56: A story from MacKay Country 56: Stòiridh à Duthaich MhicAoidh
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Stòiridh à Duthaich MhicAoidh
Tha stòiridh agam dhuibh à Dùthaich MhicAoidh. Ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a sia (1786) bha Dòmhnall MacAoidh dusan bliadhna a dh’aois. Thogadh e ann an Armadal. Cha robh foghlam aige. Ach bha e comasach air obair croite. ’S e gille dòigheil a bh’ ann.
Latha a bha seo, bha e ri taobh an rathaid. Chunnaic e dithis a’ tighinn. ’S e iasgairean a bh’ annta. Bha iad à Eilean Leòdhais. Bha iad ag obair do chompanaidh Leòdhasach. Bha am bàta aca air na creagan. Bha iad a’ dol gu Loch Eurabol. Bha soitheach eile aig a’ chompanaidh anns an loch sin.
Bhruidhinn iad ri Dòmhnall ann an Gàidhlig. Bha iad ag iarraidh seòladh airson faighinn a Loch Eurabol. Thabhann na h-iasgairean airgead don ghille airson a dhol còmhla riutha don Bhlàran Odhar. Nuair a ràinig iad am Blàran Odhar, thabhann na h-iasgairean airgead a bharrachd do Dhòmhnall. Bha sin airson cumail a dol còmhla riutha.
Mu dheireadh ràinig iad Loch Eurabol. Chaidh Dòmhnall air bòrd an t-soithich. Thug na maraichean deoch làidir dha. Mus robh fios aige dè bha a’ dol, bha an soitheach aig muir. Cha robh fios aig a phàrantan càit an robh e.
Bha e a’ seòladh eadar Rotterdam, Liverpool, Copenhagen, Baile Atha Cliath, Bristol is iomadh port eile. Bha an soitheach a’ toirt bathar eadar na puirt. Chòrd e math gu leòr ri Dòmhnall. Bha e na b’ fheàrr na obair air a’ chroit.
Là a bha seo bha Dòmhnall ann an Steòrnabhagh. Cha robh comas sgrìobhaidh aige. Ach lorg e fear le comas sgrìobhaidh. Chuir am fear sin litir gu pàrantan Dhòmhnaill. Dh’innis e dhaibh gu robh an gille beò. Ach cha tuirt e gu robh Dòmhnall airson teicheadh dhachaigh.
Nuair a bha e gu bhith sia bliadhn’ deug a dh’aois, chuala a phàrantan mu dheidhinn a-rithist. B’ e sin an dàrna turas ann an ceithir bliadhna. Thachair sin faisg air Inbhir Theòrsa. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.
Faclan is abairtean: tha stòiridh agam dhuibh à Dùthaich MhicAoidh: I have a story for you from the Mackay Country (of N Sutherland); bha Dòmhnall MacAoidh dusan bliadhna a dh’aois: Donald Mackay was twelve years old; cha robh foghlam aige: he was not well educated; ’s e gille dòigheil a bh’ ann:he was a good natured lad; chunnaic e dithis a’ tighinn: he saw two people coming; seòladh airson faighinn a Loch Eurabol: instructions to get to Loch Erribol; bha soitheach eile aig a’ chompanaidh: the company had another vessel; thabhann na h-iasgairean airgead don ghille: the fishermen offered the boy money; airson a dhol còmhla riutha don Bhlàran Odhar: to go with them to Bettyhill; airson cumail a dol còmhla riutha: to keep going along with them; mu dheireadh: finally; thug na maraichean deoch làidir dha: the seamen gave him strong drink; mus robh fios aige dè bha a’ dol: before he knew what was happening; cha robh fios aig a phàrantan càit an robh e: his parents didn’t know where he was; a’ toirt bathar eadar na puirt: taking goods between the ports; chòrd e math gu leòr ri Dòmhnall: Donald enjoyed it well enough; bha e na b’ fheàrr na obair air a’ chroit: it was better than work on the croft; cha robh comas sgrìobhaidh aige: he couldn’t write; cha tuirt e gu robh Dòmhnall airson teicheadh dhachaigh: he didn’t say that Donald wanted to run home; chuala a phàrantan mu dheidhinn a-rithist: his parents heard about him again; b’ e sin an dàrna turas ann an ceithir bliadhna: that was the second time in four years; thachair sin faisg air Inbhir Theòrsa: that happened near Thurso.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 360
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn