FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1196: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh. ‘An do rinn thu na mi dh’iarr mi ort leis na famhairean?’ dh’fhaighnich an seann duine – a bh’ ann an riochd eich.

‘Rinn,’ fhreagair Iain.

‘Leum air mo mhuin,’ ars an t-each.

Dh’fhalbh iad agus ràinig iad loch. ‘Thalla don tràigh an sin,’ thuirt an t-each. ‘Tha iasg mòr oirre, air talamh tioram. Cuir a-mach don loch e. Can ris gu bheil thu an dòchas gun cuimhnich e thu.’

Rinn Iain sin agus thill e far an robh an t-each. ‘An do rinn thu mar a dh’iarr mi ort?’ dh’fhaighnich an t-each.

‘Rinn,’ thuirt Iain. ‘Thuirt an t-iasg gun cuimhnicheadh e mi.’

Dh’fhalbh iad a-rithist agus ràinig iad caisteal pràise. ‘Thalla don chaisteal,’ thuirt an t-each. ‘Chì thu seòmraichean làn òir is airgid. Na bean ri dad a chì thu ann.’

Chaidh Iain don chaisteal agus chunnaic e na seòmraichean a bha làn òir is airgid. Air an rathad a-mach, chunnaic e pasg de dh’itean geòidh. Shaoil e gun toireadh e tè de na h-itean leis airson peann a dhèanamh.

Nuair a thill e, thuirt an t-each ris, ‘Cha do bhean thu ri dad, Iain ... cha tug thu dad leat ...?’

‘Cha tug,’ dhearbh Iain. Leum e air muin an eich agus chaidh iad gu lùchairt Rìgh.

‘Thalla a-steach,’ thuirt an t-each. ‘Faighnich dhen Rìgh a bheil e ag iarraidh clèireach.’ Chaidh Iain a-steach. Fhuair e a-mach gun robhar a’ sireadh clèireach a bhiodh ag obair fo stiùir àrd-chlèireach. Dh’aontaich am bodach gun gabhadh Iain an obair. ‘Ma thig èiginn ort, ge-tà,’ thuirt e, ‘cuimhnich orm agus thig mi far am bi thu.’

Thòisich Iain air obair fo stiùir an àrd-chlèirich. Cha do chòrd na pinn a bh’ aca ris. Chuimhnich e gun tug e ite leis bhon chaisteal phràise. Rinn e peann dhith. Bha e a’ sgrìobhadh ann an dòigh shnasail, iongantach. Cha do chòrd an sgrìobhadh math sin ris an àrd-chlèireach. Bha an t-eagal air gum faigheadh Iain a bhith os a chionn fhèin.

Latha a bha seo, nuair a bha Iain a-muigh, dh’fheuch an t-àrd-chlèireach am peann. Bha an sgrìobhadh aige cho math ri sgrìobhadh Iain! Dh’inns e don Rìgh mu dheidhinn. Dh’fheuch an Rìgh am peann agus bha an sgrìobhadh aige fhèin cho snasail ris an dithis eile. Chuir e fios air Iain. Thuirt e ris, ‘Càit an d’ fhuair thu am peann agad?’

‘Anns a’ chaisteal phràise,’ fhreagair Iain.

‘Aha!’ ars an Rìgh. ‘Thalla is thoir baintighearna a’ chaisteil phràise an seo. Tha mi airson a pòsadh.’

‘Chan urrainn dhomh,’ ars Iain.

‘Feumaidh tu,’ dhearbh an Rìgh. ‘No thèid do chrochadh.’

Chaidh Iain do a sheòmar fhèin agus thòisich e air caoineadh. Thuirt e ris fhèin, ‘Bhiodh e math nam biodh an seann duine liath an seo!’

Thàinig an seann duine. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e. Mhìnich Iain an suidheachadh dha. ‘Cuiridh mi geall gun do bhean thu ri rudeigin sa chaisteal phràise,’ thuirt am bodach.

‘Dìreach ite. Sin uile.’ Thug am bodach trod dha. An uair sin, leum Iain air a mhuin agus dh’fhalbh iad. Ràinig iad cladach. Chunnaic iad an caisteal pràise air taobh thall caolais. Agus chì sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: tràigh: beach; caisteal pràise: a brazen castle (made of brass); lùchairt: palace; thalla a-steach: go in; baintighearna: lady; caoineadh: weeping.

Abairtean na Litreach: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh: The Ship that Went to America; an do rinn thu na mi dh’iarr mi ort?: did you do what I asked you; ann an riochd eich: in the form of a horse; leum air mo mhuin: jump on my back; tha iasg mòr oirre, air talamh tioram: there is a big fish on it, on dry land; seòmraichean làn òir is airgid: rooms full of gold and silver; pasg de dh’itean geòidh: a bundle of goose feathers; gun toireadh e tè de na h-itean leis airson peann a dhèanamh: that he would take one of the feathers with him to make a pen; cha tug thu dad leat ...?: you didn’t take anything with you?; faighnich a bheil e ag iarraidh clèireach: ask if he wants a clerk; a bhiodh ag obair fo stiùir àrd-clèireach: who would work under the direction of a chief clerk; ma thig èiginn ort: if you get into trouble; cuimhnich orm agus thig mi far am bi thu: remember [think of] me and I’ll come where you are; ann an dòigh shnasail, iongantach: in an elegant and amazing way; cha do chòrd an sgrìobhadh ris an àrd-chlèireach: the chief clerk didn’t like the writing; gum faigheadh X a bhith os a chionn fhèin: that X would come to be above him; chuir e fios air: he sent for; thèid do chrochadh: you will be hanged; dè tha a’ cur ort?: what’s upsetting you?; cuiridh mi geall: I’ll bet; air taobh thall caolais: on the other side of a strait.

Puing-chànain na Litreach: Na bean ri dad a chì thu ann: don’t touch anything you see there. Bean (a’ beantainn) means ‘touch, handle, meddle with’. Na bean ris ‘don’t touch it’. There is some ‘confusion’ between this verb and the verb bun (a’ buntainn) which can also mean ‘meddle with, touch, handle’. Bean usually uses the preposition ri e.g. bha i a’ beantainn ri gach rud ‘she was touching everything’. On the other hand buin usually uses the preposition do as in the expression an rud nach buin dhut, na buin dha ‘the thing that doesn’t meddle with you, don’t meddle with it’ (i.e. mind your own business). But, because of the ‘confusion’ between the verbs, sometimes the prepositions swap around, so we get bean do and buin ri!

Gnàthas-cainnt na Litreach: Thuirt an t-iasg gun cuimhnicheadh e mi: the fish said that he would remember me.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 892

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean