1095: ‘A’ Ghàidhlig as Fheàrr’
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
‘A’ Ghàidhlig as Fheàrr’
Dè an sgìre dhen Ghàidhealtachd anns an cluinnear a’ Ghàidhlig as fheàrr? Abair ceist airson Litir a chur air bhog! Bidh a bheachd no a beachd fhèin aig gach neach. Agus chan eil mi fhìn a’ dol a thoirt beachd sam bith seachad air a’ ghnothach. Chan eil math dhomh.
Tha mi a’ togail na ceist oir, air mo bheulaibh, tha alt a nochd anns an iris ‘An Gàidheal’ anns an Dùbhlachd naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924). Leis an fhìrinn innse, chan e ‘An Dùbhlachd’ a tha sgrìobhte air ceann shuas na duilleig, ach ‘An Dùdlachd’. Tha iad le chèile a’ ciallachadh ‘December’.
Co-dhiù, b’ e ùghdar an uilt An t-Urr. Uilleam MacGillÌosa. Bha e ann am Beurla, ach seo agaibh m’ eadar-theangachadh dhen chiad pharagraf: ‘Faisg air ceud bliadhna air ais, bha deasbad aig oileanaich Ghàidhealach a bha ceangailte ri Comann Deasbaireachd Oilthigh Dhùn Èideann air a’ cheist, “Dè an sgìre de dh’Alba as fheàrr anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn, agus dè an sgìre as motha anns an deach an cànan adhartachadh?” Chaidh an duais a thoirt gu ... Siorrachd Pheairt ...’
Uill, ʼs dòcha gun do chuir sin iongnadh oirbh. Ach cuimhnichibh gun robhar a’ deasbad na ceist tràth anns an naoidheamh linn deug. Carson, ma-thà, a thug na h-oileanaich an duais do Shiorrachd Pheairt, seach sgìre eile dhen Ghàidhealtachd? Bha ceithir adhbharan aca, agus seo iad:
Anns a’ chiad àite, ’s ann an Siorrachd Pheairt a rugadh an fheadhainn a rinn eadar-theangachadh dhen Bhìoball gu Gàidhlig – an t-Urr. Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn agus a mhac, Iain. Anns an dàrna àite, ʼs ann an Siorrachd Pheairt a rugadh am bàrd Gàidhlig a bu chliùitiche – Dùghall Bochanan.
B’ e an treas adhbhar gun do rugadh an t-Oll. Urr. Alasdair Stiùbhart ann an Siorrachd Pheairt. Bha esan na mhinistear ann am Maoilinn, faisg air Baile Chloichridh. Rugadh e ann an Athall. Agus carson a bha na h-oileanaich ga mholadh? Uill, sgrìobh e, nam beachd, an leabhar-gràmair a b’ fheàrr a bh’ ann. Smaoinichibh air sin – duine a’ faighinn moladh mòr airson leabhar-gràmair a chur ri chèile!
Agus b’ e an ceathramh adhbhar gun robh Siorrachd Pheairt na b’ fheàrr na sgìre sam bith eile, gun do rugadh Raibeart Armstrong anns a’ Cheannmhor. Sgrìobh esan am faclair Gàidhlig a b’ fheàrr a bh’ ann aig an àm sin.
Tha a’ chuid as motha dhen alt anns ‘An Gàidheal’ mu dheidhinn Armstrong, agus thig mi gu cunntas air a bheatha ann am mionaid. Ach, ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924), an robh daoine fhathast dhen bheachd gur ann an Siorrachd Pheairt a b’ fheàrr anns an robhar a’ bruidhinn na Gàidhlig? Uill, cha robh. Tha an t-ùghdar ag ràdh gun robh a’ Ghàidhlig air a dhol bhuaithe anns an t-siorrachd, agus gun robh na Peairtich ga measgachadh le tòrr Beurla. Bu bhochd sin, gu dearbh.
A-nise, gu Raibeart Armstrong, fear an fhaclair. Thàinig ‘ A Gaelic Dictionary in Two Parts’ aige a-mach ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Rugadh Armstrong anns a’ Cheannmhor, aig ceann an ear Loch Tatha, ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a h-ochd (1788). Innsidh mi dhuibh tuilleadh mun duine ainmeil seo anns an ath Litir.
Faclan na Litreach: duais: prize; Siorrachd Pheairt: Perthshire; adhbharan: reasons; Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; an t-Urr. Alasdair Stiùbhart: Rev. Alexander Stewart; Athall:Atholl; An Ceannmhor: Kenmore; Loch Tatha: Loch Tay.
Abairtean na Litreach: Dè an sgìre anns an cluinnear a’ Ghàidhlig as fheàrr?: in which district is the best Gaelic heard?; chan eil mi fhìn a’ dol a thoirt beachd sam bith seachad air a’ ghnothach: I’m not going to offer any opinion on the matter; air mo bheulaibh, tha alt a nochd anns an iris: in front of me is an article that appeared in the magazine; b’ e ùghdar an uilt An t-Urr. Uilleam MacGillÌosa: the author of the article was the Rev. William Gillies; oileanaich Ghàidhealach a bha ceangailte ri Comann Deasbaireachd Oilthigh Dhùn Èideann: Highland students who were connected with the Debating Society of Edinburgh University; dè an sgìre de dh’Alba as fheàrr anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn: in what district of Scotland is the best Gaelic spoken; dè an sgìre as motha anns an deach an cànan adhartachadh?: which district has done the most to promote the language; ʼs dòcha gun do chuir sin iongnadh oirbh: perhaps that surprised you; cuimhnichibh gun robhar a’ deasbad na ceist: remember that the question was being debated; an t-Urr. Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn agus a mhac, Iain: the Rev. James Stewart of Killin and his son, John; bha e na mhinistear ann am Maoilinn, faisg air Baile Chloichridh: he was minister at Moulin, near Pitlochry; duine a’ faighinn moladh mòr airson leabhar-gràmair a chur ri chèile: somebody being praised for compiling a grammar book; gun robh a’ Ghàidhlig air a dhol bhuaithe: that Gaelic had sunk to a low ebb; gun robh na Peairtich ga measgachadh le tòrr Beurla: that the Perthshire folk were mixing it [fem.] with a lot of English; bu bhochd sin: that was poor, a pity.
Puing-chànain na Litreach: Bidh a bheachd no a beachd fhèin aig gach neach:each person will have his or her opinion. His opinion – a bheachd ; her opinion – a beachd (these are lenition rules connected to the third personal singular possessive pronoun). I’ve used neach, the gender-neutral noun which can stand for fear or tè , both of which represent a distinct gender. However, I could have said aig gach duine because, although duine can mean ‘man’ or even ‘husband’, it can also stand for ‘person’ and not be gender-specific, depending on the context.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan eil math dhomh:I’d better not. It can also mean ‘there’s no point [in me ...]’
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 791
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn