13: The plucking of foolish Anna 13: Spìonadh Anna Ghòrach
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Spìonadh Anna Ghòrach
Anns an Litir mu dheireadh bha mi ag innse dhuibh mu “Androcles agus an Leòmhann”. ’S e tràill a bh’ ann an Androcles. Theich e bhon mhaighstir aige. Bha e anns a’ choille. Ach cha robh e anns a’ choille leis fhèin. Bha leòmhann ann cuideachd. Bha spòg ghoirt aig an leòmhann. Bha droigheann anns an spòig. Tharraing Androcles an droigheann a-mach. Spìon e an droigheann.
Nuair a chunnaic an leòmhann Androcles anns an raon-sabaid, dh’aithnich e e. Cha do mharbh e e. Dh’imlich e làmhan Androcles! Leig an Rìgh an leòmhann agus an duine ma sgaoil. ’S e “Androcles agus an Leòmhann” tè de sgeulachdan Aesop. Bha Aesop a’ fuireach anns a’ Ghrèig o shean.
Tha mi fhathast a’ coimhead air na faclan spìon agus spìonadh. Tha geama ann air a bheil Spìonadh Anna Ghòrach. Spìonadh Anna Ghòrach. Seo mar a tha e ag obair. Tha cuideigin air a thaghadh. Canaidh càch “Anna Ghòrach” ris an fhear no tè sin.
Tha bann clò air sùilean Anna. Cha bhi i a’ faicinn rud sam bith. Tha cuideigin ag ràdh rithe, “Tha do mhàthair gad iarraidh.”
Tha Anna a’ freagairt, “Carson?”
Tha am fear no tè eile ag radh, “A’ gabhail do bhrochan”.
Agus tha Anna ag ràdh, “Càite a bheil an spàin?”
Tha am fear no tè eile ag ràdh an uair sin, “Tionndaidh mun cuairt trì uairean agus amhairc air a son.”
Tha Anna a’ feuchainn ri grèim fhaighinn air daoine eile. Tha càch a’ putadh Anna. Tha iad a’ tarraing an aodaich aice – ’s e sin spìonadh. Tha iad a’ spìonadh an aodaich aice. Tha feadhainn ag èigheachd, “Spìonadh Anna Ghòrach! Spìonadh Anna Ghòrach!” Tha an geama a’ sguir nuair a tha Anna a’ faighinn grèim air duine eile. ’S e am fear no tè sin “Anna Ghòrach” anns an ath gheam.
Bha geamannan mar sin ann air feadh na Gàidhealtachd. Bha iad ann an àiteachan eile cuideachd. A bheil sibh eòlach air mar Blind Man’s Buff, ’s dòcha? Ann an àiteachan air tìr-mòr na Gàidhealtachd, ’s e Dallan Dubh an t-ainm a bh’ air a’ gheama. Ach ann an eileanan Earra-Ghàidheal, bha daoine eòlach air fon ainm Spìonadh Anna Ghòrach. Agus ma ’s e “Anna” a th’ oirbh fhèin mar ainm, tha mi an dòchas gun gabh sibh mo leisgeul. Tha fhios agam nach eil a h-uile Anna gòrach!
Faclan is abairtean: bha mi ag innse dhuibh mu: I was telling you about; ’s e tràill a bh’ ann an Androcles: Androcles was a slave; theich e bhon mhaighstir aige: he ran away from his master; cha robh e anns a’ choille leis fhèin: he wasn’t in the wood by himself; bha spòg ghoirt aig an leòmhann: the lion had a sore paw; bha droigheann anns an spòig: there was a thorn in the paw; spìon e an droigheann: he pulled out the thorn; anns an raon-sabaid: in the fighting-arena; dh’aithnich e e: he recognised him; cha do mharbh e e:he didn’t kill him; dh’imlich e làmhan Androcles: he licked Androcles’s hands; leig an Rìgh an leòmhann agus an duine ma sgaoil:the King let the lion and the man go free; tè de sgeulachdan Aesop: one of Aesop’s stories; anns a’ Ghrèig o shean: in Greece a long time ago; tha mi fhathast a’ coimhead air: I am still looking at; tha geama ann air a bheil Spìonadh Anna Ghòrach: there is a game called “the plucking of foolish Anna”; tha cuideigin air a thaghadh: somebody is chosen; canaidh càch “Anna Ghòrach” ris an fhear no tè sin: the others call this male or female “Foolish Anna”; cha bhi i a’ faicinn rud sam bith: she doesn’t [won’t] see anything; tha cuideigin ag ràdh rithe: somebody says to her; tha do mhàthair gad iarraidh: your mother wants you; a’ gabhail do bhrochan: to take [eat] your porridge; càite a bheil an spàin?: where is the spoon?; tionndaidh mun cuairt trì uairean: turn around three times; amhairc air a son: look for it; a’ feuchainn ri grèim fhaighinn air: trying to get hold of; tha càch a’ putadh Anna: the others push Anna; tha feadhainn ag èigheachd: some call out; anns an ath gheam: in the next game; ann an eileanan Earra-Ghàidheal: in the islands of Argyll; bha daoine eòlach air fon ainm: people knew it under the name; ma ’s e “Anna” a th’ oirbh fhèin mar ainm: if your name is Anna; tha mi an dòchas gun gabh sibh mo leisgeul: I hope you will excuse me [accept my excuse]; tha fhios agam nach eil a h-uile Anna gòrach: I know that not every Anna is foolish.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 317
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn