FaclairDictionary EnglishGàidhlig

286: Mairead Fay Sheathach (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mairead Fay Sheathach (1)

Gaelic Gàidhlig

Uaireannan bidh daoine a’ faighneachd dhiom – “a bheil seanfhacal ann a tha co-ionann ri leithid de sheanfacal ann am Beurla?” Uaireannan tha rudeigin ann, ach ’s ann tric nach eil co-ionannachd ann eadar an dà chànan san dòigh sin. Dh’fhaighnich cuideigin dhiom an robh fear ann a bha co-ionann ri “sticks and stones will break my bones but names will never harm me”. Agus an t-seachdain seo lorg mi fear a dh’fhaodadh a bhith a’ seasamh airson na h-aon smuain – cha dèanar cron air a’ ghealaich na coin a bhith comhartaich rithe. Faodaidh na coin comhartaich mar a thogras iad – cha chuir iad dragh sam bith air a’ ghealaich. Cha dèanar cron air a’ ghealaich na coin a bhith comhartaich rithe.

’S ann à Uibhist a Deas a tha an seanfhacal sin, agus lorg mi e ann an leabhar a chaidh a sgrìobhadh le boireannach a chaochail o chionn ghoirid aig aois mhòr. B’ ise Mairead Fay Sheathach, Margaret Fay Shaw, agus ’s e an t-ainm a th’ air an leabhar Folksongs and Folklore of South Uist. Leabhar fìor mhath a th’ ann.

Bha Mairead a’ fuireach ann am baile beag air taobh a deas Loch Baghasdail eadar naoi ceud deug, fichead ’s a naoi (1929) agus naoi ceud deug, trithead ’s a còig (1935). Ghabh i gràdh mòr air na daoine ann a sin, agus dh’ionnsaich i tòrr bhuapa. Agus, ged a phòs i – Fear Chanaigh, Iain Latharna Caimbeul, agus ged a chaidh i a dh’fhuireach ann an Canaigh, cha do chaill i a gràdh do dh’Uibhist a Deas. Agus ’s ann ann a sin a chaidh a tiodhlacadh a rèir a h-iarrtais fhèin.

Is iomadh rud prìseil a th’ anns an leabhar – eadar òrain, seanfhaclan, stòiridhean is fiosrachadh air biadh is air dàthadh clò. Ach bu mhath leam sùil a thoirt air seann leigheas no dhà a chruinnich Mairead am measg muinntir Uibhist. Mar eisimpleir, seo mar a bha cuid a’ dèanamh leigheas air cluas ghoirt, ged a bu chòir dhomh ràdh nach eil mi a’ moladh gum feuch sibh seo aig an taigh: cuir bàirneach air an teine agus thoir dheth i nuair a thòisicheas an sùgh innte air goil. Nuair a tha an sùgh fionnar gu leòr ’s nach loisg e an t-euslainteach, doirt na chluais e agus, airson a chumail ann, dùin a’ chluas le pìos clòimhe anns a bheil an ola nàdarrach fhathast.

Agus seo agaibh leigheas airson stopadh. Bidh cuid eòlach air mar ceangailteachd-cuim no teannachadhconstipation ann am Beurla. Bha diofar leigheasan ann airson sin. Bhiodh feamainn ùr bhon chladach, air a gearradh ann am pìosan is air a h-ithe a’ dèanamh a’ ghnothaich air an stopadh. Bhitheadh, agus freumhaichean lusa ris an canar lus nan laogh no an trì-bhileach. Sin lus air a bheil bogbean ann am Beurla a tha a’ fàs ann am boglaichean. Bhiodh na daoine ga ghlanadh is ga ghoil ann an uisge fad là gus am biodh an sùgh dubh dorch is tiugh. Bhiodh iad a’ sìoladh an t-sùgh’ agus dìreach làn spàin bheag dheth a thoirt don euslainteach oir tha e gu math cumhachdach, a rèir choltais.

Mus fhalbh mi an-diugh, bidh fios agaibh gur e a-màireach Là na Nollaige. Agus seo rann bho laoidh a bhiodh muinntir Uibhist a Deas is Eirisgeigh a’ gabhail air an oidhche seo fhèin mar phàirt dhen aifreann aig meadhan-oidhche. Fàgaidh mi le sin sibh, agus mi a’ guidhe deagh Nollaig dhuibh uile:

’S tusa grian gheal an dòchais

Chuireas dorchadas air fògairt;

Bheir thu clann-daoin’ bho staid bhrònaich

Gu naomhachd, soilleireachd is eòlas.

Faclan na Litreach: co-ionannachd: equivalence; Uibhist a Deas: South Uist; Fear Chanaigh: The Laird of Canna; cluas: ear; bàirneach:limpet; leigheas: cure; an stopadh: constipation; boglaichean: bogs; Là na Nollaige: Christmas Day; aifreann: mass (church); a’ guidhe: wishing.

Abairtean na Litreach: mar a thogras iad: as they wish; a chaochail o chionn ghoirid: who died recently; aig aois mhòr: at a great age; dh’ionnsaich i tòrr bhuapa: she learned a lot from them; cha do chaill i a gràdh do X: she never lost her love for X; a chaidh a tiodhlacadh:that she was buried; a rèir a h-iarrtais fhèin: according to her own request; nuair a thòisicheas an sùgh innte air goil: when the juice in it begins to boil; fionnar gu leòr ’s nach loisg e an t-euslainteach: cool enough not to burn the patient; dùin a’ chluas le pìos clòimhe: block the ear with a piece of wool; gus am biodh an sùgh dubh dorch is tiugh: until the juice were dark and thick; bhiodh iad a’ sìoladh an t-sùgha: they would filter the juice; làn spàin bheag dheth:a small spoon (teaspoon) of it; seo rann bho laoidh: here is a verse from a hymn; [a] chuireas dorchadas air fògairt: who will banish darkness; bheir thu clann-daoin’ bho staid bhrònaich: you will redeem mankind from sorrow; gu naomhachd, soilleireachd is eòlas: to sanctity, light and knowledge.

Puing-chànain na Litreach: Bhiodh feamainn ùr, air a gearradh is air a h-ithe a’ dèanamh a’ ghnothaich air an stopadh. Bhitheadh, agus freumhaichean lusa ris an canar “lus nan laogh”: fresh seaweed, cut up and eaten would cure constipation. So would the roots of a plant called “the calves’ plant” (bogbean). I want to make the point here of how we say “so would” – it is by repetition of the conditional verb bhiodh, here in its emphatic form bhitheadh.This verbal repetition is commonly used for this purpose, whatever the tense or mood of the verb: eg chaidh X is Y don bhaile;chaidh, agus Z (X and Y went to town; so did Z); bha A agus B fada gun èirigh; bha, agus C(A and B were slow to rise; so was C); coimheadaidh sin am prògram a-nochd; coimheadaidh, is a h-uile duine (we will watch the programme tonight; so will everybody)

Seanfhacal na Litreach: Cha dèanar cron air a’ ghealaich na coin a bhith comhartaich rithe: the moon is not hurt [by] the dogs barking at her.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean