744: Aimhreit an t-Sròim (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Aimhreit an t-Sròim (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Aimhreit an t-Sròim ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883). Dh’fheuch ministear às Na Hearadh ris an sluagh a shocrachadh. Ach bha na daoine a’ bagairt air, ag ràdh nach robh e eòlach air a’ Bhìoball.
Bha na h-ùghdarrasan a’ beachdachadh air na dhèanadh iad. Bha taghadh aca – tuilleadh phoileas a chur ann, no eadhon saighdearan, no leigeil leis a’ ghnothach a shocrachadh leis fhèin, nuair a thigeadh an t-Sàbaid gu ceann. Cho-dhùin iad leigeil le gnothaichean a shocrachadh. Bha seirbheis ga cumail air a’ chidhe, agus èildear bhon Eaglais Shaoir ag ceann an adhraidh. Mar a shaoileadh tu, b’ e ‘Gleidheadh na Sàbaid’ an ceann-teagaisg aige.
Dh’fhalbh an t-Àrd-chonstabal le ceathrar phoileas air ais a dh’Inbhir Nis, a’ fàgail triùir phoileas airson sùil a chumail air an àite. Bhathar an dùil gun tòisicheadh an obair a-rithist aig meadhan-oidhche is gum falbhadh an luchd-iomairt an uair sin. Agus ’s e sin a thachair. Aig meadhan-oidhche, dh’fhalbh an luchd-iomairt, thòisich an obair air na bogsaichean èisg a chur air an trèana, agus bha Port an t-Sròim sìtheil a-rithist.
Ach cha robh an gnothach seachad. Nuair a thàinig Dihaoine bha e follaiseach gum biodh an luchd-obrach a’ briseadh na Sàbaid a-rithist. Bha e a cheart cho follaiseach gum biodh mòran anns a’ choimhearsnachd a’ feuchainn ri stad a chur orra.
Cha robh an Eaglais Shaor buileach aonaichte air a’ ghnothach. Nuair a bha an aimhreit ann, bha na ministearan air falbh aig an Àrd-sheanadh ann an Dùn Èideann. Nuair a chuala iad mun aimhreit, thill iad sa bhad, feuch toirt air na coitheanalan aca gun a bhith an sàs anns an iomairt tuilleadh.
Fhad ’s a bha seo a’ dol air adhart, bha an Riaghaltas a’ dèanamh deiseil airson tuilleadh aimhreit air an t-Sàbaid. Cha robh ach trithead ’s a sia daoine anns an fheachd-phoilis agus dh’iarr Companaidh Rèile na Gàidhealtachd air an Riaghaltas saighdearan a chur an sàs. Chaidh a’ chùis cho fada ri deasg Rùnaire na Dùthcha ann an Lunnainn.
Bha an Riaghaltas airson a bhith a’ seachnadh saighdearan a chur an sàs. Chuir iad feachd poilis ri chèile anns an robh cha mhòr ceud gu leth duine. Thàinig iad à mòran sgìrean de dh’Alba.
A bharrachd air sin, dh’fhàg ochdad saighdear aig Rèisimeid nan Gòrdanach Caisteal Dhùn Èideann, agus chaidh iad a Dhùn Deòrsa sear air Inbhir Nis. Bha feadhainn an sin mu-thràth aig na Camshronaich. Bha sin a’ fàgail gun robh saighdearan gu leòr air a’ Ghàidhealtachd, deiseil airson a dhol don taobh an iar nam biodh feum orra.
An turas seo, bha ro-innleachd èifeachdach aig na poilis. Bha iad airson smachd a ghabhail air gnothaichean mus biodh cothrom aig muinntir an àite cruinneachadh ann an àireamh mhòr. Aig naoi uairean feasgar Disathairne, thàinig trèana a-steach don t-Sròm leis na poilis air bòrd. Ghabh iad smachd air a’ chidhe. Cha robh an luchd-iomairt air nochdadh fhathast.
Ach bha feadhainn a’ dèanamh air an t-Sròm – air chois agus ann an eathraichean. Dè dhèanadh iad nuair a ruigeadh iad an cidhe, agus na poilis a’ feitheamh riutha? An robh Aimhreit an t-Sròim gu bhith a’ fàs na bu mhiosa no an robh i a’ dol a thighinn gu ceann? Cuiridh mi crìoch air an eachdraidh an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: Aimhreit an t-Sròim: The Stromeferry Riot; a’ bagairt air: threatening him; Port an t-Sròim: Stromeferry; aonaichte: united; Àrd-sheanadh: General Assembly; Rùnaire na Dùthcha: The Home Secretary.
Abairtean na Litreach: Dh’fheuch ministear às Na Hearadh ris an sluagh a shocrachadh: a minister from Harris tried to placate the people; tuilleadh phoileas a chur ann, no eadhon saighdearan: to send more police there, or even soldiers; leigeil leis a’ ghnothach a shocrachadh leis fhèin: to let the matter settle down by itself; bha seirbheis ga cumail: a service was held; èildear bhon Eaglais Shaoir ag ceann an adhraidh: a Free Church elder in charge of the worship; mar a shaoileadh tu: as you might [would] think; gum falbhadh an luchd-iomairt: that the protesters would leave; gum biodh an luchd-obrach a’ briseadh na Sàbaid: that the workers would be breaking the Sabbath; a cheart cho follaiseach: just as obvious; thill iad sa bhad: they returned immediately; feuch toirt air na coitheanalan aca gun a bhith an sàs anns an iomairt tuilleadh: in an attempt to get their congregations to avoid further involvement in the campaign; dh’iarr Companaidh Rèile na Gàidhealtachd air an Riaghaltas saighdearan a chur an sàs: the Highland Railway Company asked the Government to send in soldiers; chaidh iad a Dhùn Deòrsa sear air Inbhir Nis: they went to Fort George east of Inverness; deiseil airson a dhol don taobh an iar nam biodh feum orra: ready to go to the west if that were required; bha ro-innleachd èifeachdach aig na poilis: the police had an effective strategy; mus biodh cothrom aig muinntir an àite cruinneachadh ann an àireamh mhòr: before the local people had an opportunity to gather in a large number; air chois agus ann an eathraichean: by foot and by boat [on foot and in boats]; nuair a ruigeadh iad an cidhe, agus na poilis a’ feitheamh riutha: when they reached the pier, with the police awaiting them.
Puing-chànain na Litreach: a’ beachdachadh air na dhèanadh iad: considering what they would do. If you look up ‘what’ in an English-Gaelic dictionary, you will most likely be given ‘dè’ and there is a danger that the learner might write (or say) ‘a’ beachdachadh air dè dhèanadh iad’. This would be understood but it is not as elegant as using ‘na’ in this instance. ‘Dè?’ is more commonly used as an equivalent to ‘what?’ in a question. Dè dhèanadh tu fhèin? ‘what would you do yourself?’
Gnàthas-cainnt na Litreach: b’ e ‘Gleidheadh na Sàbaid’ an ceann-teagaisg aige: ‘Keeping the Sabbath’ was his subject [ie of his sermon].
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 440
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn