FaclairDictionary EnglishGàidhlig

777: Na Fianna agus Gleann Comhann

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Fianna agus Gleann Comhann

Gaelic Gàidhlig

’S e àite brèagha a th’ ann an Gleann Comhann. Tha cumadh nam beann brèagha, ach tha bòidhchead an àite a’ dol nas doimhne na sin. Bha an gleann na dhachaigh uaireigin do na Fianna – Fionn MacCumhail agus a chàirdean. Tha an ainmean a’ nochdadh an siud ’s an seo fhathast. Nach brèagha sin!

’S e Sgòr nam Fiannaidh a th’ againn air a’ mhullach air ceann an iar an Aonaich Eagaich. Sin far an robh batail eadar na Fianna agus Lochlannaich, mar a chì sinn. Tha Bealach Fhionnghail a’ ceangal Gleann Comhann ri Gleann Èite; tha dùil gu bheil sin ainmichte airson Fhinn MhicCumhail. Agus air an Aonach Dhubh, tha Uamh Oisein far an robh Oisean Mac Fhinn a’ sgrìobhadh a chuid bàrdachd uaireigin.

Thathar ag ràdh gun robh na Fianna a’ dìon na Gàidhealtachd bho na Lochlannaich. A rèir beul-aithris, thàinig na Lochlannaich ann an ceathrad birlinn gu ruige Baile a’ Chaolais. Bha tè de na birlinnean air a togail le fiodh-iubhair à bile naomh, ach chaidh i fodha ann an Loch Lìobhann.

Rinn Rìgh nan Lochlannach, Earragan, campa air an Làrfhaich, ann am Baile a’ Chaolais. Chuir e teachdaireachd gu Fionn MacCumhail gun robh aige ri gèilleadh do na Lochlannaich. Bha na Fianna a-muigh a’ sealg agus chùm Fionn còmhradh ri Earragan gus am biodh ùine aig na gaisgich faighinn dhachaigh agus dèanamh deiseil airson sabaid. Chladhaich na Fianna ceithir trainnsichean anns a’ mhonadh eadar Sgòr nam Fiannaidh agus Sgòr na Cìche. Bha iad deiseil.

Thagh an Rìgh Lochlannach seachd fichead de na gaisgich a b’ fheàrr aige. Dh’iarr e air Fionn an aon àireamh a chur nan aghaidh. Dh’aontaich Fionn. Thàinig seachd fichead de na Fianna sìos an leathad gu Ach nan Con ann an Gleann Comhann far an do rinn iad a’ chùis air na Lochlannaich.

Lean sabaid mhòr eadar an dà thaobh, latha às dèidh latha, airson seachdain. Air an ochdamh latha, thug Earragan an còrr dhen armailt aige còmhla air an Làrfhaich air bruach Loch Lìobhann. Thàinig na Fianna a-nuas orra agus bha strì eagallach, fhuilteach ann. Eadar am Meall Mòr agus an loch bha an t-àite làn chorp. Agus bha Earragan fhèin air a mharbhadh le Gàidheal mòr air an robh Goll MacMorna.

Nuair a chunnaic iad gun robh an ceannard marbh, theich na bha air fhàgail de na Lochlannaich do na longan aca. Ged a bha gu leòr dhiubh ann airson ceathrad birlinn a lìonadh air an rathad ann, cha robh gu leòr air fhàgail air an rathad às ach airson dà bhirlinn. Agus thathar ag ràdh nach do ràinig na soithichean sin Lochlann. Bha iad air an call aig muir air an t-slighe dhachaigh.

Bha na mairbh – air gach taobh – air an tiodhlacadh air an Làrfhaich. Bha na commandairean air an cur ann an cisteachan cloiche, le cùirn air am muin. A rèir choltais bha na cùirn sin ann am follais airson nan ceudan bhliadhnaichean às dèidh a’ bhatail.

Cuin a thachair e? Cò aige tha fios. Bidh cuid ag ràdh anns an treas no ceathramh ceud an dèidh Chrìosd. Bidh cuid a’ cumail a-mach nach robh Fionn is a chompanaich riamh ann, ’s gum buin iad do mhac-meanmna nan Gàidheal. Tha sgeulachdan na Fèinne mar cheò air Sgòr nam Fiannaidh. Cha ghabh an greimeachadh. Ach, às an aonais, bhiodh rudeigin a dhìth air beanntan na Gàidhealtachd.

.

Faclan na Litreach: An Làrfhaich: Laroch (next to Ballachulish); a’ sealg: hunting; trainnsichean: trenches; fuilteach: bloody; mairbh: dead people; mac-meanmna: imagination.

Abairtean na Litreach: cumadh nam beann: the shape of the mountains; nas doimhne na sin: deeper than that; bha an gleann na dhachaigh uaireigin do na Fianna:the glen was at one time home to the Fingalians; tha Bealach Fhionnghail a’ ceangal Gleann Comhann ri Gleann Èite: Fingal’s pass connects Glencoe to Glen Etive; ainmichte airson Fhinn MhicCumhail: named for Fionn MacCumhail; Uamh Oisein far an robh Oisean Mac Fhinn a’ sgrìobhadh a chuid bàrdachd: Ossian’s cave where Ossian son of Fionn was writing his poetry; a’ dìon na Gàidhealtachd bho na Lochlannaich: protecting the Gaidhealtachd from the Vikings; ann an ceathrad birlinn gu ruige Baile a’ Chaolais: in forty birlinns to Ballachulish; air a togail le fiodh-iubhair à bile naomh: made of yew wood from a sacred tree; chaidh i fodha ann an Loch Lìobhann: she sank in Loch Leven; gun robh aige ri gèilleadh: that he’d have to surrender; dh’iarr e air Fionn an aon àireamh a chur nan aghaidh: he asked Fionn to put up the same number against them; thug Earragan an còrr dhen armailt aige còmhla:Earragan brought the remainder of his army together; bha an t-àite làn chorp: the place was full of bodies; air an call aig muir:lost at sea; air an tiodhlacadh: buried; air an cur ann an cisteachan cloiche, le cùirn air am muin: put in stone chests, with cairns above them; ann am follais airson nan ceudan bhliadhnaichean: visible for hundreds of years; an treas no ceathramh ceud an dèidh Chrìosd: the third or fourth century after Christ; tha sgeulachdan na Fèinne mar cheò:the Fingalian legends are like mist; cha ghabh an greimeachadh: they can’t be grasped; às an aonais, bhiodh rudeigin a dhìth: without them, something would be missing.

Puing-chànain na Litreach: air ceann an iar an Aonaich Eagaich: on the western end of [the] Aonach Eagach. In English one tends to use Gaelic mountain names without the article. Thus people talk of Aonach Eagach (and sadly often mispronounce it!) But in Gaelic it is An t-Aonach Eagach ‘the notched mountain’, with the article. The dative is [air] an Aonach Eagach and the genitive is [mullach] an Aonaich Eagaich. Aonach is a masculine noun. We would treat Meall Mòr in the same way – am Meall Mòr, air a’ Mheall Mhòr, mullach a’ Mhill Mhòir.

Gnàthas-cainnt na Litreach: theich na bha air fhàgail de na Lochlannaich: what was left of the Vikings fled.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 473

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean