FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1220: Teis-meadhan na h-Alba 

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Teis-meadhan na h-Alba 

Gaelic Gàidhlig

Bha mi o chionn ghoirid ann an trì àiteachan – anns an aon latha – aig a bheil rudeigin iongantach anns a’ chumantas eatarra. ʼS iad trì àiteachan a thathar a’ cumail a-mach a tha a’ comharrachadh teis-meadhan na h-Alba. Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘The Geographical Centre of Scotland’. Ciamar as urrainn trì àiteachan eadar-dhealaichte a bhith air an comharrachadh mar mheadhan cruinn-eòlach na h-Alba? Agus càit a bheil iad?

Thòisich mo thuras air Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt. Bha mi a’ siubhal gu tuath ann an carbad. B’ e a’ chiad àite a ràinig mi a tha – math dh’fhaodte – ann an teis-meadhan na h-Alba, beinn air a bheil Dùn Coilich.

Nise, chan eil Dùn Coilich ro àrd. Ach tha e faisg air beinn a tha fìor àrd agus ainmeil. ʼS e sin Sìth Chailleann – agus bidh cuid a’ cumail a-mach gu bheil Sìth Chailleann fhèin a’ comharrachadh teis-meadhan na h-Alba. Ach, a rèir tomhais, tha an làrach air cliathaich Dhùn Coilich.

Ciamar a thathar a’ tomhas teis-meadhan na h-Alba? ʼS e aon dòigh an centre of gravity method. Nam biodh tìr-mòr na h-Alba air a chruthachadh ann an cairt-bhòrd, ʼs e sin an t-àite far an cuireadh tu prìne agus sheasadh an dùthaich gun a bhith a’ tuiteam taobh seach taobh. Le bhith ga thomhas mar sin, ʼs e Dùn Coilich teis-meadhan na h-Alba.

An do mhothaich sibh gun tuirt mi ‘tìr-mòr na h-Alba’? Tha fhios gu bheil feadhainn agaibh a’ fuireach air eileanan! Nuair a bheir sinn na h-eileanan a-steach, tha teis-meadhan na dùthcha ann an àite eadar-dhealaichte. A rèir choltais, tha e ann an Athall, faisg air rathad mòr an A9. Agus chaidh mi seachad air sin anns a’ chàr mu leth-uair a thìde an dèidh Dhùn Coilich.

Ach bha aon àite eile a’ feitheamh rium, far a bheil teis-meadhan na h-Alba, mas fhìor. Tha e faisg air Bail’ Ùr an t-Slèibh ann an Gleann Truim. Aig aon àm, bha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gum b’ e seo meadhan na dùthcha. Shnaigh iad crois ann an clach ann an gàrradh ri taobh an rathaid. Tha i ann fhathast. Chuir iad plaig an-àirde cuideachd, barrachd air aon turas. Ach bha na plaigean air an goid. Mar sin, sguir iad bho bhith a’ cur plaigean ùra an-àirde.

Ge-tà, bha muinntir Bhàideanach airson ʼs gum biodh an t-àite air a chomharrachadh gu h-oifigeil. Ann an dà mhìle ʼs a còig-deug (2015), chaidh clach mhòr a chur ann ri taobh an rathaid. Tha plaig oirre a tha ag innse dhuinn gur e sin teis-meadhan na h-Alba.

Dè ur beachd fhèin? Cò am measg nan trì àiteachan a tha ann an teis-meadhan na h-Alba? Ciamar as urrainn tomhas a dhèanamh air dùthaich eileanach gun a bhith a’ gabhail a-steach nan eilean? Agus, co-dhiù, a bheil an t-Eilean Sgitheanach a-nise mar phàirt de thìr-mòr leis gu bheil drochaid ga cheangal ri tìr-mòr?

Agus bidh Alba ag atharrachadh fad na h-ùine. Bidh pìosan de na cladaichean againn a’ dol am meud. Bidh feadhainn eile a’ dol an lughad. Sin mar a tha. Aig a’ cheann thall, a bheil e gu diofar dè an t-àite a th’ ann an teis-meadhan na dùthcha?

Faclan na Litreach: Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt: Highland Perthshire; math dh’fhaodte: perhaps; Sìth Chailleann: Schiehallion; a’ tomhas: measuring, assessing; tìr-mòr: mainland; Athall: Atholl; Bail’ Ùr an t-Slèibh: Newtonmore; Gleann Truim: Glen Truim; an t-Suirbhidh Òrdanais: The Ordnance Survey; drochaid: bridge.

Abairtean na Litreach: anns an aon latha: in the same day; aig a bheil rudeigin iongantach anns a’ chumantas eatarra: which have something unusual in common between them; a thathar a’ cumail a-mach a tha a’ comharrachadh teis-meadhan na h-Alba: which is reckoned to mark the exact centre of Scotland; a’ siubhal gu tuath ann an carbad: travelling northwards in a vehicle; beinn a tha fìor àrd agus ainmeil: a mountain which is very high and famous; an t-àite far an cuireadh tu prìne agus sheasadh an dùthaich gun a bhith a’ tuiteam taobh seach taobh: the place where you would put a pin and the country would sit [there] without falling on either side; shnaigh iad crois: they carved a cross; clach ann an gàrradh ri taobh an rathaid: a stone in a stone wall next to the road; sguir iad bho bhith a’ cur plaigean ùra an-àirde: they stopped putting up new plaques; ciamar as urrainn tomhas a dhèanamh air dùthaich eileanach gun a bhith a’ gabhail a-steach nan eilean?: how can one measure a country which contains (has many) islands without including the islands?; bidh Alba ag atharrachadh fad na h-ùine: Scotland is changing all the time; sin mar a tha: that’s how it is; aig a’ cheann thall: in the final analysis; a bheil e gu diofar dè an t-àite a th’ ann an teis-meadhan na dùthcha?: does it matter what place is in the very centre of Scotland?

Puing-chànain na Litreach: Bidh pìosan de na cladaichean againn a’ dol am meud. Bidh feadhainn eile a’ dol an lughad: parts of our shoreline are expanding/increasing in size. Others are diminishing in size. These two expressions are really worth using and remembering. They can refer to more than geography. Tha a’ Ghàidhlig air a bhith a’ dol an lughad ro fhada, ach tha sinn an dòchas gun tèid i am meud anns an ùine romhainn ‘Gaelic has been diminishing for too long, but we hope she will increase in the future’. Note the use of the verb rach ‘go’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: far a bheil teis-meadhan na h-Alba, mas fhìor: where the centre of Scotland is [to be found], allegedly.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 916

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean