FaclairDictionary EnglishGàidhlig

95: The House of the Yellow Battle (1) 95: Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èirigh no Laighe

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èirigh no Laighe

Gaelic Gàidhlig

Tha seann sgeulachd agam dhuibh. ’S e an t-ainm a th’ oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. ’S e an tiotal slàn oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èirigh no Laighe. Thàinig i bho Alasdair Camshron aig deireadh an naoidheamh linn deug. Bha Alasdair à Àird nam Murchan. Bha e ag obair air an rathad eadar Dùror is Baile a’ Chaolais. Fhuair e na sgeulachdan aige bho sheann daoine anns an sgìre.

Rinn mi an sgeulachd na bu shìmplidhe. Agus rinn mi na bu ghiorra i. Ach tha mi an dòchas gun còrd i ribh. Co-dhiù, seo i – Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe:

Bha Fionn agus a dhaoine a-muigh a’ sealg. Thug Fionn sùil sìos an gleann. Chunnaic e fear òg a’ tighinn. Thàinig am fear òg. Chuir am fear òg fàilte air Fionn. Chuir Fionn fàilte air an fhear òg.

Thuirt am fear òg gur e gille a bh’ ann. Bha e ag iarraidh maighstir. “Tha gille a dhìth orm,” thuirt Fionn. Dh’fhastaich e an gille. Cha robh Conan toilichte. Cha do chòrd coltas a’ ghille ris.

“Dè do dhuais?” dh’fhaighnich Fionn dhen ghille.

“Gun tig sibh uile còmhla rium gu cuirm nuair a tha an ùine agam seachad,” fhreagair an gille. Bha e gu bhith còmhla ri Fionn airson latha is bliadhna.

Chaidh an ùine aig a’ ghille seachad. Bha Fionn agus a dhaoine a’ dol a dhol còmhla ris a’ ghille gu cuirm. B’ e sin duais a’ ghille. Bha an gille luath. Bha e ceannruisgte is casruisgte. Chaidh e o bhealach gu mullach. Chaidh e o mhullach gu gleann. Chaidh e o ghleann gu srath. Dh’fhalbh Caoilte às a dhèidh. Ruith Cuchuilinn às dèidh Chaoilte. Bha na daoine eile às dèidh Chuchuilinn. Bha iad anns an òrdugh sin nuair a ràinig iad am Blàr Buidhe.

Nuair a bha iad uile ann, chaidh an gille mòr gu taigh mòr brèagha. Chaidh na daoine uile a-steach. Fhuair iad àiteachan suidhe ris a’ bhalla – ach Conan. Cha robh rùm aigesan. Shuidh esan air leac an teine. Ach cha robh sgeul air a’ chuirm. Cha robh sgeul air biadh sam bith. Cha robh cùisean mar bu chòir. Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe: How Fionn (Finn, Fingal) was in the House of Blar-Buie (yellow field); Gun Chomas Èirigh no Laighe: without the ability to rise up or lie down; Alasdair Camshron: Alexander Cameron; Àird nam Murchan: Ardnamurchan; eadar Dùror is Baile a’ Chaolais: between Duror and Ballachulish; rinn mi an sgeulachd na bu shìmplidhe: I simplified the story; rinn mi na bu ghiorra i: I made it shorter; tha mi an dòchas gun còrd i ribh: I hope you enjoy it; a-muigh a’ sealg: out hunting; chuir Fionn fàilte air an fhear òg: Fionn welcomed the young man; gur e gille a bh’ ann: that he was a servant; tha gille a dhìth orm: I need a servant; dh’fhastaich e: he hired; cha do chòrd coltas a’ ghille ris: he did not like the lad’s appearance; dè do dhuais?: what is your reward (payment)?; gun tig sibh uile còmhla rium gu cuirm: that you will all come with me to a feast; nuair a tha an ùine agam seachad: when my time is up; bha e ceannruisgte is casruisgte: he was bare-headed and bare-footed; o bhealach gu mullach: from pass to summit; o mhullach gu gleann: from summit to glen; às a dhèidh: after him; ruith Cuchuilinn às dèidh Chaoilte: Cuchullin ran after Caoilte; fhuair iad àiteachan suidhe ris a’ bhalla: they got sitting places next to the wall; ach Conan:except for Conan; cha robh rùm aigesan: there was no room for him [he had no room]; shuidh esan air leac an teine:he sat on the hearthstone; cha robh sgeul air biadh sam bith: there was no sign of any food; cha robh cùisean mar bu chòir: things were not as they should be [have been].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 399

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile