1227: Coille ‘Rìoghail’ na Gàidhealtachd
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Coille ‘Rìoghail’ na Gàidhealtachd
An cuala sibh riamh am beachd gum bu chòir do choille mhòr ‘rìoghail’ a bhith air a cur air a’ Ghàidhealtachd? Chan e coille de chraobhan-durcain à tìrean cèin, a tha cho pailt an-diugh, ach coille-dharaich. Coille dhùthchasach.
Bha mi a’ leughadh pàipear an latha eile a chaidh fhoillseachadh le Comann Àrsairean na h-Alba ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793). Bha e air a sgrìobhadh le fear ‘John Williams, Mineral Surveyor’. Bha e a’ moladh plana airson ‘Coille Dharaich Rìoghail’ a chur air a’ Ghàidhealtachd.
Nise, chan aithne dhomh cus mun duine fhèin, John Williams. Tha e coltach gun robh e ainmeil na latha fhèin. Sgrìobh e leabhar – The Natural History of the Mineral Kingdom.
Anns a’ phàipear mu choilltearachd, sgrìobh Williams gun robh mìltean de dh’acairean air a’ Ghàidhealtachd a bhiodh freagarrach airson chraobhan. Ge-tà, cha robh an fheadhainn a bh’ ann mu-thràth a’ fàs mar bu chòir. Bha iad air an cumail sìos le gobhair agus crodh a bha ag ionaltradh orra. Tuigidh sibh, aig deireadh an ochdamh linn deug, nach robh caoraich fhathast pailt air a’ Ghàidhealtachd.
Tha Williams cuideachd a’ càineadh nan Gàidheal, ag ràdh gun robh iad a’ marbhadh nan craobhan-daraich le bhith a’ gearradh an rùisg dhiubh. Bha sin airson leathar a chartadh. Ach tha e a’ càineadh nan uachdaran, am bàillidhean agus na fir-taca gu dubh. An fheadhainn a bha an sàs ann an ionaltradh, sgrìobh e, cha robh iad a’ tuigsinn gum bu chòir dhaibh a bhith cùramach don choille cuideachd.
Tha e inntinneach gur e taobh an iar na Gàidhealtachd as motha a bha fo a phrosbaig. Bha adhbhar aige airson sin. Tha lochan-mara pailt ann. Ruigidh iad taobh a-staigh na dùthcha. Do Williams, bha iad mar ‘chanàlaichean’, a’ toirt deagh chothrom do dhaoine fiodhrach a thoirt às an dùthaich. Mar a bha mòran eile, bha Williams a’ tomhas na Gàidhealtachd mar àite às an toirte rudan a bha goireasach do Bhreatainn anns an fharsaingeachd.
Gu sònraichte, bha e ag ainmeachadh nan àiteachan a leanas: A’ Chòigeach ann an Ros an Iar, Loch Iall, Loch Lòchaidh, Loch Lìobhann agus Loch Airceig ann an Loch Abar, agus faisg air Uisge Spè. Bha e a’ moladh uachdarain ann an Àird nam Murchan, Siorrachd Pheairt agus pàirtean de dh’Earra-Ghàidheal. Ach sgrìobh e gun robh coilltean ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd air an cur air dearmad.
Agus dè an lèirsinn a bh’ aige? Bha gum biodh craobhan-daraich air an cur agus air an dìon gus am fàsadh iad mòr mòr. Bhiodh iad air an toirt air falbh aig muir gu ceàrnaidh sam bith ann am Breatainn airson longan a thogail. Dh’fhaodadh coille mhòr air a’ Ghàidhealtachd a bhith na bu ghoireasaiche do rìoghachd le cabhlach na gin sam bith eile anns an Roinn Eòrpa.
Cha robh Williams buileach a’ dìochuimhneachadh muinntir an àite, ge-tà. Sgrìobh e gum faigheadh daoine obair ann an coilltearachd, gun dèanadh na h-uachdarain prothaid nas motha agus gum b’ urrainn gnìomhachas togail-longan a shuidheachadh anns a’ Ghearasdan. Bha e airson ʼs gun cuireadh an riaghaltas na h-oighreachdan a fhuair iad bho uachdarain Sheumasach fo smachd àrd-choilltear agus coille mhòr a chur orra.
Uill, bidh fios agaibh nach do thachair e. Ach, nam bitheadh e air tachairt, bhiodh a’ Ghàidhealtachd gu math eadar-dhealaichte an-diugh.
Faclan na Litreach: coille-dharaich: oakwood, oak forest; dùthchasach: native; Comann Àrsairean na h-Alba: Society of Antiquaries of Scotland; coilltearachd: forestry; acairean: acres; caoraich: sheep; A’ Choigeach: Coigach; Loch Iall: Loch Eil; Loch Lòchaidh: Loch Lochy; Loch Lìobhann: Loch Leven; Loch Airceig: Loch Arkaig; Àird nam Murchan: Ardnamurchan.
Abairtean na Litreach: gum bu chòir do choille mhòr ‘rìoghail’ a bhith air a cur air a’ Ghàidhealtachd: that a great ‘royal’ forest should be planted in the Highlands; chan e coille de chraobhan-durcain à tìrean cèin: not a forest of coniferous trees from foreign lands; chan aithne dhomh cus mu: I’m not too familiar with; a’ fàs mar bu chòir: growing as they should; air an cumail sìos le gobhair agus crodh: kept down by goats and cattle; a’ càineadh nan Gàidheal: criticizing the Highlanders; a’ marbhadh nan craobhan-daraich le bhith a’ gearradh an rùisg dhiubh: killing the oak trees by cutting their bark off; airson leathar a chartadh: for tanning leather; a’ càineadh nan uachdaran, am bàillidhean agus na fir-taca gu dubh: strongly criticizing the landlords, their factors and the tacksmen; gur e taobh an iar na Gàidhealtachd as motha a bha fo a phrosbaig: that it was the western Highlands that mostly received his attention; bha iad mar ‘chanàlaichean’, a’ toirt cothrom do dhaoine fiodhrach a thoirt às an dùthaich: they were like ‘canals’, giving an opportunity to people to extract timber from the country; gun robh X air an cur air dearmad: that X had been neglected; gu ceàrnaidh sam bith airson longan a thogail: to any locality to build ships; na bu ghoireasaiche do rìoghachd le cabhlach na gin sam bith eile anns an Roinn Eòrpa: more convenient to a country with a navy than any others in Europe; gum b’ urrainn gnìomhachas togail-longan a shuidheachadh anns a’ Ghearasdan: that a ship-building industry could be established in Fort William; bha e airson ʼs gun cuireadh an riaghaltas na h-oighreachdan a fhuair iad bho uachdarain Sheumasach fo smachd àrd-choilltear: he wanted the government to put the estates annexed from Jacobite landlords to be put under the control of a senior forester.
Puing-chànain na Litreach: àite às an toirte rudan a bha goireasach do Bhreatainn anns an fharsaingeachd: a place from which resources for Britain in general could be taken. Toirte/thoirte means ‘would be taken’ and can be used in the sense of ‘could be taken’. It is a passive conditional form of the irregular verb thoir.
Gnàthas-cainnt na Litreach: dè an lèirsinn a bh’ aige?: what was his vision?
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 923
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn