-seilcheag (no snail), an dallag (no dormouse), an dealan-dè (no butterfly), an seillean (no bee) agus an dearc-luachrach (no lizard).

’S e sin liosta gu math inntinneach, nach e – ged a tha eagal orm gun robh na seann daoine ceàrr mun chuthaig, clacharan is gobhlan-gaoithe. Bidh iadsan a’ falbh air sgèith don leth-chruinne mu dheas anns a’ gheamhradh. Thèid iad à fianais ach cha tèid iad a chadal. Agus tha cearcall-beatha aig an dealan-dè a tha a’ fàgail nach bi a leithid a’ nochdadh anns a’ gheamhradh.

Ann an cànanan Eòrpach eile, thathar a’ dèanamh ceangal eadar an àireamh seachd agus cadal. Mar eisimpleir ann an Suaineis tha sjusovare (“seachd-cadalaiche”) a’ ciallachadh cuideigin a tha a’ faighinn cadal trom airson ùine ro mhòr. Tha faclan coltach ri sin ann an Gearmailtis is Ungairis cuideachd. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig sin bhon traidisean Chrìosdail co-cheangailte ri Seachd Cadalaichean Ephesus a dh’ainmich mi an t-seachdain sa chaidh.

Mus fhàg mi an àireamh seachd, an cuala sibh riamh an abairt Sìde nan Seachd Sian ? Tha sin a’ ciallachadh sìde no aimsir a tha fìor dhona. Nise, tha am facal sian a’ ciallachadh “stoirm”. Ach chan eil mi an dùil gu bheil an abairt seo a’ ciallachadh the weather of the seven storms. Tha sian cuideachd a’ ciallachadh element. Tha mi an dùil gu bheil Sìde nan Seachd Sian a’ ciallachadh the weather of the seven elements – a h-uile seòrsa aimsir a dh’fhaodadh a bhith ann, còmhla.

Ach dè tha anns na seachd siantan no dè bh’ annta anns an t-seann aimsir? Uill, a rèir Dwelly, seo iad: teine, èadhar, talamh, uisge, deigh, gaoth agus dealanaich. Teine, èadhar, talamh, uisge, deigh, gaoth agus dealanaich. Na seachd siantan, co-dhiù ann am beachd nan seann Ghàidheal.

Agus a rèir choltais chanadh neach ri neach eile, nam biodh e a’ dèanamh mallachd air: “Deireadh nan Seachd Sian Ort!” Tha mi an dùil gum biodh sin a’ ciallachadh gun tigeadh beatha an duine eile gu crìch ann an dòigh uabhasach.

Bheir sinn sùil a bharrachd air an àireamh seachd an ath-sheachdain ach tha mi airson tòimhseachan a thoirt dhuibh an-dràsta. Dè th’ ann an Oidhche nan Seachd Suipearan. Oidhche nan Seachd Suipearan. Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: ialtag: bat; cuthag: cuckoo; clacharan: stonechat, gobhlan-gaoithe: swallow; seilcheag: snail; dallag: dormouse; dealan-dè: butterfly; seillean: bee; dearc-luachrach: lizard; cearcall-beatha: life cycle; stoirm: storm.

Abairtean na Litreach: creutairean a bhathar a’ smaoineachadh a chuireadh seachad an geamhradh: creatures that it was thought would spend the winter ; seach a bhith a’ falbh a dhùthaich chèin: rather than be leaving for a foreign land; cha robh iad ag aontachadh dè bh’ annta: they weren’t agreeing what they were; bidh iadsan a’ falbh air sgèith don leth-chruinne mu dheas: they fly away to the southern hemisphere; thèid iad à fianais ach cha tèid iad a chadal: they disappear but they don’t hibernate; a tha a’ fàgail nach bi a leithid a’ nochdadh anns a’ gheamhradh: which means that such things don’t appear in the winter; Gearmailtis is Ungairis: German and Hungarian [languages]; teine, èadhar, talamh, uisge, deigh, gaoth agus dealanaich: fire, air, earth, water, ice, wind and lightning; co-dhiù ann am beachd nan seann Ghàidheal: at least in the view of the old Gaels; a rèir choltais: apparently; chanadh neach ri neach eile: one person would say to another; nam biodh e a’ dèanamh mallachd air: if he were cursing him; gun tigeadh beatha an duine eile gu crìch ann an dòigh uabhasach: that the other’s life would come to an end in a terrible way; tha mi airson tòimhseachan a thoirt dhuibh an-dràsta: I want to give you a puzzle; Oidhche nan Seachd Suipearan: the night of the seven suppers.

Puing-chànain na Litreach: Perhaps not all cadalagan or cadalain are cadalaichean ie hibernators. In Archibald Cregeen’s Manx Dictionary “Fockleyr ny Gaelgey” a cadlag is given as “a sleeper, a sluggard, such as sleep a long time, as the bat, butterfly etc”. However, Dwelly gives cadalag as a Gaelic equivalent of “slug” ie a little slumbering one – not meaning that it hibernates, but that it has a “sluggardly” demeanour. The English dialect on Man has borrowed cadlag from Gaelg and it can mean a small lazy fish; this must be the same as our cadalan-tràghad (Dwelly p 145) “a semi-dormant fish found on the shore. When any person was extremely slow at work, he was compared to the cadalan-tràghad .” Do any of you know the English (or Latin) for cadalan-tràghad ?

Gnathasan-cainnt na Litreach Sìde nan Seachd Sian: terrible weather [lit. the weather of the seven elements]; Deireadh nan Seachd Sian Ort!: an imprecation which is really untranslatable but which wishes no favours on the object!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 272

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean