FaclairDictionary EnglishGàidhlig

386: Ar-a-mach a’ Bhuntàta

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ar-a-mach a’ Bhuntàta

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh a-riamh mu “Ar-a-mach a’ Bhuntàta” ann an Inbhir Nis? Uill, ’s e mì fhìn a chuir an tiotal sin air. ’S e tachartas iongantach a bh’ ann.

Tha ceud is seasgad bliadhna air a dhol seachad bho thachair gaiseadh a’ bhuntàta. Thug e buaidh uabhasach air muinntir na h-Èireann, ach bha e dona gu leòr ann an Alba cuideachd. Fhad ’s a bha daoine ann an èiginn, gun bhiadh gu leòr, bha cuid eile a’ reic biadh is a’ dèanamh prothaid às. Bha iad eadhon a’ dèanamh às-mhalairt de bhuntàta.

Air an treas latha dhen Ghearran, ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846) thòisicheadh air buntàta a chur air bòrd dà shoitheach ann an Inbhir Nis. Bha iad a’ dol gu ruige Lunnainn far am faighte prìs mhath air a’ mhargaidh. Bha fios aig muinntir a’ chinn a tuath, ge-tà, air dè bha a’ dol ann an Èirinn agus gun robh an suidheachadh a’ fàs truagh ann an Alba cuideachd.

Air an latha sin chaidh buidheann de mhàthraichean len cuid cloinne don chidhe. Bha iad air an cuideachadh le fir. Am measg nam fear bha Aonghas Siosalach, a bha na ghobha. Nuair a thàinig cairtean is eich, is na cairtean làn bhuntàta, chun a’ chidhe, chuir na daoine stad orra. Thionndaidh iad cinn nan each, agus tharraing iad na h-eich air falbh bhon chidhe.

Air an làrna-mhàireach chaidh feuchainn a-rithist na cairtean fhaighinn chun a’ chidhe. Ach a-rithist chaidh stad a chur orra. Bha an sluagh a-nise air fàs mòr. Chuala ùghdarrasan a’ bhaile mun t-suidheachadh. Rinn an t-Iar-Shiorram, am Pròbhaist, maighstirean-lagha agus poilis air a’ chidhe. Ach chaidh stad a chur orra mus do ràinig iad an cidhe. Agus chaidh poll a thilgeil orra.

An àite a bhith ag èisteachd ris na daoine, ge-tà, chuir iad fios don arm ann an Gearastan Deòrsa. Thàinig buidheann de sheachdad saighdear. Ràinig iad Caisteal Inbhir Nis air an oidhche sin.

Ach cha do chuir sin eagal air na daoine. Thàinig mìle gu leth dhiubh cruinn còmhla, a’ togail fianais. Bha iad ag iarraidh air na h-ùghdarrasan stad a chur air às-mhalairt a’ bhuntàta.

Cha robh iad buileach sìtheil, ge-tà. Bha Aonghas Siosalach air a dhol na cheannard orra. Dh’iarr e air gille òg coiseachd tro shràidean a’ bhaile, a’ bualadh a dhruma. Fhad ’s a bha iad a’ coiseachd, dh’fhàs an sluagh, a bha a’ leantainn a’ ghille, na bu mhotha ’s na bu mhotha.

Chaidh iad gu Tom a’ Chaisteil, far an robh na saighdearan. Bha iad ag èigheachd air na saighdearan. Agus chan ann modhail a bha iad. Dh’fhuirich na saighdearan am broinn a’ chaisteil, ge-tà.

An uair sin chaidh iad gu taigh aig seann phròbhaist a’ bhaile agus bhris iad cuid de na h-uinneagan aige. Rinn iad an aon rud aig taigh a’ phròbhaist. Ghluais iad sìos gu taigh aig fear dhen fheadhainn a bha a’ ruith nan soithichean a bha a’ toirt a’ bhuntàta air falbh. B’ esan Seumas Mason. Thàinig an clàrc aige a-mach le gunna na làimh. Chaidh an gunna a thoirt bhuaithe agus bha e air a ghoirteachadh anns an spàirn.

An uair sin nochd Mason fhèin. “’S e mise a bu choireach,” dh’aidich e, “ri às-mhàlairt a’ bhuntàta, ach bheir mi arbhar is buntàta gu leòr a-steach a dh’Inbhir Nis ma tha sin a dhìth.” Agus innsidh mi dhuibh dè rinn an sluagh an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: gobha: blacksmith; poll: mud; seachdad: seventy; sìtheil: peaceful; bataichean: sticks; clàrc: clerk; spàirn: struggle.

Abairtean na Litreach: Ar-a-mach a’ Bhuntàta: The Potato Revolt; tachartas iongantach: an amazing occurrence; bho thachair gaiseadh a’ bhuntàta: since the potato blight happened; buaidh uabhasach air muinntir na h-Èireann: a terrible effect on the people of Ireland; ann an èiginn: in dire straits; a’ dèanamh prothaid às: making a profit from it; an treas latha dhen Ghearran: 3rd February; thòisicheadh air buntàta a chur air bòrd dà shoitheach: loading of potatoes onto two vessels was started; far am faighte prìs mhath air a’ mhargaidh: where a good price would be obtained on the market; muinntir a’ chinn a tuath: the people of the north; màthraichean len cuid cloinne: mothers with their children; thionndaidh iad cinn nan each: they turned the horses’s heads; tharraing iad na h-eich air falbh: they pulled the horses away; air an làrna-mhàireach: the next day; rinn an t-Iar-Shiorram, am Pròbhaist, maighstirean-lagha agus poilis air a’ chidhe: the Depute Sheriff, the Provost, magistrates and police made for the quay; chuir iad fios don arm ann an Gearastan Deòrsa:they sent word to the army at Fort George; a’ togail fianais: demonstrating; bha Aonghas Siosalach air a dhol na cheannard orra: Angus Chisholm had become their leader; a’ bualadh a dhruma: banging his drum; chan ann modhail a bha iad: they weren’t polite; fear dhen fheadhainn a bha a’ ruith nan soithichean: one of the people who ran the vessels; chaidh an gunna a thoirt bhuaithe:the gun was taken from him: ’s e mise a bu choireach: it’s me who was responsible: bheir mi arbhar is buntàta gu leòr a-steach: I will import enough corn and potatoes.

Puing-chànain na Litreach: Bha iad eadhon a’ dèanamh às-mhalairt de bhuntàta: they were even exporting potatoes. Note that buntàta stands for both the singular and plural potato and potatoes. Às- is the prefix sometimes used as an equivalent to ex- in English (which comes directly from Latin). The opposite is in-, equivalent to the English in- (or ìm-). Thus we have às-mhalairt (export) and in-mhalairt (import). Also às-dùnadh (exclusion) and in-ghabhail (inclusion); the Gaelic for social exclusion is às-dùnadh sòisealta. We also have às-imrich (emigration) and in-imrich (immigration). However, às-imrich is rarely heard in informal language, the more usual being eilthireachd(an old word derived from eile and tìr), although eilthireachd can also mean pilgrimage (the main reason for going to other lands in pre-diaspora times).

Gnàthas-cainnt na Litreach: ma tha sin a dhìth: if that is required, needed.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 82

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean