969: A’ Chathair agus an Dreagbhod
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
A’ Chathair agus an Dreagbhod
Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi a’ toirt sùil air trì de na reul-bhadan air a bheil ainmean Gàidhlig clàraichte againn. B’ iad sin An Sealgair Mòr, An Grioglachan agus, an t-seachdain sa chaidh, An Crann-arain. Tha dà rionnaig a tha mar phàirt dhen Chrann-arain air a bheil Merak agus Dubhe. Ma tharraingeas sibh loidhne bho Mherak gu Dubhe, agus ma leanas sibh oirbh, ruigidh sibh an Reul-iùil no Pole Star. Faodar an Reul-iùil a chleachdadh airson a bhith ri iùl no steòrnadh air an oidhche.
Ma tha sibh ag iarraidh dealbh math dhen Chrann-arain agus an Reul-iùil fhaicinn, cha leig sibh a leas ach coimhead air bratach stàite Alasga. ʼS e a th’ innte ach na h-ochd rionnagan sin air raon gorm, leis an Reul-iùil nas motha na ʼn fheadhainn eile.
Ma chumas sibh a dol air an aon loidhne tron Reul-iùil ruigidh sibh reul-bhad eile faisg air a’ Phola mu Thuath, a th’ ann an cumadh ‘w’. ʼS e sin A’ Chathair – the seat. A’ Chathair. Ann am Beurla, thathar a’ cleachdadh an ainm Ghreugaich – Cassiopeia.
ʼS e banrigh a bh’ ann an Cassiopeia. Chaidh i a-mach air Poseidon, dia na mara, agus chaidh a cur don iarmailt mar pheanas. Bhiodh i a’ dol timcheall a’ chinn a tuath air cathair, a’ cur seachad na dàrna cuid dhen ùine ann a bhith a’ greimeachadh na cathrach gu teann (nuair a bha i bun-os-cionn) gus nach tuiteadh i dheth. Chan eil mi cinnteach an ann bhon sgeulachd sin a tha an t-ainm Gàidhlig a’ tighinn, no bho rudeigin coltach ann am beul-aithris nan Gàidheal fhèin.
Tilleamaid don Reul-iùil. Tha i fhèin mar phàirt de reul-bhad air a bheil Ursa Minor no Little Bear no Little Dipper. Ann an cumadh, tha e car coltach ris a’ Chrann-arain – no mar a bhiodh an Crann-arain a’ coimhead ann an sgàthan. Tha an Reul-iùil na rionnaig as fhaide a-mach air a làimh.
ʼS e An Dreagbhod ainm Gàidhlig an reul-bhaid seo. Saoilidh mi gu bheil an t-ainm gu math sean. ʼS dòcha gu bheil e a’ tighinn bho dreag ‘ meteor’ agus bad ‘constellation’. Gu h-inntinneach, a h-uile bliadhna mu àm na Nollaig, bidh frasan dhreagan ann a tha a’ tòiseachadh far am faicear an Dreagbhod. Ach cha robh sin aithnichte do luchd-saidheans chun an fhicheadamh linn.
Mus fhàg sinn an Dreagbhod, bu mhath leam aon rud eile ainmeachadh. ʼS e sin gu bheil faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil dà rionnaig anns an reul-bhad sin air a bheil Na Laoigh mar ainm. The calves. Na Laoigh. Gu mì-fhortanach, chan eil Eideard còir ag innse dhuinn cò an dà rionnaig a tha sin. Ma tha fios aig duine sam bith agaibh, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
Feumaidh sinn cuimhneachadh nuair a tha sinn a’ coimhead air na rionnagan, gum bi sinn uaireannan a’ faicinn phlanaidean, agus iad car coltach ri rionnagan. Airson pàirt dhen bhliadhna, bithear a’ faicinn na planaid Bheunas. Nuair a chì sinn i aig àm dol-fodha na grèine, ʼs e Reul an Fheasgair a chanas sinn rithe – the evening star. Ach tha ainm snog eile againn oirre ann an Gàidhlig. ʼS e sin Rionnag a’ Bhuachaille. Nuair a nochdadh Rionnag a’ Bhuachaille anns na speuran, bha an t-àm aig gach buachaille falbh dhachaigh leis an sprèidh mus tigeadh dorchadas na h-oidhche.
Faclan na Litreach: An Sealgair Mòr: Orion; An Grioglachan: The Pleiades; rionnag: star; An Crann-arain: The Plough; cumadh;shape; An Dreagbhod: Ursa Minor, the Little Bear; dreag: meteor; Bheunas: Venus.
Abairtean na Litreach: trì de na reul-bhadan air a bheil ainmean Gàidhlig clàraichte againn: three of the constellations for which we have Gaelic names recorded; cha leig sibh a leas ach coimhead air bratach stàite Alasga: you need only look at the state flag of Alaska; ʼs e a th’ innte ach na h-ochd rionnagan sin air raon gorm: it comprises those eight stars on a blue field; leis an Reul-iùil nas motha na ʼn fheadhainn eile: with the Pole Star larger than the others; ma chumas sibh a dol air an aon loidhne tron Reul-iùil, ruigidh sibh reul-bhad eile: if you follow the same line through the Pole Star, youll reach another constellation; thathar a’ cleachdadh an ainm Ghreugaich: the Greek name is used; chaidh i a-mach air Poseidon: she fell out with Poseidon; chaidh a cur don iarmailt mar pheanas: she was sent to the heavens as punishment; a’ cur seachad na dàrna cuid dhen ùine ann a bhith a’ greimeachadh na cathrach gu teann: spending half of the time tightly gripping the chair; rudeigin coltach ann am beul-aithris nan Gàidheal fhèin: something similar in the folklore of the Gaels themselves; mar a bhiodh an Crann-arain a’ coimhead ann an sgàthan: as the Plough would look in a mirror; tha an Reul-iùil na rionnaig as fhaide a-mach air a làimh: the Pole Star is the star farthest out on the handle; a tha a’ tòiseachadh far am faicear an Dreagbhod: which starts where Ursa Minor is seen; cha robh sin aithnichte do luchd-saidheans chun an fhicheadamh linn: that wasn’t recognised by scientists until the twentieth century; nuair a nochdadh Rionnag a’ Bhuachaille, bha an t-àm aig gach buachaille falbh dhachaigh leis an sprèidh: when the evening star appeared, the time had come for every cowherd to return home with the cattle.
Puing-chànain na Litreach: Faodar an Reul-iùil a chleachdadh airson a bhith ri iùl no steòrnadh air an oidhche:the Pole Star can be used to guide by the stars at night. Faodar is the future passive form of faod and it is very useful in this type of expression. Faodar Crois a’ Chinn a Deas fhaicinn a-mhàin deas air a’ chrios mheadhan-cruinne ‘the Southern Cross can only be seen south of the equator’.
Gnathas-cainnt na Litreach: Ma tharraingeas sibh loidhne bho Mherak gu Dubhe: If you draw a line from Merak to Dubhe.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 665
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn