FaclairDictionary EnglishGàidhlig

59: Scottish herbs 59: Lusan Albannach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Lusan Albannach

Gaelic Gàidhlig

Tha an samhradh ann a-nise. Bha an samhradh ann o chionn ceala-deug. Carson a tha mi ag ràdh sin? An e a’ chiad latha dhen Ògmhios a’ chiad latha dhen t-samhradh? Uill, dhòmhsa, chan eil. Chan eil an samhradh a’ tòiseachadh air an aon latha a h-uile bliadhna, a bheil? Uaireannan bidh e ann tràth. Uaireannan, bidh e anmoch.

Ach tha mi ag ràdh gu robh an samhradh ann o chionn ceala-deug. Aig an àm sin bha mi ann an Srath Spè. Agus bha a’ Chuithe Chrom briste.

Nise, ’s e a’ Chuithe Chrom sneachd air a’ Chàrn Ghorm. ’S e an Càrn Gorm tè de bheanntan àrda a’ Mhonaidh Ruaidh. Bidh mòran a’ sgitheadh air a’ Chàrn Ghorm anns a’ gheamhradh. ’S e an t-àite as motha anns am bi daoine a’ sgitheadh coire air a bheil “An Coire Cas”. Aig ceann shuas a’ Choire Chais, nuair a leaghas an sneachd as t-earrach, bidh a’ Chuithe Chrom air fhàgail. Sneachd ann an cumadh cromaig.

Nuair a leaghas a’ Chuithe Chrom, bidh i a’ briseadh anns a’ mheadhan. Bidh sin a’ tachairt faisg air deireadh a’ Chèitein no toiseach an Ògmhios. Agus nuair a bhriseas i, ’s e sin toiseach an t-samhraidh. Agus, am-bliadhna, air an dàrna latha dhen Ògmhios bha i briste. Bha an samhradh ann. Agus bha i brèagha blàth cuideachd.

Bha mi a’ coiseachd anns a’ mhonadh aig an àm sin. Bha mi air Creag Ghobharaidh. Tha sin gu tuath air Loch Mhùrlaig. Tha Loch Mhùrlaig eadar an Aghaidh Mhòr agus an Càrn Gorm. Air an druim faisg air Creag Ghobharaidh tha clach mhòr ann. Tha i a’ stobadh an àirde.

Tha sgeulachd co-cheangailte ris a’ chloich. Bha tè às an Aghaidh Mhòir còmhla rium. Bha beagan Gàidhlig aice. “’S e an t-ainm a th’ oirre Clach an Iutharnaich”, thuirt i. “The stone of the hellish man.” A rèir beul-aithris, bha fear cruaidh ann air an robh “An t-Iutharnach”. Bha bothan aige faisg air làimh. Tha mi cinnteach gu robh esan cuideachd eòlach air a’ Chuithe Chruim.

Faclan is abairtean: tha an samhradh ann: summer is here; o chionn ceala-deug: a fortnight ago; an e a’ chiad latha dhen Ògmhios a’ chiad latha dhen t-samhradh?: is the first day of June the first day of summer?; dhòmhsa: for me (emphatic); uaireannan bidh e ann tràth: sometimes it is here early; anmoch: late; bha mi ann an Srath Spè: I was in Strathspey; ’s e a’ Chuithe Chrom sneachd air a’ Chàrn Ghorm: the Cuithe Chrom (“bent snow-wreath”) is snow on Cairn Gorm; tè de bheanntan àrda a’ Mhonaidh Ruaidh:one of the high mountains of the Cairngorms; bidh mòran a’ sgitheadh: many people ski; aig ceann shuas a’ Choire Chais: at the top end of the Coire Cas (“steep corrie”); nuair a leaghas an sneachd as t-earrach: when the snow melts in spring; ann an cumadh cromaig: in the shape of a sickle; bidh i a’ briseadh anns a’ mheadhan: she breaks in the middle; bidh sin a’ tachairt faisg air deireadh a’ Chèitein no toiseach an Ògmhios: that happens near the end of May or the beginning of June; bha i brèagha blàth: it was beautiful and warm; a’ coiseachd anns a’ mhonadh: walking on the hill (ie hillwalking); Creag Ghobharaidh: Craiggowrie; tha Loch Mhùrlaig eadar an Aghaidh Mhòr agus an Càrn Gorm: Loch Morlich is between Aviemore and Cairn Gorm; tha i a’ stobadh an àirde: it [fem] sticks up; tha sgeulachd co-cheangailte ris a’ chloich: there is a story attached to the stone; bha tè às an Aghaidh Mhòir còmhla rium: a woman from Aviemore was with me; Clach an Iutharnaich: (according to oral tradition) the stone of the hellish man; bha bothan aige faisg air làimh: he had a bothy close by; gu robh esan cuideachd eòlach air a’ Chuithe Chruim: that he also knew the Cuithe Chrom (the slenderisation of crom to cruim is because it qualifies cuithe, a feminine noun here in the dative singular case).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 363

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile