1237: Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Sheumas MacDhonnchaidh, an lus-eòlaiche. Eadar an Cèitean agus an Dàmhair ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1768) chaidh e air chuairt mhòr ann an sgìrean Gàidhealach. Sgrìobh e notaichean mu na daoine.
Cha robh beachd ro mhath aige air na taighean aca. Ach bha na leapannan aca gu math cofhurtail. Bha iad air an dèanamh de fhraoch no de chonnlach le bàrr nan lusan gu h-àrd. Bha iad coltach ri leapannan le spriongaichean mar a th’ againn an-diugh oir bhiodh cumadh nan lusan a’ tilleadh nuair nach robh na daoine nan laighe orra.
Bidh mi a’ fuine aran gu tric agus bha mi riamh a’ meòrachadh air mar a ghlèidh daoine beirm anns an t-seann aimsir. Uill, tha Seumas MacDhonnchaidh ag innse dhuinn. Bhiodh iad a’ gearradh slat-dharaich mu cheithir no còig òirlich ann an cuairt-thomhas. Bhiodh iad ga snìomh agus an uair sin ga cur ann am beirm ùr airson grunn uairean a thìde. Bhiodh iad a’ crochadh na slaite snìomhte airson a tiormachadh.
Nuair a bha iad feumach air beirm, can airson deoch mar leann a dhèanamh, bhiodh iad a’ toirt na slaite-daraich sìos agus ga cur ann am poit anns an robh brailis meadh-bhlàth. An ceann dà uair a thìde bhiodh beirm aca deiseil airson cleachdadh.
Airson leathar a chartadh, bha na Sgitheanaich a’ cleachdadh nam freumhaichean aig lus beag ris an canar Cairt-làir no Tormentil. Bhiodh daoine cuideachd a’ cartadh no a’ glanadh a-mach caolain nan laogh as t-Earrach. Bha na banaraich a’ cur dà lus gu feum airson sin.
B’ e fear dhiubh Scots lovage no Sunais ann an Gàidhlig. B’ e am fear eile lus brèagha ris an canar Roseroot ann am Beurla. Ann an Gàidhlig, ʼs e sin Lus nan Laoch. Thathar ag ràdh gur e as coireach ri ainm gu bheil e doirbh a lorg ach a-mhàin air creagan is bearraidhean. Feumaidh tu a bhith nad laoch airson fhaighinn!
Uill, a rèir na dh’aithriseas Seumas MacDhonnchaidh, ʼs e Lus nan Laogh, chan e Lus nan Laoch, a chanadh na Sgitheanach ris. Agus bhiodh sin gu math coltach. ʼS e lus eile air a bheil ‘Lus nan Laogh’, ann an cuid de dh’àiteachan, an Trì-bhileach no Bogbean oir tha sin air a chur gu feum airson slàinte nan laogh anns an aon dòigh.
Cuideachd anns an Eilean Sgitheanach, tha Seumas ag innse dhuinn mu mar a fhuair na daoine diofar dhathan airson clò a dhathadh. Fhuair iad buidhe bho bhàrr an fhraoich. Airson dearg, bha Lus an Leasaich no an Rù (Lady’s Bedstraw ann am Beurla) na b’ fheàrr na Màdar.
Ann am Muile, bhiodh a’ chlann gu tric a’ fulang le dathagan no worms. Airson sin, bhiodh daoine a’ gabhail deoch de roid no Bog-myrtle. Ann am Muile agus san Eilean Sgitheanach, bhiodh boireannaich ag òl deoch de Gharbhag an t-Slèibhe (the Fir Clubmoss) airson casg-breith adhbharachadh. Chan eil MacDhonnchaidh ag innse dhuinn cho èifeachdach ʼs a bha i no dè na frith-bhuaidhean a bha i ag adhbharachadh.
Agus tha e ag innse dhuinn mu mar a bhiodh na boireannaich a’ seinn fhad ʼs a bha iad a’ luadhadh a’ chlò ann an còmhlan. A bheil aithris nas tràithe na seo air na h-òrain luadhaidh a tha cho ainmeil ann an dualchas nan Gàidheal?
Faclan na Litreach: Seumas MacDhonnchaidh: James Robertson; lus-eòlaiche: botanist; leapannan: beds; beirm: yeast; banaraich: milking maids; laoch: hero; laogh: calf; creagan is bearraidhean: crags and cliffs; dathagan: intestinal worms; na h-òrain luadhaidh: the waulking songs.
Abairtean na Litreach: Eadar an Cèitean agus an Dàmhair: between May and October; cha robh beachd ro mhath aige air na taighean aca: he had a poor opinion of their houses; air an dèanamh de fhraoch no de chonnlach le bàrr nan lusan gu h-àrd: made of heather or straw with the tops of the plants uppermost; coltach ri leapannan le spriongaichean: like beds with springs; bhiodh cumadh nan lusan a’ tilleadh nuair nach robh na daoine nan laighe orra: the shape of the plants would return when nobody was lying on them; slat-dharaich mu cheithir no còig òirlich ann an cuairt-thomhas: an oak rod about four or five inches in circumference; bhiodh iad ga snìomh: they would twist it; can airson deoch mar leann a dhèanamh: such as for making a drink like beer; ann am poit anns an robh brailis meadh-bhlàth: in a pot in which there was lukewarm wort; airson leathar a chartadh: to tan leather; a’ glanadh a-mach caolain nan laogh as t-Earrach: cleaning out the intestines of the calves in the Spring; a rèir na dh’aithriseas X: according to what X reports; mar a fhuair na daoine diofar dhathan airson clò a dhathadh: how the people obtained various colours for dyeing cloth; airson casg-breith adhbharachadh: to cause an abortion; cho èifeachdach ʼs a bha i: how effective it was; dè na frith-bhuaidhean a bha i ag adhbharachadh: what side effects it was causing; fhad ʼs a bha iad a’ luadhadh a’ chlò ann an còmhlan: while they were waulking the tweed in a group.
Puing-chànain na Litreach: air chuairt mhòr ann an sgìrean Gàidhealach: on a great journey in Highland [Gaelic-speaking] areas. Remember the rule for leniting an attributive adjective that qualifies a plural noun in the nominative or dative case. Gender is irrelevant. It’s all to do with the terminal vowel in the noun. If it is slender (it will almost always be an ‘i’), then the adjective is lenited e.g. balaich mhòra, bodaich Shasannach. If it is broad (almost always an ‘a’) there will be no lenition. Thus, although we say sgìre Ghàidhealach (sgìre being feminine), we say sgìrean Gàidhealach.
Gnàthas-cainnt na Litreach: bhiodh sin gu math coltach: that would be quite likely.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 933
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn