FaclairDictionary EnglishGàidhlig

281: Fèill-Màrtainn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fèill-Màrtainn

Gaelic Gàidhlig

Tha Fèill-Màrtainn dìreach air a dhol seachad airson bliadhna eile. Chan eil fhios agam a bheil Fèill-Màrtainn a’ ciallachadh mòran dhuibh. Dhomhsa tha i tlachdmhor, oir bidh fèis sgeulachdan ann aig an àm seo a h-uile bliadhna ann an Siorrachd Rois, le sgeulaichean matha ann bho air feadh Alba agus eadhon bho dhùthchannan eile.

Ach do chroitearan na h-Alba, anns an naoidheamh linn deug, cha robh Fèill-Màrtainn tlachdmhor idir. B’ e sin an t-àm as t-fhoghar nuair a bha aca ri màl a phàigheadh. Anns na ceithir ficheadan dhen linn sin, bha am màl aig ìre mhì-reusanta aig àm nuair a bha daoine bochd, agus nuair a bha cuid de dh’uachdarain air fearann a thoirt air falbh bho chroitearan. Cha robh còraichean aig croitearan fon lagh, agus bha iad feargach.

Mun àm sa, ann am meadhan na Samhna, o chionn sia fichead bliadhna, nochd bàta-smùid aig Mac a’ Bhriuthainn far costa an Eilein Sgitheanaich. Mar bu trice, cha bhiodh sin annasach. Ach an turas seo, bha e annasach, oir bha am bàta ann airson ’s gum biodh àiteachan-fuirich ann do chuid a bha a’ tadhal air an eilean.

Bidh sibh mothachail gu bheil gainnead de dh’àiteachan-fuirich na trioblaid aig àm a’ Mhòid Nàiseanta, mar eisimpleir ann an Leòdhas. ’S e aon fhuasgladh bàta mòr a thoirt ann, anns a bheil seòmraichean-cadail. Ach cha robh mòd anns an Eilean Sgitheanach as t-fhoghar ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884).

Bha bàta Mhic a’ Bhriuthainn, air an robh an “Locheil” mar ainm, anns an sgìre sin an cois dà bhàta eile. Bha tè dhiubh a’ giùlain trì cheud saighdear-mara. Agus bha an tè eile armaichte le gunnaichean mòra. Agus bha an Locheil gu bhith na àite-fuirich do dh’fheachd de phoilis. B’ e seo àm ar-a-mach nan croitearan, agus bha na h-ùghdarrasan airson an t-ar-a-mach a cheannsachadh.

Chan e nach robh àiteachan-fuirich gu leòr air tìr, anns an Eilean Sgitheanach. Bha. Ach dhiùlt òstairean an eilein cead do na poilis fuireach anns na taighean-òsta aca. Agus chaidh an “Locheil” don eilean. Ach nuair a dh’ionnsaich an criubha dè dìreach a bha romhpa, leig a’ chuid a bu mhò aca an dreuchdan dhiubh. Bha an sgiobair nam measg.

’S ann air na croitearan air oighreachd Chille Mhoire a bu mhò a bha na saighdearan-mara ag amas. Bha na h-ùghdarrasan an dòchas gun gabhadh na croitearan eagal, is gum pàigheadh iad am màl. Ach cha do ghabh iad eagal. Agus cha mhòr gun do phàigh duine a mhàl air an oighreachd sin aig Feill-Màrtainn. Agus bha sin fìor ann am mòran àiteachan san Eilean Sgitheanach. B’ iad sin gaisgich an fhearainn.

Thug na gaisgich sin buaidh air poileataics na h-Alba goirid às dèidh sin. Bha na tagraichean a bha taiceil do na croitearan gu math soirbheachail anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885). Agus bhrosnaich a’ bhana-bhàrd ainmeil, Màiri Mhòr nan Òran, na Gàidheil gus taic a thoirt dhaibh. Seo na sgrìobh i anns an dàn Brosnachadh nan Gàidheal:

Cuiribh Teàrlach suas le aighear

’S deagh MhacPhàrlain suas le caithreim;

Cuiribh Aonghas suas le buaidh

Air ceann an t-sluaigh far ’n d’ fhuair e aran .

Cò bh’ ann an Teàrlach, MacPhàrlain is Aonghas? Uill bha Teàrlach Friseal Mac an Tòisich a’ seasamh airson Siorrachd Inbhir Nis, agus bha Aonghas Sutharlanach a’ seasamh ann an Cataibh. Agus MacPhàrlain? B’ esan Dòmhnall Horne MacPhàrlain agus cluinnidh sibh tuilleadh mu dheidhinn anns an ath-litir.

Faclan na Litreach: Fèill-Màrtainn: Martinmas; sgeulaichean: storytellers; eadhon: even; mì-reusanta: unreasonable; fearann: land; còraichean: rights; bàta-smùid: steam boat; Mac a’ Bhriuthainn: MacBrayne; am Mòd Nàiseanta: the National Mod; fuasgladh: solution; armaichte: armed; òstairean: innkeepers; oighreachd Chille Mhoire: Kilmuir estate; soirbheachail: successful; brosnachadh: encouragement, inspiration; aighear: high spirits; Teàrlach Friseal Mac an Tòisich: Charles Fraser-Mackintosh; Aonghas Sutharlanach: Angus Sutherland; Dòmhnall Horne MacPhàrlain: Donald Horne MacFarlane.

Abairtean na Litreach: dhomhsa tha i tlachdmhor: for me it is pleasurable; aig an àm seo a h-uile bliadhna: at this time every year; b’ e sin an t-àm as t-fhoghar: that was the time in autumn; nuair a bha aca ri màl a phàigheadh: when they had to pay rent; cuid de dh’uachdarain: some landlords; ann am meadhan na Samhna: in the middle of November; a’ tadhal air an eilean: visiting the island; gainnead de dh’àiteachan-fuirich: a lack of accommodation; an cois dà bhàta eile: along with two other boats; bha tè a’ giùlain trì cheud saighdear-mara: one was carrying three hundred marines; ar-a-mach nan croitearan: the crofters’ revolt; ’s ann air X a bu mhò a bha Y ag amas: its mostly on X that Y were aiming, concentrating their effort; gum pàigheadh iad am màl: that they would pay their rent; b’ iad sin gaisgich an fhearainn: they were the land heroes; thug X buaidh air poileataics: X affected politics; le caithreim: with cheering.

Puing-chànain na Litreach: Ach nuair a dh’ionnsaich an criubha dè dìreach a bha romhpa, leig a’ chuid a bu mhò aca an dreuchdan dhiubh: but when the crew learned exactly what lay ahead of them, most of them resigned from their jobs. Romhpais the prepositional pronoun, in the third person plural, associated with the preposition ro . It means “before them”. Here it is idiomatically used to mean what lay ahead of the crew members. Here are some similar examples: chan eil fhios agam dè tha romham (I don’t know what lies in wait/ahead of me); is math nach eil fios agad dè tha romhad(it’s as well you don’t know what lies in store for you). Romhainn (before us)is used as a general idiom to refer to “the future”: tachraidh iomadh rud anns a’ bhliadhna romhainn (many things will happen in the year ahead [of us]).

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha mhòr gun do phàigh duine a mhàl: hardly a man paid his rent.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean