317: Spìonadh Anna Ghòrach!
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Spìonadh Anna Ghòrach!
Chuir mi crìoch air an Litir mu dheireadh leis an t-seann sgeulachd aig Aesop – “Androcles agus an Leòmhann”. Bha Androcles na thràill. Bha e air droigheann a spìonadh à spog an leòmhainn nuair a bha iad còmhla anns a’ choille. Agus nuair a chunnaic an leòmhann Androcles anns an raon-sabaid, dh’aithnich e e. An àite a mharbhadh, ’s ann a dh’imlich e làmhan Androcles. Bha an Rìgh dhen bheachd gu robh sin iongantach agus leig e an leòmhann agus an duine ma sgaoil. ’S e teachdaireachd na sgeulachd gu bheil taingealachd na chomharra air uaisleachd.
Coltach ri Androcles, bha Aesop e fhèin na thràill. Thathar a’ smaoineachadh gun do rugadh e timcheall air a’ bhliadhna sia ceud is fichead (620) RC – ’s e sin Ro Chrìosd. Bha e ann an tràilleachd do dhithis – Xanthus agus Jadmon. Agus ’s e Jadmon a leig ma sgaoil e – a chionn ’s gu robh e cho inntinneach is eirmseach.
Bha e ag obair airson greis mar thosgaire do rìgh Greugach. Ach turas a bha seo chaidh e gu ruige Delphi le stòras mòr de dh’òr airson a thoirt do mhuinntir an àite. Ach ghabh Aesop droch bheachd air muinntir Dhelphi agus dhiùlt e an t-òr a thoirt seachad. Bha muinntir a’ bhaile feargach agus chuir iad Aesop gu bàs.
Co-dhiù – air ais don fhacal spìon. Tha e càirdeach do spine ann am Beurla. Tha na dhà, a rèir choltais, a’ tighinn bhon fhacal Laideann spina a tha a’ ciallachadh droigheann no bior. O shean bha spìn a’ ciallachadh droigheann ann an Gàidhlig cuideachd. An dearbh rud a bhiodh duine a’ spìonadh nam faigheadh e fear na chraiceann.
Tha sin gam thoirt gu geama. Seann gheama air a’ Ghàidhealtachd air a bheil Spìonadh Anna Ghòrach. Spìonadh Anna Ghòrach. Seo mar a tha e ag obair. Tha cuideigin air a thaghadh. Gabhaidh càch “Anna Ghòrach” air an fhear no tè sin. Chan eil e gu diofar co-dhiù tha e no i fireann no boireann.
Bidh sùilean Anna air an còmhdachadh le bann clò. Chan fhaic i rud sam bith. Bidh cuideigin eile ag ràdh rithe an uair sin, “Tha do mhàthair gad iarraidh.” Bidh Anna a’ freagairt, “Carson?”
Bidh am fear no tè eile ag radh, “A’ gabhail do bhrochan”. Agus bidh Anna a’ freagairt, “Càite a bheil an spàin?”
Bidh am fear no tè eile ag ràdh an uair sin, “Tionndaidh mun cuairt trì uairean agus amhairc air a son.”
Leis a sin, bidh Anna a’ feuchainn ri buntainn no greimeachadh air daoine eile. Agus bidh iadsan a’ gabhail spòrs. Bidh iad a’ putadh Anna. No bidh iad a’ tarraing air a cuid aodaich – ’s e sin spìonadh. Fhad ’s a tha sin a’ tachairt bidh feadhainn ag èigheachd, “Spìonadh Anna Ghòrach!” Tha an geama a’ tighinn gu crìch nuair a gheibh Anna grèim air cuideigin eile.
Bha geamannan mar sin ann air feadh na Gàidhealtachd agus ann an àiteachan eile a bharrachd. Bidh cuid eòlach air mar Blind Man’s Buff. Ann an àiteachan air tìr-mòr na Gàidhealtachd, ’s e Dallan Dubh a bh’ air a’ gheama. Ach ann an eileanan Earra-Ghàidheal bha daoine eòlach air fon ainm Spìonadh Anna Ghòrach.
Faclan na Litreach: raon-sabaid: fighting arena; brochan: porridge.
Abairtean na Litreach: bha Androcles na thràill: Androcles was a slave; bha e air droigheann a spìonadh à spog an leòmhainn:he had plucked a thorn from the lion’s paw; dh’aithnich e e: he recognised him; leig e an X agus Y ma sgaoil: he released X and Y; gu bheil taingealachd na chomharra air uaisleachd: that gratefulness is a mark of nobility; 620 RC: 620 BC; a chionn ’s gu robh e cho inntinneach is eirmseach: because he was so intelligent/interesting and sharp-witted; airson greis mar thosgaire do rìgh Greugach: for a while as an ambassador for a Greek king; chaidh e gu ruige Delphi le stòras mòr de dh’òr: he went to Delphi with a great store of gold; ghabh Aesop droch bheachd air muinntir X: Aesop took a dislike to the people of X; chuir iad Aesop gu bàs: they killed Aesop; nam faigheadh e fear na chraiceann: if he got one in his skin; Spìonadh Anna Ghòrach:the plucking of foolish Anna; chan eil e gu diofar co-dhiù tha e no i fireann no boireann:it doesn’t matter whether he or she is male or female; tha sùilean Anna air an còmhdachadh le bann clò: Anna’s eyes are covered by a blindfold; tha do mhàthair gad iarraidh: your mother wants you; tionndaidh mun cuairt tri uairean agus amhairc air a son: turn around three times and look for it: bidh iad a’ tarraing air a cuid aodaich: they tug her clothes; ann an àiteachan eile a bharrachd: in other places in addition; eileanan Earra-Ghàidheal: the islands of Argyll.
Puing-chànain na Litreach: An àite a mharbhadh, ’s ann a dh’imlich e làmhan Androcles: rather than kill him, he licked Androcles’s hands. Why did I use a ’s ann construction here? Simply to emphasise the verb that followed – dh’imlich. I might have said an àite a mharbhadh, dh’imlich e làmhan Androcles – which would have been acceptable. But the use of the emphatic verb is (with ann ) gives a little more emphasis and is commonly used in such a situation.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha e ann an tràilleachd do dhithis: he was in slavery to two men. An alternative translation (and perhaps a way to remember the Gaelic word) is “he was in thrall to two men”. The English word thrall and the Gaelic tràill share a common origin (from the old Norse).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 13
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn