802: Mac a’ Bhuidealair (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Mac a’ Bhuidealair (1)
O chionn fhada bha uachdaran air a’ Ghàidhealtachd. Bha buidealair air a bhith aige fad ùine mhòr. ’S e fear onarach a bh’ ann agus bha an t-uachdaran toilichte leis. Bha mac aig a’ bhuidealair agus nuair a ràinig e an aois cheart fhuair e fhèin obair anns an taigh mhòr cuideachd.
Cha robh an gille air a bhith ag obair ann fada nuair a thòisich seudan is rudan luachmhor air dhol a dhìth. Fhuair an t-uachdaran a-mach gur e an gille a bh’ air an goid. Bhruidhinn e ri athair–an seann bhuidealair–agus thuirt e ris gu feumadh e an gille aige a chur air falbh. Mura dèanadh e sin, chuireadh an t-uachdaran an teaghlach gu lèir a-mach air an t-sitig.
Thug am buidealair a mhac air falbh leis a Ghlaschu, feuch dreuchd ùr a lorg dha. Air a’ chiad oidhche aca, thàinig fear dhan ionnsaigh air an t-sràid. Dh’fhaighnich an srainnsear gu dè thug orra thighinn a Ghlaschu.
Tha mi ag iarraidh gun lorg an gille agam ceàird,’ thuirt am buidealair.
Ma-thà,’ thuirt am fear eile, ionnsaichidh mise ceàird dha.’
Dè a’ cheàird?’ thuirt am buidealair.
Mèirle,’ fhreagair am fear eile.
Cha bhi sin doirbh,’ ars am buidealair. ’S e mèirle a thug an seo e.’
Nas fheàrr buileach,’ thuirt am fear eile. Agus dh’fhalbh an gille leis a’ mhèirleach. Chaidh e a dh’fhuireach cuide ri gràisg mhèirleach ann an Glaschu.
An dèidh latha no dhà, chaidh an gille a-mach le fear de na mèirlich airson faicinn mar a bha iad ag obair. Chaidh iad gu bùth aig fear-reic uaireadairean.
Tha mi ag iarraidh uaireadair òir a cheannach,’ thuirt am mèirleach ri fear na bùtha. Chuir fear na bùtha bogsa uaireadairean òir air a’ chunntair.
A bheil seòrsa eile agad?’ ars am mèirleach.
Tha,’ fhreagair fear na bùtha. Chaidh e a thogail bogsa eile de dh’uaireadairean. Nuair a bha a chùl ris a’ chunntair, chuir am mèirleach fear de na h-uaireadairean suas a mhuinchill. Thug fear na bùtha bogsa eile leis chun a’ chunntair.
Chan eil gin dhiubh seo freagarrach,’ thuirt am mèirleach. Thug e taing do dh’fhear na bùtha agus dh’fhalbh e a-mach leis an uaireadair fhathast na mhuinchill.
Nuair a bha am mèirleach a-mach à sealladh, thuirt an gille ri fear na bùtha, Am faca tu gu dè rinn an duine sin?’
Dè rinn e?’ dh’fhaighnich fear na bùtha.
Chuir e fear de na h-uaireadairean agad suas a mhuinchill agus dh’fhalbh e leis.’ Chunnt fear na bùtha na h-uaireadairean agus, ceart gu leòr, bha aonan a dhìth. Ruith e a-mach às a’ bhùth, feuch poileas a lorg. Ach cha robh sgeul air poileas no, gu dearbh, air a’ mhèirleach.
Fhad ’s a bha fear na bùtha a-muigh air an t-sràid, chuir an gille an ceann air fear de na bogsaichean uaireadairean, agus chuir e am bogsa am broinn a sheacaid. Dh’fhalbh e gu àros nam mèirleach.
Am faca tu na rinn mi sa bhùth?’ thuirt am mèirleach ris a’ ghille. Saoil am bi thu fhèin cho sgileil rium uair no uaireigin?’
Leis a sin, thug an gille am bogsa de dh’uaireadairean a-mach. Bha thu math,’ thuirt e, ach saoilidh mi gun robh mise na b’ fheàrr.’ Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: uachdaran: landlord, laird; buidealair: butler; onarach: honest; mèirle: thieving, burglary; gràisg mhèirleach: a gang of thieves.
Abairtean na Litreach: nuair a ràinig e an aois cheart fhuair e fhèin obair anns an taigh mhòr: when he reached the right age he himself got work in the estate house; nuair a thòisich seudan is rudan luachmhor air dhol a dhìth: when jewels and valuable items started to go missing; gur e an gille a bh’ air an goid: that it was the lad who had stolen them; feuch dreuchd ùr a lorg dha: to try and find him a new profession; dh’fhaighnich an srainnsear gu dè thug orra thighinn a Ghlaschu: the stranger asked what had caused them to come to Glasgow; gun lorg an gille agam ceàird: that my son will find a profession; bùth aig fear-reic uaireadairean: a watchmaker’s shop; chuir fear na bùtha bogsa uaireadairean òir air a’ chunntair: the shopkeeper put a box of gold watches on the counter; suas a mhuinchill: up his sleeve; chan eil gin dhiubh seo freagarrach: none of these are suitable; am faca tu gu dè rinn an duine sin?: did you see what that man did?; bha aonan a dhìth: one was missing; chuir e am bogsa am broinn a sheacaid: he put the box inside his jacket; saoil am bi thu fhèin cho sgileil rium uair no uaireigin: do you think you’ll be as skilful as me some day.
Puing-chànain na Litreach: Nas fheàrr buileach: much better. It can be difficult to translate buileach at times. It is an adverb meaning completely, entirely’ and is often used as an intensifier, commonly with the comparatives of math and dona ie feàrr and miosa. Bhiodh sin na bu mhiosa buileach that would be even worse’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: chuireadh an t-uachdaran an teaghlach gu lèir a-mach air an t-sitig: the landlord would throw the entire family out [lit. out on the dungheap].
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 498
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn