781: Ailean an Rids (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ailean an Rids (1)
Nuair a bha mi ann an Alba Nuaidh o chionn ghoirid, thachair mi ri Oighrig NicFhraing. Tha i à Alba bho thùs ach tha i air a bhith a’ fuireach ann an Alba Nuaidh fad ùine mhòr. Tha i am measg gaisgich is bana-ghaisgich na Gàidhlig a tha a’ fuireach ann an Màbu (agus cha bheag iad). Bha mi gu math toilichte coinneachadh rithe. Thug i lethbhreac dhomh dhen leabhar ghrinn aice Às a’ Bhràighe. Mo bheannachd oirre.
Tha an leabhar mu dheidhinn fear a bha na bhàrd ann an Alba Nuaidh anns an naoidheamh linn deug. B’ esan Ailean Dòmhnallach no Ailean an Rids mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh e. Tha Ailean na dheagh eisimpleir de bheartas na Gàidhlig ann an Alba Nuaidh agus bu mhath leam rudeigin innse dhuibh mu dheidhinn.
Rugadh e ann an Allt an t-Srathain ann am Bràigh Loch Abar ann an seachd ceud deug, naochad ’s a ceithir (1794). B’ e a shloinneadh Ailean mac Alasdair ’ic Aonghais ’ic Alasdair Bhàin agus bhuineadh e do Dhòmhnallaich Bhoth Fhionndain. Bha athair Ailein, Alasdair Ruadh, na bhàrd cuideachd, a rèir choltais. Bha e cuideachd na dhròbhair. Tha e coltach gun d’ fhuair Ailean sgoil mhath ann an Gàidhlig is Beurla, ged a tha dùil gur ann san taigh-chèilidh, seach san sgoil, a dh’ionnsaich e tòrr dhen Ghàidhlig aige. Agus ’s ann san taigh-chèilidh a dh’ionnsaich e mu dhualchas Loch Abar agus na Gàidhealtachd.
Bha cùisean a’ fàs doirbh do Dhòmhnallaich Bhoth Fhionndain aig toiseach an naoidheamh linn deug. Ann an ochd ceud deug ’s sia-deug (1816), sheòl an teaghlach gu ruige Alba Nuadh. Ràinig iad tìr ann am Pictou, far an robh iomadach Gàidheal air a dhol romhpa. Ach cha robh iad an sin fada. Chùm iad a dol gu ruige Màbu ann an Eilean Cheap Bhreatainn, far an d’ fhuair iad fearann air druim no ‘rids’. ’S ann an uair sin a fhuair iad am far-ainm Rids.
Ann am Màbu bha iad am measg Ghàidheal Caitligeach, mòran aca à Loch Abar. An coimeas ri mòran de na co-chreutairean aca ann an Ameireagaidh a Tuath, cha robh iad aonarach. Bha Gàidhlig aig an nàbaidhean. Dh’èirich coimhearsnachd a bha gu bhith cha mhòr cho Gàidhealach ri gin anns an t-seann dùthaich. Tha Gàidhlig air a bruidhinn ann am Màbu chun an latha an-diugh.
Tha Oighrig a’ dèanamh coimeas eadar bàrdachd Ailein agus a’ bhàrdachd aig a’ Bhàrd MacIlleathain a bha a’ fuireach air tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe ann an suidheachadh aonaranach. Anns an dàn ‘A’ Choille Ghruamach’, sgrìobh e:
Mun dèan mi àiteach, ’s mun tog mi bàrr ann
’S a’ choille ghàbhaidh chur às a bonn
Le neart mo ghàirdean, gum bi mi sàraicht’
Is treis air fàilinn mu ’m fàs a’ chlann.
Tha a’ bhàrdachd aig Ailean an Rids a’ sealltainn beachd gu math eadar-dhealaichte. Bha e gu mòr a’ moladh na dùthcha ùr anns an d’ fhuair e fhèin is mòran Ghàidheal eile comraich.
Nis o ’n thàinig thu thar sàile
Chum an àite ghrinn,
Cha bhi fàilinn ort ri d’ latha
’S gach aon nì fàs dhuinn fhìn:
Gheibh thu mil air bhàrr nan lusan
Siùcar agus tì,
’S fheàrr dhut siud na ’n tìr a dh’fhàg thu
Aig a’ ghràisg na frìth.
Bheir sinn sùil a bharrachd air Ailean an Rids, agus a chuid bàrdachd, an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: Oighrig NicFhraing: Effie Rankin; gaisgich: heroes; Bràigh Loch Abar: Brae Lochaber.
Abairtean na Litreach: tha i air a bhith a’ fuireach ann an Alba Nuaidh fad ùine mhòr: she’s been living in Nova Scotia for a long time; a tha a’ fuireach ann an Màbu (agus cha bheag iad): who live in Mabou (and they are not scarce); thug i lethbhreac dhomh dhen leabhar ghrinn aice: she gave me a copy of her fine book; fear a bha na bhàrd: a man who was a bard; ged a tha dùil gur ann san taigh-chèilidh, seach san sgoil, a dh’ionnsaich e tòrr: although it’s thought it was in the ceilidh-house, rather than at school, that he learned a lot; far an robh iomadach Gàidheal air a dhol romhpa: where many Gaels had gone before them; far an d’ fhuair iad fearann: where they got land; am measg Ghàidheal Caitligeach: among Catholic Gaels; an coimeas ri mòran de na co-chreutairean aca: compared to many of their fellows; ri gin anns an t-seann dùthaich: as any in the old country; mun dèan mi àiteach, ’s mun tog mi bàrr ann: before I cultivate the land and raise a crop; ’s a’ choille ghàbhaidh chur às a bonn: and clear the awful forest; is treis air fàilinn mu ’m fàs a’ chlann: and (my) strength will fail before my children have grown; o ’n thàinig thu thar sàile: since you came across the sea; chum an àite ghrinn: to the fine place; gach aon nì fàs dhuinn fhìn: everything growing for us; gheibh thu mil air bhàrr nan lusan: you’ll get honey from the flowers; ’s fheàrr dhut siud na ’n tìr a dh’fhàg thu: that’s better for you than the land you left; aig a’ ghràisg na frìth: to the rabble as a deer forest.
Puing-chànain na Litreach: There is evident disagreement on the Gaelic original for Bohuntin. I have followed Iain Taylor’s Both Fhionndain‘Fintan’s Hut’ possibly referring to a saint, as this is relatively close to Ailean the Ridge’s own interpretation of Both-fhiunntain). However Watson gives Both Chunndainn ‘Booth of the Confluence’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh e:as he was best known (recognised).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 477
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn