46: Gàidheal aona-chànanach
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Gàidheal aona-chànanach
Thathar ag ràdh gu tric nach eil a leithid de rud ann an-diugh mar Ghàidheal aona-chànanach. Agus uaireannan cluinnear daoine, agus iad ag ràdh “Dè feum a th’ ann anns a’ Ghàidhlig - tha Beurla aig a h-uile mac màthar ann an Alba co-dhiù.” Uill, tha iomadh rud a b’ urrainn dhomh ràdh mu dheidhinn sin. Ach canaidh mi dìreach seo – nach eil e ceart gu bheil Beurla mhath choilionta aig a h-uile duine, a h-uile mac màthar ma thogras sibh, anns an dùthaich seo.
Tha dà bhuidhinn ann anns am faighear daoine a tha nas comasaich’ air a’ Ghàidhlig na tha iad air a’ Bheurla – feadhainn òga agus seann daoine. Tha fios agam gu bheil cuid de luchd-èisteachd a’ phrògraim seo ag ionnsachadh na Gàidhlig air sgàth ’s gu bheil oghaichean aca anns na h-Eileanan Siar, oghaichean òga nach eil aig sgoil agus aig nach eil deagh Bheurla fhathast.
Agus dè mu dheidhinn seann daoine? Uill, tha cuimhn’ agam air duine neo dithis nam òige fhèin, air tìr-mòr na Gàidhealtachd ann an Siorrachd Rois, aig an robh glè bheag dhen Bheurla. Ach tha iad air falbh a-nise. Tha aon àite ann fhathast, ge-tà, far an tig thu tarsainn air seann Ghàidheil a th’ air mòran dhen Bheurla aca a chall. An t-ospadal.
Chuala mi mu dheidhinn fear a chaochail o chionn ghoirid, agus ’s e sin a thachair dhasan. Bha Gàidhlig mhath aige, ged a bha e air a bhith a’ fuireach taobh a-muigh na Gàidhealtachd airson ùine mhòir. Ach cha b’ e sin a bheachd fhèin. Thuirt e rium gu robh e a’ cleachdadh cus fhaclan Beurla air sgàth ’s gu robh e a’ dìochuimhneachadh nam faclan Gàidhlig.
Uill, ’s e rud annasach a tha anns an inntinn, ach ghabh an duine còir seo stròc agus b’ fheudar dha dhol don ospadal. Chan eil fhios a’m co-dhiù ’s e an stròc a bu choireach, neo dìreach aois, ach anns na seachdainean mu dheireadh aige, agus e na laighe anns an ospadal, chaill e a chuid Bheurla gu lèir. Cha b’ urrainn dha ach Gàidhlig a bhruidhinn.
Nise, bhiodh sin dona gu leòr ann an Alba, gu h-àraidh air a’ Ghalltachd, ach bha an duine bochd seo fada bho Alba. Bha e ann an Astràilia agus, mar a thuigeas sibh, cha robh Gàidhlig aig gin dhen luchd-obrach anns an ospadal. Gu fortanach dha, ge-tà, bha Gàidheal eile a’ fuireach anns an dearbh bhaile, a bha eòlach air, agus rachadh esan a chèilidh air gu tric. Agus bhiodh cothrom dha eadar-theangachadh a dhèanamh airson nan nursaichean.
Cha chreid mi gu bheilear a’ tuigsinn cho cumanta ’s a tha suidheachaidhean mar seo, agus thug e bliadhnaichean mus do dh’aontaich luchd-stiùiridh Ospadal an Rathaig Mhòir, ann an Inbhir Nis, anns am bi mòran Ghàidheal a’ cur seachad ùine, Radio nan Gàidheal a chur air siostam-rèidio an ospadail. Tha mi toilichte gu bheil iad air sin a dhèanamh a-nise.
Tha mi toilichte cuideachd gun do dh’fhoillsich buidheann de dh’oileanaich ann an Steòrnabhagh, a tha a’ trèanadh airson a bhith nan nursaichean, leabhar beag o chionn ghoirid, anns a bheil abairtean Gàidhlig a bhios feumail ann an ospadal. Tha mi ’n dòchas gum faigh nursaichean is dotairean, aig nach eil Gàidhlig, cothrom an leabhar fhaighinn, gu h-àraidh ma tha iad ag obair air a’ Ghàidhealtachd neo anns na h-Eileanan. ‘S e an t-ainm a th’ air an leabhar “Tha mi a’ dol a chur a-mach”. Cò aige tha fios nach biodh e feumail air bòrd bàta cuideachd! Co-dhiù, bheir sinn sùil air cuid de na h-abairtean a tha na bhroinn an ath sheachdain.
Faclan na Litreach: aona-chànanach: monolingual; cluinnear (daoine): (people) are (will be) heard; coilionta: complete, perfect; oghaichean: grandchildren; a’ dìochuimhneachadh: forgetting; eadar-theangachadh: translation; abairtean: phrases.
Abairtean na Litreach: tha iomad rud a b’ urrainn dhomh ràdh: there are many things I could say; anns am faighear daoine:in which people are found (obtained); far an tig thu tarsainn air X: where you come across X; cha b’ e sin a bheachd fhèin:that was not his own opinion; gabh X stròc: X suffered (took) a stroke; b’ fheudar dha dhol don ospadal:he had to go to hospital; co-dhiù ’s e an stròc a bu choireach: whether the stroke was responsible; chaill e a chuid Bheurla gu lèir:he lost all his English; rachadh esan a chèilidh air gu tric: he would often go to visit him; cha chreid mi gu bheilear a’ tuigsinn:I don’t think it is understood; thug e bliadhnaichean mus do dh’aontaich X: it took years before X agreed; tha mi a’ dol a chur a-mach:I am going to be sick; cò aige tha fios nach biodh e feumail air bòrd bàta cuideachd: who knows, it might be useful on board a boat as well.
Puing ghràmair na Litreach: A point about pronunciation this week: have you mastered the Gaelic “l’s” yet? It is one of the most difficult consonants for a learner to perfect but there are two words in this week’s Litir which should be useful to try with your Gaelic teacher as they represent two important types of “l” – ospadal and Gàidheal . In both words, in the nominative singular case, the terminal “l” is a broad one. But in the nominative plural and genitive singular cases, the “l” is slenderised and the tongue moves forward in the mouth, making more distinct contact with the teeth. The spelling is altered to show the sound change – to ospadail and Gàidheil . This seeming subtlety of consonant change is actually not subtle at all to the Gaelic ear and, if not employed properly, can lead to misunderstanding. Try saying quickly “ceannardan nan ospadal” (the hospitals’ heads) and then “ceannardan an ospadail” (the hospital’s heads) and you will see how important it is to get this sound right.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha Beurla aig a h-uile mac màthar co-dhiù : every Tom, Dick and Harry speaks English anyway. Lit. every son of a mother, it also takes in females, but use it sparingly and not in a situation where you are being excessively respectful to the subject of the conversation.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn