357: Muir is Tìr
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Muir is Tìr
Tha mi a’ toirt sùil a bharrachd air an leabhar a chuir Seòras Chaluim Sheòrais nach maireann ri chèile. ’S e an t-ainm a th’ air Muir is Tìr agus chaidh fhoillseachadh ann an Steòrnabhagh le Acair. Bha Seòras à Beàrnaraigh, air taobh an iar Leòdhais. Tha mi a’ dol a leughadh pìos a sgrìobh e mu “Na Tonnan”: Tha meud nan tonn an crochadh air 1. neart na gaoithe; 2. dè an ùine a tha stoirm a’ leantainn; 3. dè an fharsaingeachd mara thairis air a bheil a’ ghaoth a’ siubhal.
Aon uair ’s gu bheil tonn air a chur air ghluasad, eadhon ann am fèath, imichidh i mìltean de mhìltean là às dèidh là. Mar a tha na tonnan a’ dol air adhart tha an àird aca a’ dol nas lugha, ach tha an fhaid aca (bho fìor mhullach aon tonn gu fìor mhullach na h-ath tè) a’ dol nas fhaide. Tha iad a’ dol nas luaithe ’s nas luaithe gus mu dheireadh gu bheil iad air thoiseach air an stoirm a chuir air ghluasad iad. Seo mar a tha droch mhuir na chomharra gu bheil droch thìde a’ tighinn. Muir a’ fàs dona an toiseach, ’s an stoirm a’ tighinn air a shàil.
Bidh a’ mhòr-chuid eòlach air sin mu thràth, ’s dòcha. Ach tha an t-uabhas fiosrachaidh anns an leabhar nach fhaighte ann an àite sam bith eile, cha mhòr. Mar eisimpleir, seo tòimhseachan dhuibh, stèidhichte air fiosrachadh san leabhar: Tha sibh a’ lorg rudeigin air grunnd na mara. Air an rud tha na pìosan a leanas: crùn, gàirdean, fiacail, bas, amhach, gob, calpa, stoc, gualann, fàinne, ciabhag agus dealg na ciabhaig. Dè th’ anns an rud air grunnd na mara?
Uill, cha chuireadh e iongnadh orm nan canadh sibh, “duine”, oir nach ann air duine a lorgar gàirdean, fiacail, amhach, calpa is mar sin air adhart? ’S ann, gun teagamh, ach chan e duine a th’ ann. ’S e acair a th’ ann. Acair. Chan e companaidh foillseachaidh, tuigidh sibh, ach an rud a cheanglas bàta ri grunnd na mara agus a chumas san aon àite i.
Tha measgachadh anns an leabhar de rudan traidiseanta a bhuineadh don Ghàidhealtachd agus gnothaichean eadar-nàiseanta air am bi iasgairean is maraichean eòlach. A bheil sibh fhèin eòlach air na seòrsaichean sgòthan a chithear anns an adhar? Tha mi a’ dol a thoirt tuairisgeul dhuibh de thrì. Feuchaibh ri dèanamh a-mach dè na trì a th’ ann. 1. Sgòthan glè àrd. Tha iad geal mìn-shìodach mar itean. Sgòthan glè àrd. Tha iad geal mìn-shìodach mar itean. ’S e sin cirrus. 2. Sgòthan meadhanach àrd. Tha iad cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair. Sgòthan meadhanach àrd. Tha iad cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair. ’S e sin alto-cumulus. 3. Sgòthan ìosal. Tha iad mar chlòimh canaich le bonn còmhnard agus mullaich chruinn. ’S e sin cumulus.
Agus dè tha anns a’ chumantas eadar na tachartasan seo? Cearcan a’ rèiteachadh an itean is geòidh fhiadhaich ag itealaich chun a’ mhonaidh. Tha iad le chèile ag innse gu bheil droch shìde air an rathad. Agus dè mu dheidhinn seo mar chomharra de dh’aimsir nan eilean? Deàlradh na maidne: The too brilliant sunny morning, foretelling showers and rain(!) Chan eil math dhuinn a bhith cus ro dhòchasach mun aimsir, a bheil?
Agus, air a’ chuspair sin: Meanbhchuileagan: Midges, foretelling rain. Meanbhchuileagan agus uisge. Nach eil sin a’ cur nar cuimhne nach eil an samhradh fad às!
Faclan na Litreach: Seòras Chaluim Sheòrais: George, son of Calum, who was son of George; Beàrnaraigh [Mòr]: Great Bernera; tuairisgeul: description.
Abairtean na Litreach: chaidh fhoillseachadh ann an Steòrnabhagh: it was published in Stornoway; dè an fharsaingeachd mara thairis air a bheil a’ ghaoth a’ siubhal: what extent of sea over which the wind is moving; aon uair ’s gu bheil tonn air a chur air ghluasad: once a wave is set in motion; eadhon ann am fèath: even in calm weather; imichidh i mìltean de mhìltean: it will travel thousands of miles; bho fìor mhullach aon tonn gu fìor mhullach na h-ath tè: from the crest of one wave to the crest of the next one; droch thìde: bad weather [more commonly droch shìde]; nach fhaighte ann an àite sam bith eile, cha mhòr: which would not be obtained in any other place, almost; grunnd na mara: the seabed; crùn:crown; gàirdean: arm; fiacail: tooth, fluke; bas: palm; amhach: throat; gob: bill; calpa:shank; stoc: stock; gualann: shoulder; fàinne: ring; ciabhag: forelock; dealg na ciabhaig:forelock pin; acair: anchor; cha chuireadh e iongnadh orm: it wouldn’t surprise me; agus a chumas san aon àite i: and which keeps her in the one place; na seòrsaichean sgòthan a chithear anns an adhar: the types of clouds which are seen in the sky; mìn-shìodach mar itean: fine and silky like feathers; cnapach cruinn: in globular masses; mar chlòimh canaich le bonn còmhnard agus mullaich chruinn: like cotton wool with a flat base and domed heads; cearcan a’ rèiteachadh an itean: hens preening their feathers; geòidh fhiadhaich ag itealaich chun a’ mhonaidh: wild geese flying hillwards; nach eil an samhradh fad às: that summer isn’t far away.
Puing-chànain na Litreach: Tha meud nan tonn an crochadh air : the size of the waves depends on. Two things to mention here. The first is the very useful idiom an crochadh air meaning “depends on”. Secondly, a comment on the genitive plural nan tonn. According to the standard grammatical rules, where tonn is pluralised by a terminal –an (to tonnan, as in this dialect), the genitive plural (“of the waves”) should be the same as the nominative plural ie nan tonnan . But the irregular genitivisation here may be a historical relic from earlier norms. Note also that there is an alternative nominative plural tuinn. This pluralisation by slenderisation would make the genitive plural the same as the nominative singular ie nan tonn.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Muir a’ fàs dona an toiseach, ’s an stoirm a’ tighinn air a shàil: [the] sea getting bad to begin with, and the storm coming straight after it. Air a shàil means literally “on its heel”.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 53
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn