602: An Tiomnadh Nuadh
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
An Tiomnadh Nuadh
Ann an seachd ceud deug, leth-cheud ’s a còig (1755), thòisich Alasdair MacPhàrlain às an Arar air eadar-theangachadh dhen Tiomnadh Nuadh gu Gàidhlig na h-Alba. Roimhe sin, ’s e am Bìoball Èireannach, ann an clò Ròmanach, a bha na Gàidheil Albannach a’ cleachdadh. Ach trì bliadhna às dèidh sin, cha robh MacPhàrlain air mòran adhartais a dhèanamh. Thug an SSPCK am pròiseact don mhinistear ann an Cill Fhinn ann an Siorrachd Pheairt, An t-Urramach Seumas Stiùbhart. Thug esan an obair gu buil ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a seachd (1767).
Chaidh Tiomnadh Nuadh ar Tighearna agus ar Slanuigh-fhir Iosa Criosd: Eidir-theangaicht' on Ghreugais chum Gaidhlig Albannaich fhoillseachadh ann an Dùn Èideann. Chaidh deich mìle lethbhreac dheth a chlò-bhualadh. Dh’fhaodadh Gàidheil Albannach na sgriobtaran a leughadh nan cànan fhèin. Bha aca ri feitheamh fada ro fhada, ge-tà. Nochd an Tiomnadh Nuadh Gàidhlig dà cheud bliadhna às dèidh an Tiomnaidh Nuaidh ann an Cuimris. Bha e còrr is ceud is seachdad bliadhna às dèidh an Tiomnaidh Nuaidh ann an Gàidhlig na h-Èireann.
Rugadh Seumas Stiùbhart ann an seachd ceud deug (1700) no seachd ceud deug ’s a h-aon (1701) ann an Gleann Fhionnghlais anns na Tròiseachan. Thòisich e mar mhinistear ann an Cill Fhinn ann an seachd ceud deug, trithead ’s a seachd (1737).
Gu h-inntinneach, fhuair e taic na obair bho Shomhairle MacIain – an Sasannach ainmeil – a sgrìobh don SSPCK, gan càineadh airson a bhith a’ diùltadh na sgriobtaran a theagasg do na Gàidheil nan cànan fhèin. Mhol MacIain Seumas Stiùbhart airson na bha e a’ dèanamh mar eadar-theangair. Agus fhuair Tòmas Pennant, am fear-siubhail agus sgrìobhadair Cuimreach, mòran fiosrachaidh mu mhuinntir na Gàidhealtachd bho Sheumas Stiùbhart. Mhol esan am ministear cuideachd, anns an ro-ràdh don leabhar aige mu shiubhal ann an Alba.
Bha Seumas Stiùbhart beò airson dà bhliadhna fichead às dèidh dha crìoch a chur air an Tiomnadh Nuadh. Ach, nuair a chaochail e, bha mòran lethbhreac dhen leabhar fhathast ann an stòras na h-Eaglaise, nach deach a sgaoileadh don phoball.
Chan eil mi cinnteach an robh an Stiùbhartach cho cliùmhor ’s a bu chòir oir, ged a chaidh a thiodhlacadh anns a’ chladh ann an Cill Fhinn, cha deach clach-uaighe a thogail dha. Ceud bliadhna às dèidh a bhàis, ge-tà, thog Comunn Gàidhealach Pheairt carragh-cuimhne dha taobh a-muigh na h-eaglais aige ann an Cill Fhinn. Tha i ann fhathast.
Bha an SSPCK fhathast dhen bheachd gun gabhadh a’ Ghàidhlig a chleachdadh airson litearrachd ann am Beurla a thoirt am feabhas. Ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776) chuir iad romhpa an Seann Tiomnadh a thionndadh gu Gàidhlig. ’S e fear de na daoine a bha an sàs anns a’ phròiseict an t-Oll Urr Iain Stiùbhart, Ministear ann an Lus, am mac a bu shine aig Seumas Stiùbhart.
Chaidh crìoch a chur air an t-Seann Tiomnadh ann an ochd ceud deug ’s a h-aon (1801) agus chaidh ochd mìle deug lethbhreac dheth a chlò-bhualadh dà bhliadhna às dèidh sin. Mu dheireadh thall, bha am Bìoball air fad ann an Gàidhlig.
Faclan na Litreach: Tiomnadh Nuadh: New Testament; Cill Fhinn: Killin (Perthshire); An t-Urramach Seumas Stiùbhart:Rev James Stuart (also given as Stewart); sgriobtaran: scriptures; Somhairle MacIain: (Dr) Samuel Johnson; mhol:praised; ro-ràdh: foreword; clach-uaighe: gravestone; Lus: Luss [on Loch Lomondside]; Seann Tiomnadh: Old Testament.
Abairtean na Litreach: Alasdair MacPhàrlain às an Arar: Alasdair MacFarlane from Arrochar; cha robh X air mòran adhartais a dhèanamh: X had not made much progress; am Bìoball Èireannach, ann an clò Ròmanach: the Irish [Gaelic] Bible in Roman (Latin) type; chaidh deich mìle lethbhreac dheth a chlò-bhualadh: ten thousand copies of it were printed; bha aca ri feitheamh fada ro fhada, ge-tà:they had to wait far too long, however; dà cheud bliadhna às dèidh an Tiomnaidh Nuaidh ann an Cuimris:two hundred years after the New Testament [appeared] in Welsh; Gleann Fhionnghlais anns na Tròiseachan: Glen Fin(g)las in the Trossachs; an Sasannach ainmeil: the famous Englishman; gan càineadh airson a bhith a’ diùltadh na sgriobtaran a theagasg: criticizing them for refusing to teach the scriptures; am fear-siubhail agus sgrìobhadair Cuimreach: the Welsh traveller and writer; airson dà bhliadhna fichead às dèidh dha crìoch a chur air: for 22 years after he had finished; nach deach a sgaoileadh don phoball: which were not [had not been] distributed to the populace; cho cliùmhor ’s a bu chòir: as celebrated as he should [have been]; ged a chaidh a thiodhlacadh anns a’ chladh: although he was buried in the graveyard; às dèidh a bhàis: after his death; gun gabhadh a’ Ghàidhlig a chleachdadh: that Gaelic could be used; airson litearrachd ann am Beurla a thoirt am feabhas: to improve literacy in English; chaidh ochd mìle deug lethbhreac dheth a chlò-bhualadh dà bhliadhna às dèidh sin: 18,000 copies of it were printed two years after that.
Puing-chànain na Litreach: If you go to Killin in Perthshire, make sure you stop outside the Church of Scotland and have a look at the monument to one of Gaelic Scotland’s most significant figures – Rev James Stuart, first translator of the New Testament into Scottish Gaelic. Here’s what’s inscribed on his “carragh-cuimhne” in Gaelic. See if you can translate it: AN CUIMHNE AIR AN DIADHAIR URRAMACH, SEUMAS STIUBHARD, MINISTEAR CHILL-FHINN, RE DHADHEUG AGUS DA FHICHEAD BLIADHNA, 1737 GU 1789, CEUD EADAR-THEANGAIR AN TIOMNAIDH NUAIDH GU GAIDHLIG ALBANNAICH, THOGADH AN CARRAGH SEO LE COMUNN GAIDHEALABH PHEAIRT AGUS LE CAIRDEAN AM BRAIDALBAINN S AN CEARNAIBH EILE O AM BHEIL AINM-SAN CAOMH, RUGADH E 1700, CHAOCHAIL E 1789.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Thug esan an obair gu buil: he completed the work.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 298
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn