1194: An Long a Chaidh a dh'Ameireagaidh
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
An Long a Chaidh a dh'Ameireagaidh
Tha mi a’ dol a dh’aithris sgeulachd thraidiseanta dhuibh. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh’.
Sheòl an long seo a dh’Ameireagaidh le sluagh mòr innte. Bhuail an long ann an sgeirean faisg air a’ chladach. Chaidh na daoine a chall gu lèir ach aon fhear agus a bhean. Fhuair iadsan gu tìr. Thog iad bothan le pìosan briste dhen t-soitheach.
Thàinig tòrr rudan air tìr bhon luing – biadh, fiodh, siùil, leabhraichean is mar sin air adhart. Bha an cupall an sin greis mus robh dad a dhìth orra.
Ach thàinig an t-àm nuair a bha iad airson falbh a-mach, feuch daoine eile a lorg. Dh’fhalbh am fear agus chaidh e tro choille mhòr. Chan fhac’ e baile no duine. Ràinig e mullach beinne. Às a sin, chunnaic e bothan shìos fodha. Theàrnaich e chun a’ bhothain. Cha robh sgeul air duine, agus chaidh e a-steach.
An sin, bha bòrd ann le tubhailt mhòr gheal air. Bha botal fìona air, agus lof arain. Bha an t-acras air an duine. Ghabh e balgam no dhà dhen fhìon, agus crioman às an lof.
Thàinig bodach liath a-steach. Thuirt e ris, ‘Dè do naidheachd, a choigrich? Dè thug thu an rathad seo?’
Dh’inns am fear bhon luing-bhriste mar a thachair. Bha e a’ faireachdainn ciontach mu bhith ag ithe is ag òl aig bòrd an duine eile agus thug e a leisgeul. ‘Ceart gu leòr,’ ars am bodach. ‘Gabh do leòir dheth. A bheil thu pòsta?’
‘Tha,’ ars am fear eile.
‘A bheil teaghlach agad?’ dh’fhaighnich an seann duine.
‘Chan eil,’ fhreagair am fear eile.
‘Uill,’ thuirt am bodach, ‘tha an latha air a dhol seachad. Chan eil ùine agad tilleadh a-nochd. Gheibh thu biadh is leabaidh an seo.’
An ath mhadainn, rinn am bodach bracaist don duine eile. ‘Feumaidh tu falbh dhachaigh,’ thuirt e. Nuair a bha am fear eile a’ dèanamh deiseil airson falbh, thàinig am bodach thuige le tubhailt. ‘Dè bheir thu dhomh ma bheir mise dhut an tubhailt seo?’ thuirt e. ‘Nuair a sgaoileas tu air bòrd i, nochdaidh botal fìona agus lof arain agus biadh a bharrachd.’
‘Uill,’ thuirt am fear eile, ‘chan eil dad agam a bheir mi dhut.’
‘Seadh,’ fhreagair am bodach. ‘Thoir dhomh, ma-thà, a’ chiad duine no beathach a bheirear dhut.’
Mheòraich am fear eile air an t-suidheachadh. Cha robh e an dùil gum biodh clann aige a-chaoidh. Agus cha robh sgeul air beathaichean far an robh e a’ fuireach ann am bothan air cùl a’ chladaich. Dh’inns e don bhodach gun gabhadh e ri a chùmhnant.
‘Ma-thà,’ ars am bodach, ‘ge brìth de bhios ann a bheirear dhut, thig an seo leis seachd bliadhna on diugh.’
Dh’aontaich am fear eile ris a’ chùmhnant agus thill e dhachaigh. Bha a bhean anabarrach toilichte fhaicinn. Bha i air a bhith a’ smaoineachadh gun robh an duine aice air a dhol a dhìth agus nach tilleadh e tuilleadh. Chan e sin a-mhàin ach chuir e an tubhailt a-mach. Nochd botal fìona, lof arain agus biadh eile. Nach bu mhìorbhaileach e! Ach cha robh fios aig a bhean mun chùmhnant a rinn e leis a’ bhodach.
Faclan na Litreach: siùil: sails; theàrnaich e: he descended; bodach liath: a grey-haired old man; pòsta: married; iomagain: anxiety; cùmhnant: contract, binding agreement.
Abairtean na Litreach: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh: The Ship that Went to America; le sluagh mòr innte: with a large complement on board; bhuail an long ann an sgeirean: the ship hit rocks; chaidh na daoine a chall gu lèir ach: everyone was lost except; thàinig tòrr rudan air tìr bhon luing: many things came ashore from the ship; às a sin, chunnaic e bothan shìos fodha: from there, he saw a hut down below him; bha bòrd ann le tubhailt mhòr gheal air: there was a table there with a large white tablecloth on it; bha botal fìona air, agus lof arain: there was a bottle of wine on it, and a loaf of bread; balgam no dhà dhen fhìon, agus crioman às an lof: a gulp or two of the wine, and a bite from the loaf; dè do naidheachd, a choigrich?: what’s your news, stranger? dè thug thu an rathad seo?: what brought you this way?; dh’inns am fear bhon luing-bhriste mar a thachair: the man from the shipwreck told him what had happened; bha e a’ faireachdainn ciontach mu bhith ag ithe is ag òl: he was feeling guilty about eating and drinking; thug e a leisgeul: he apologised; chan eil ùine agad tilleadh: you’ve no time to return; gheibh thu biadh is leabaidh: you’ll get food and a bed; dè bheir thu dhomh ma bheir mise dhut an tubhailt seo?: what will you give me if I give you this tablecloth?; nuair a sgaoileas tu air bòrd i: when you spread it on a table; chan eil dad agam a bheir mi dhut: I have nothing to give you; a’ chiad duine no beathach a bheirear dhut: the first person or animal that is born to you; gum biodh clann aige a-chaoidh: that he would ever have children; nach bu mhìorbhaileach e: wasn’t it marvellous.
Puing-chànain na Litreach: nach tilleadh e tuilleadh: that he would never return again. Sometimes, if you look up ‘never’ in a Gaelic dictionary, you won’t find tuilleadh. The word is generally translated ‘any more’ or ‘again’. But it can be used in a phrase like this to mean ‘never again’. If you want to emphasise or strengthen the ‘never’ aspect of the phrase, use a-chaoidh. Nach tilleadh e a-chaoidh tuilleadh ‘that he would never ever return’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Gabh do leòir dheth: take your fill of it.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 890
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn