FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1318: Calum agus Màiri (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Calum agus Màiri (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd mu dheidhinn Màiri agus a bràthair, Calum. Bha esan air a dhol am measg muinntir nan ròn. Bhiodh Màiri a’ coinneachadh ris ann an uaimh gu tric.

Chaidh na bliadhnaichean seachad. Cha do phòs Màiri riamh. Bha aon dlùth-charaid aice agus bha esan na mhinistear, fear dom b’ ainm Raibeart. Bha e deich bliadhna na b’ òige na i agus cha robh e fhèin pòsta nas motha. Ach cha robh suirghe ann eatarra. Bha iad dìreach nan deagh charaidean.

Ràinig Màiri aois ceathrad bliadhna. Chaochail a pàrantan. Dh’fhuirich Màiri anns an taigh. Bha i ri croitearachd ach cha robh a cridhe anns an obair. Reic i a h-uile beathach aice. Ghlèidh i aon chat mar pheata.

Bho àm gu àm bhiodh i a’ falbh agus a’ fàgail an taigh falamh. Cha robh fios aig duine cà’ robh i a’ dol. Ràinig i aois seasgad. Bha Raibeart caogad. Bha gaol aige oirre agus bhiodh e a’ cèilidh oirre gu tric.

Chaidh e ann latha a bha seo agus bha Màiri na sìneadh anns an leabaidh. ‘Thig, a Raibeirt,’ thuirt i. ‘Dèan suidhe ri mo thaobh.’ Rinn e suidhe. ‘Dè tha ceàrr?’ dh’fhaighnich e.

‘Ged nach eil mi a’ faireachdainn tinn,’ fhreagair i, ‘cha chreid mi nach eil air fhàgail agam ach ùine ghoirid. An dèan thu rudeigin dhomh?’

‘Nì,’ thuirt Raibeart. ‘Rud sam bith.’

‘Cuir do làmh fo mo chluasaig’. Rinn e sin, agus thug e a-mach leabhar beag dearg. ‘Leugh e,’ thuirt i. ‘Tha mi airson ʼs gun geall thu rudeigin dhomh. Nuair a gheibh mi bàs, bidh mi a’ fàgail a h-uile nì agam don Eaglais – an taigh, m’ fhearann, a h-uile dad airson maith nan seann daoine. Ach an dèan thu aon rud dhomh? An cuir thu clach bheag aig ceann na h-uaghach agam. Clach ann an cumadh cridhe le ceithir faclan oirre – “Gu Calum agus Màiri”.’

Dh’aontaich Raibeart sin a dhèanamh dhi. Dà latha an dèidh sin, chaochail Màiri. Chaidh an taigh is fearann aice a reic. Bha Màiri air a càradh ann an uaigh faisg air uaigh a pàrantan. Agus chuir Raibeart clach ann an cumadh cridhe aig ceann na h-uaghach. Sgrìobhte oirre bha na ceithir faclan – “Gu Calum agus Màiri”.

Leugh Raibeart an leabhar beag dearg iomadach turas. Bha fios aige mun chàirdeas iongantach eadar Màiri agus Calum. Cha tuirt e guth ri duine mu dheidhinn.

Thachair rud iongantach sa chladh. An dèidh làithean de dhroch shìde, nuair a bha an talamh bog fliuch, chunnaic daoine lorgan-coise annasach faisg air uaigh Màiri. Bha tè de na h-òrdagan a dhìth air a’ chois dheis. Cha robh fios aig duine mar a dh’fhaodadh sin a bhith. Ach bha fios aig a’ mhinistear!

Bha Raibeart fhèin a’ fàs sean. Cha robh e airson a dhol don uaigh gun a bhith ag innse do chuideigin mun leabhar bheag dhearg agus mun chunntas ann mu Mhàiri agus a bràthair. Goirid mus do chaochail e, dh’inns e mu dheidhinn do bhuidheann de mhuinntir an àite. Nam measg, bha seanmhair Aonghais MhicNèill. Mus do chaochail ise, dh’inns i do dh’Aonghas carson a bha a’ chlach annasach sin, ann an cumadh cridhe, ann an cladh a’ bhaile.

Faclan na Litreach: dlùth-charaid: close friend; falamh: empty; chaochail: died; seanmhair: grandmother.

Abairtean na Litreach: Bha esan air a dhol am measg muinntir nan ròn: he had gone among the seal people; bhiodh Màiri a’ coinneachadh ris ann an uaimh gu tric: Mary would often meet him in the cave; cha do phòs X riamh: X never married; deich bliadhna na b’ òige: ten years younger; cha robh e fhèin pòsta nas motha: he wasn’t married either; cha robh suirghe ann eatarra: they did not have a romantic relationship; reic i a h-uile beathach aice: she sold all her animals; ghlèidh i aon chat mar pheata: she retained one cat as a pet; bha gaol aige oirre: he loved her; bhiodh e a’ cèilidh oirre gu tric: he would often visit her; bha X na sìneadh anns an leabaidh: X was lying in bed; dèan suidhe ri mo thaobh: sit next to me; cha chreid mi nach eil air fhàgail agam ach ùine ghoirid: I think I only have a short time left to me; a h-uile dad airson maith nan seann daoine: everything for the good of the old people; ann an cumadh cridhe: in the shape of a heart; cuir do làmh fo mo chluasaig: put your hand under my pillow; tha mi airson ʼs gun geall thu rudeigin dhomh: I want you to promise me something; air a càradh ann an uaigh faisg air uaigh a pàrantan: laid out in a grave near her parents’ grave; aig ceann na h-uaghach: at the end of the grave; làithean de dhroch shìde: days of bad weather; bha tè de na h-òrdagan a dhìth air a’ chois dheis: one of the toes was missing on the right foot; mar a dh’fhaodadh sin a bhith: how that could be; dh’inns e mu dheidhinn do bhuidheann de mhuinntir an àite: he told about it to a group of local people.

Puing-chànain na Litreach: thug e a-mach leabhar beag dearg: he brought out a little red book. Just as we say in English ‘little red book’ rather than ‘red little book’, so Gaelic has a preferred word adjectival word order. It is more natural to say leabhar beag dearg than to say leabhar dearg beag (unless we are comparing two red books, one large, the other small). Similarly, we would say cù beag bàn, cat mòr dubh, baile mòr grànda, fear beag staiseach.

Gnàthas-cainnt na Litreach: fear dom b’ ainm Raibeart: a man called Robert [somewhat formal usage].

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1014

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean