84: Glasgow Gaelic School 84: Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Bha mi ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu o chionn ghoirid. ’S e àite math a th’ ann. Tha an sgoil goireasach. Tha àrd-sgoil innte. Bidh cothrom aig sgoilearan foghlam Gàidhlig fhaighinn bho aois trì gu ochd-deug. Bha e math a bhith anns an sgoil. Bha a’ chlann agus luchd-obrach na h-oifis a’ bruidhinn ri chèile ann an Gàidhlig.
Tha seo a’ tachairt ann am baile mòr air a’ Ghalltachd. Tha Comhairle Baile Ghlaschu taiceil don chànan. Meal an naidheachd orra. Ach càite a bheil an àrd-sgoil Ghàidhlig air a’ Ghàidhealtachd? Càite a bheil an àrd-sgoil Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar? Chan eil iad ann. Tha Glaschu air thoiseach orra.
A bheil suidheachadh na Gàidhlig ag atharrachadh a-rithist? A bheil i a’ crìonadh air a’ Ghàidhealtachd is a’ fàs anns na bailtean mòra? ’S dòcha.
Ach tha coimhearsnachd Ghàidhlig air a bhith ann an Glaschu airson ùine mhòr. Agus chan e Glaschu an aon bhaile mòr a tha mar sin.
Ann am Beal Feirste, tha coimhearsnachd ann de luchd-labhairt Gàidhlig na h-Èireann. Ach chan e rud ùr a th’ ann. Anns an naoidheamh linn deug bha coimhearsnachd Ghàidhealach ann.
Thuirt daoine na Fadgies riutha. Thàinig am facal sin bho Pháidí – an t-ainm Paddy nuair a bhios duine a’ bruidhinn ris – “a Pháidí”. Bha na Gàidheil sin à baile beag air bruach Loch Cairlinn. ’S e Loch Cairlinn loch mara gu deas air Beal Feirste. Carlingford Lough ann am Beurla. ’S e Ó Méith an t-ainm air a’ bhaile.
Bha na daoine à Ó Méith an sàs ann am malairt. Bha iad a’ reic èisg is glasraich is rudan eile. Bha iad a’ fuireach còmhla anns an aon sgìre de Bheal Feirste. Bha iad a’ bruidhinn Gaeilge ri chèile.
Dh’ionnsaich Seán Mac Maoláin Gaeilge bhuapa. Rinn Seán mòran airson a’ chànain ann am Beal Feirste.
Dh’fhalbh coimhearsnachd nam Fadgies. Bha sin aig deireadh an naoidheamh linn deug. Chaidh Oifis Mhòr a’ Phuist a thogail far an robh iad a’ fuireach. An-diugh, tha Gàidhlig na h-Èireann a’ fàs nas làidire ann am Beal Feirste. Ach tha i lag lag ann an Ó Méith. Tha mi an dòchas nach tachair an aon rud ann an Alba, le Gàidhlig beò ann an Glaschu agus marbh anns na h-Eileanan Siar.
Faclan is abairtean: Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu: the [new] Glasgow Gaelic School; ’s e àite math a th’ ann: it’s a good place; goireasach: well resourced; tha àrd-sgoil innte: there is a high school there [in it, fem]; bha a’ chlann agus luchd-obrach na h-oifis a’ bruidhinn ri chèile: the children and the office staff were speaking to each other; ann am baile mòr air a’ Ghalltachd: in a city in the Lowlands; meal an naidheachd orra: congratulations to them; chan eil iad ann: they don’t exist; tha Glaschu air thoiseach orra:Glasgow is ahead of them; a bheil suidheachadh na Gàidhlig ag atharrachadh: is Gaelic’s situation changing?; a’ crìonadh: withering, slowly dying; a’ fàs: growing; coimhearsnachd: community; airson ùine mhòr: for a long time; chan e Glaschu an aon bhaile mòr a tha mar sin: Glasgow is not the only city that is like that; Beal Feirste: Belfast; luchd-labhairt Gàidhlig na h-Èireann: speakers of Irish Gaelic; chan e rud ùr a th’ ann: it’s not a new thing; thuirt daoine na Fadgies riutha:people called them the Fadgies; thàinig am facal sin bho: that word came from; à baile beag air bruach Loch Cairlinn: from a village on the shore of Carlingford Lough; Ó Méith: Omeath; an sàs ann am malairt: involved in trade; èisg is glasraich is rudan eile: fish and vegetables and other things; còmhla anns an aon sgìre: together in the one district; dh’ionnsaich Seán Mac Maoláin Gaeilge bhuapa: Seán Mac Maoláin learned [Irish] Gaelic from them; mòran airson a’ chànain: a lot for the language; dh’fhalbh:left; Oifis Mhòr a’ Phuist: the General Post Office; far an robh iad a’ fuireach: where they were living; lag lag: very weak; tha mi an dòchas nach tachair an aon rud: I hope the same thing will not happen; le Gàidhlig beò ann an Glaschu agus marbh anns na h-Eileanan Siar: with Gaelic alive in Glasgow and dead in the Western Isles.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 388
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn