911: Moresg agus Muran
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Moresg agus Muran
Bha mi anns a’ Chuimrigh o chionn beagan sheachdainean – anns a’ cheann a tuath. Tha an dùthaich a’ còrdadh rium agus tha caraidean agam aig a bheil Cuimris. Bha an t-àm ann dhomh beagan dhen chànan ionnsachadh.
Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar a’ Gàidhlig agus Cuimris, agus iad le chèile nan cànanan Ceilteach. Uaireannan, bidh facal Cuimreach a’ tòiseachadh le ‘h’, agus facal Gàidhlig car coltach ris a’ tòiseachadh le ‘s’. ʼS e salann eisimpleir dhiubh sin. Ann an Cuimris, canaidh iad halen. Tha càirdeas eadar am facal Gàidhlig samhradh – no samhradh – agus haf ann an Cuimris; tha iad le chèile a’ ciallachadh ‘summer’. Canaidh sinne sealg airson ‘hunt’; canaidh na Cuimrich hela. Agus, far an can sinne sean airson ‘old’, canaidh na Cuimrich hen.
Co-dhiù, bha mi còmhla ri feadhainn aig a bheil Cuimris ann an Ynys Môn. ʼS e sin eilean mòr ris an canar Anglesey ann am Beurla. Chaidh mi a cheilidh air boireannach a bhuineas do sgìre air a bheil Niwbwrch no Newborough. Tha an taigh aice faisg air tràigh mhòr agus àrainn ghainmhich a tha an-diugh na teàrmann nàdair.
Bha mi a-staigh aice a’ gabhail panad – srùbag – nuair a thug i a-mach crìos agus brat a bh’ air an dèanamh de lus – feur air choreigin, agus na duilleagan air an snìomh còmhla. Bha iad gu math tarraingeach. Dh’fhaighnich mi dhith dè an lus a bh’ ann agus thuirt i ‘moresg’.
Bha e furasta gu leòr obrachadh a-mach gu dè a bh’ ann. Tha moresg a’ tighinn bho môr-hesg. Tha môr co-ionann ri muir ann an Gàidhlig. Agus tha hesg an ìre mhath co-ionann ri seasg ann an Gàidhlig. Tha seasg a’ ciallachadh ‘sedge’ – buidheann de lusan a tha càirdeach do na feòir. ʼS e seasgan ainm eile airson cuilc no reed. Agus tha hesg a’ ciallachadh cuilc ann an Cuimris. Mar sin môr-hesg no moresg – seasg no cuilc na mara.
A bheil sibh a’ tuigsinn dè an lus a th’ ann? Ma tha sibh eòlach air Uibhist, bidh sibh eòlach air an lus – muran. ʼS e ainm bàrdail Uibhist a Deas ‘Tìr a’ Mhurain’ oir tha am muran cho pailt ann. Ann am Beurla, canar marram grass no bent ris.
Bha mo bhana-charaid ag innse dhomh mu na boireannaich a bha uaireigin a’ buain agus a’ cleachdadh muran. Bha an sgìre ainmeil air a shon. Bha iad eadhon a’ reic a’ mhurain amh, a bharrachd air a bhith a’ dèanamh rudan leis. Bha i a’ faighneachd an robh na Gàidheil fhathast a’ cur a leithid gu feum. Dh’inns mi dhi mu Aonghas Mac a’ Phì a bha a’ snìomh agus a’ fighe gu snasail le feòir fhad ʼs a bha e ann Ospadal Chreag Dhùn Eun ann an Inbhir Nis.
Dìreach mar a thachair ann an àite no dhà ann an Alba, bha cus murain air a’ spìonadh ann an Niwbwrch. Ghluais a’ ghainmheach a-steach don dùthaich. Aig a cheann thall, chaidh coille a chur airson a’ ghainmheach a dhèanamh seasmhach. Tha na craobhan an-diugh gu math mòr. Tha beagan murain air fhàgail air na coilleagan no dùin-ghainmhich. Ach cha chreid mi gu bheil duine a bhuineas don àite a th’ air na seann sgilean de bhith ag obair le muran a chumail beò. Is mòr am beud.
Faclan na Litreach: A’ Chuimrigh: Wales; srùbag: a cuppa; Aonghas Mac a’ Phì: Angus MacPhee; Ospadal Chreag Dhùn Eun: Craig Dunain Hospital.
Abairtean na Litreach: tha caraidean agam aig a bheil Cuimris: I have friends who speak Welsh; bha an t-àm ann dhomh beagan dhen chànan ionnsachadh: the time had come for me to learn a little of the language; coimeas a dhèanamh: to compare; tha iad le chèile a’ ciallachadh: they both mean; far an can sinne: where we say; àrainn ghainmhich a tha an-diugh na teàrmann nàdair: a sandy habitat that is now a nature reserve; crìos agus brat a bh’ air an dèanamh de lus: a belt and a mat that were made of a plant; agus na duilleagan air an snìomh còmhla: with the leaves twisted together; càirdeach do na feòir: related to the grasses; ’s e ainm bàrdail Uibhist a Deas ‘Tìr a’ Mhurain’ oir tha am muran cho pailt ann: South Uist’s poetic name is ‘the land of the marram grass’ because marram is so plentiful there; na boireannaich a bha uaireigin a’ buain agus a’ cleachdadh muran: the women who were once collecting and using marram grass; bha iad eadhon a’ reic a’ mhurain amh: they were even selling the raw marram grass; bha cus murain air a’ spìonadh: too much marram grass was pulled out; ghluais a’ ghainmheach a-steach don dùthaich: the sand moved into the land; cha chreid mi gu bheil duine a bhuineas don àite a th’ air na seann sgilean de a chumail beò: I don’t think there is anybody who belongs to the place who has kept the old skills going; is mòr am beud: more’s the pity.
Puing-chànain na Litreach: Tha beagan murain air fhàgail air na coilleagan no dùin-ghainmhich. There’s a little marram grass left on the sand dunes. What is your Gaelic for ‘sand dune’? Other words for a dune are mùrach, mealbhan and bacann. If you have a native speaker around you, why not ask him or her to tell you what they use? If you live in a place where there is a local dialect still spoken, I’d recommend you use that word – learners have a responsibility to use dialect words in order that they support local community usage of the language.
Gnàthas-cainnt na Litreach: airson a’ ghainmheach a dhèanamh seasmhach : to stabilise the sand.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 607
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn