286: Uiseag bheag dhearg (2) 286: Uiseag bheag dhearg (2)
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Uiseag bheag dhearg (2)
Tha òran snog againn ann an Gàidhlig. ’S e tàladh a tha ann. ’S e an t-ainm a tha air Uiseag Bheag Dhearg. Anns an òran, tha pàiste a’ bruidhinn ri uiseag. Tha an uiseag ag innse càite an robh i a’ faighinn cadal. Fhuair i droch chadal anns an dris. Fhuair i droch chadal aig muir. Ach fhuair i deagh chadal eadar dà dhuilleig. Ma dh’obraicheas e gu math, bidh am pàiste na chadal ro dheireadh an òrain!
Aig deireadh na sèiste tha an loidhne seo: càite na chaidil thu raoir san “ì”? Tha “ì” a’ ciallachadh “oidhche”. Càite an do chaidil thu a-raoir san oidhch’? Ach seinnidh sinn “san ì” seach “san oidhch’”. Tha sin a’ dearbhadh gur e òran Manainneach a tha ann. Tha e à Eilean Mhanainn bho thùs. Airson oidhche mhath, canaidh na Manainnich oie vie. Agus ann an Gaelg – Gàidhlig Eilean Mhanainn – tha ushag a’ ciallachadh “eun beag sam bith”, seach lark.
Ach ciamar a fhuair an t-òran a-steach do Ghàidhlig na h-Alba? Uill, o chionn ghoirid, fhuair mi sin a-mach. Bha mi a’ leughadh leabhar mu dheidhinn Mona Douglas nach maireann. B’ ise tè ainmeil à Eilean Mhanainn. Bha i a’ brosnachadh cànan agus cultar an eilein. Anns an leabhar tha tar-sgrìobhadh de dh’agallamh a rinn i. Anns an agallamh, dh’ainmich i an t-òran le ainm Manainneach – Ushag Veg Ruy.
Thuirt i gun robh òrain Mhanainneach a’ sgapadh am measg nan Gàidheal ann an Alba is Èirinn. Chuir i Ushag Veg Ruy ann an clò. Bha sin anns na ficheadan no toiseach nan tritheadan anns an fhicheadamh linn. Fhuair tidsear ann an Alba grèim air an òran. Bha Douglas a’ smaoineachadh gur ann à Tiriodh a bha e.
Sgrìobh an tidsear seo gu Douglas. Dh’iarr e cead bhuaipe an t-òran a chur ann an Gàidhlig na h-Alba. Uaireigin às dèidh sin, sheinn sgoilear às an sgoil aige Uiseag Bheag Dhearg aig a’ Mhòd – mar òran Albannach. Bhuannaich e duais! Agus sin mar a thachair e. Bidh iomadh fear is tè òg ann an Alba a’ gabhail an òrain sin chun an latha an-diugh.
Uiseag bheag dhearg (2)
We have a nice song in Gaelic. It’s a lullaby. It’s name is Uiseag Bheag Dhearg . In the song a child is speaking to a lark. The lark tells where it was sleeping. It slept badly in the bramble bush. It slept badly at sea. But it slept well between two leaves. If it works well, the child will be asleep before the end of the song.
At the end of the chorus there is this line: where did you sleep last night in the “ì”? “Ì” means “night”. Where did you sleep last night? But we sing “san ì” rather than “san oidhch’”. That proves it is a Manx song. It’s originally from the Isle of Man. For oidhche mhath, the Manx say oie vie. And in Gaelg – Manx Gaelic – ushag means “any small bird”, rather than a lark.
But how did the song get into Scottish Gaelic? Well, recently, I found that out. I was reading a book about the late Mona Douglas. She was a famous woman from the Isle of Man. She encouraged [the use of] the language and culture of the island. In the book there is a transcription of an interview she gave. In the interview she named the song with a Manx name – Ushag Veg Ruy.
She said that Manx songs were spreading among the Gaels in Scotland and Ireland. She put Ushag Veg Ruy in print. That was in the twenties or early thirties in the twentieth century. A teacher in Scotland got hold of the song. Douglas was thinking he was from Tiree.
This teacher wrote to Douglas. He asked permission from her to translate the song to Scottish Gaelic. Sometime after that, a pupil from his school sang Uiseag Bheag Dhearg at the Mod – as a Scottish song. He won a prize! And that’s how it happened. Many a young person in Scotland sings that song to this very day.
Uiseag bheag dhearg (2)
Tha òran snog againn ann an Gàidhlig. ’S e tàladh a tha ann. ’S e an t-ainm a tha air Uiseag Bheag Dhearg. Anns an òran, tha pàiste a’ bruidhinn ri uiseag. Tha an uiseag ag innse càite an robh i a’ faighinn cadal. Fhuair i droch chadal anns an dris. Fhuair i droch chadal aig muir. Ach fhuair i deagh chadal eadar dà dhuilleig. Ma dh’obraicheas e gu math, bidh am pàiste na chadal ro dheireadh an òrain!
Aig deireadh na sèiste tha an loidhne seo: càite na chaidil thu raoir san “ì”? Tha “ì” a’ ciallachadh “oidhche”. Càite an do chaidil thu a-raoir san oidhch’? Ach seinnidh sinn “san ì” seach “san oidhch’”. Tha sin a’ dearbhadh gur e òran Manainneach a tha ann. Tha e à Eilean Mhanainn bho thùs. Airson oidhche mhath, canaidh na Manainnich oie vie. Agus ann an Gaelg – Gàidhlig Eilean Mhanainn – tha ushag a’ ciallachadh “eun beag sam bith”, seach lark.
Ach ciamar a fhuair an t-òran a-steach do Ghàidhlig na h-Alba? Uill, o chionn ghoirid, fhuair mi sin a-mach. Bha mi a’ leughadh leabhar mu dheidhinn Mona Douglas nach maireann. B’ ise tè ainmeil à Eilean Mhanainn. Bha i a’ brosnachadh cànan agus cultar an eilein. Anns an leabhar tha tar-sgrìobhadh de dh’agallamh a rinn i. Anns an agallamh, dh’ainmich i an t-òran le ainm Manainneach – Ushag Veg Ruy.
Thuirt i gun robh òrain Mhanainneach a’ sgapadh am measg nan Gàidheal ann an Alba is Èirinn. Chuir i Ushag Veg Ruy ann an clò. Bha sin anns na ficheadan no toiseach nan tritheadan anns an fhicheadamh linn. Fhuair tidsear ann an Alba grèim air an òran. Bha Douglas a’ smaoineachadh gur ann à Tiriodh a bha e.
Sgrìobh an tidsear seo gu Douglas. Dh’iarr e cead bhuaipe an t-òran a chur ann an Gàidhlig na h-Alba. Uaireigin às dèidh sin, sheinn sgoilear às an sgoil aige Uiseag Bheag Dhearg aig a’ Mhòd – mar òran Albannach. Bhuannaich e duais! Agus sin mar a thachair e. Bidh iomadh fear is tè òg ann an Alba a’ gabhail an òrain sin chun an latha an-diugh.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 590
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn