FaclairDictionary EnglishGàidhlig

977: Na Ceiltich (8)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (8)

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air Balla Hadrian. Bha e uaireigin na chrìoch eadar Ìmpireachd na Roimhe ann am Breatainn agus dùthaich nan treubhan Cailleannach. Ach a bheil sibh eòlach air Offa’s Dyke? Airson ùine mhòr, tha e air a bhith an ìre mhath na chrìoch eadar Sasainn agus a’ Chuimrigh. Chan eil e cho sean ri Balla Hadrian ach tha e a dhà uiread dheth ann am fad.

Thathar a’ dèanamh dheth gur e rìgh Sagsannach Mhercia, fear Offa, a thog e anns an ochdamh linn. Chladhaich na Sagsannaich dìg air an taobh an iar agus chàrnaich iad an ùir air an taobh an ear.

Cha do chuir Offa’s Dyke stad air an nàimhdeas eadar na Sasannaich ʼs na Cuimrich, ge-tà. Dh’fhàs rìoghachd aonaichte Shasainn gu math cumhachdach. Bhiodh corra ceannard Cuimreach ag aonachadh nan Cuimreach, ach cha do mhair an aonachd fada. Agus dh’fhàs Sasainn na bu làidire an dèidh do na Normanaich a gabhail thairis.

Dh’aithnich an rìgh Sasannach Eanraig III ceannard Cuimreach – Llywelyn ap Gruffydd – mar Phrionnsa na Cuimrigh ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a seachd (1267). Ach rinn Llywelyn mearachd. Chaochail Eanraig agus thàinig a mhac, Eideard I, don rìgh-chathair. Bha dùil gum biodh Llywelyn a’ dol a Lunnainn airson crùnadh an rìgh ùir, ach dhiùlt e. Agus dhiùlt e cuideachd gabhail ri Eideard mar uachdaran.

Ann an dà cheud deug, seachdad ʼs a seachd (1277) thug na Sasannaich ionnsaigh mhòr air a’ Chuimrigh. Ghèill Llywelyn ach dh’èirich e a-rithist còig bliadhna an dèidh sin. Cheannsaich na Sasannaich na Cuimrich, thog Eideard tòrr chaistealan mòra airson a chumhachd a dhaingneachadh agus thug e air na Cuimrich gabhail ri laghan Shasainn. Bha na Sasannaich airson a bhith cinnteach nach biodh ar-a-mach eile ann, agus gum biodh a’ Chuimrigh air a slugadh le Sasainn Mhòr.

Ach cha robh na Cuimrich air an ceannsachadh buileach. Anns a’ bhliadha ceithir cheud deug (1400), bha ar-a-mach mòr ann, le Owain Glyndŵr, aig a’ cheann. Bha planaichean aig Glyndŵr a’ Chuimrigh a stèidheachadh mar phrionnsalachd neo-eisimeileach, le pàrlamaid, oilthighean agus a h-eaglais fhèin. Thug daoine air feadh na Cuimrigh taic dha, agus chaidh a ghairm mar Phrionnsa na Cuimrigh. Ghabh e thairis cuid de chaistealan nan Sasannach agus ghairm e pàrlamaid ann am Machynlleth.

Bha caraidean aig Glyndŵr am measg uaislean Shasainn agus bha co-chòrdadh aige leis an Fhraing. Chuir na Frangaich feachd gu ruige Worcester ann an Sasainn ach cha robh iad soirbheachail. An dèidh sin, thòisich cùisean air a dhol an aghaidh nan Cuimreach. Ann an ceithir cheud deug ʼs a h-ochd (1408) bha smachd aig na Sasannaich air ceann a deas agus meadhan na Cuimrigh, ach lean an t-ar-a-mach ann am monaidhean a’ chinn a tuath airson greis an dèidh sin. Chaidh Glyndŵr à fianais agus chan eil fios dè thachair dha.

Ann an sreath achdan pàrlamaid ann am meadhan an t-siathamh linn deug, chaidh a’ Chuimrigh aonachadh le Sasainn fon aon riaghaltas agus an aon lagh. Ged a tha an cànan air crìonadh, tha i fhathast làidir an coimeas ris nan cànanan Ceilteach eile. O chionn dà bhliadhna, bha mi ann an cafaidh ann an Llanrwst, baile beag ann an ceann a tuath na dùthcha. Bha mu dhà fhichead duine ann, agus bha iad uile a’ bruidhinn Cuimris ri chèile. Da iawn!

Faclan na Litreach: : Balla Hadrian: Hadrian’s Wall; dh’aithnich: recognised; rìgh-chathair: throne; cheannsaich: subdued.

Abairtean na Litreach: Bha e uaireigin na chrìoch: it was once a border; eadar Ìmpireachd na Roimhe agus dùthaich nan treubhan Cailleannach: between the Roman Empire and the country of the Caledonian tribes; rìgh Sagsannach Mhercia: the Saxon king of Mercia; chladhaich na Sagsannaich dìg air an taobh an iar agus chàrnaich iad an ùir air an taobh an ear: the Saxons dug a ditch on the western side and they piled the soil on the eastern side; bhiodh corra ceannard Cuimreach ag aonachadh nan Cuimreach: an occasional Welsh leader would unite the Welsh; cha do mhair an aonachd fada: the unity didn’t last long; an dèidh do na Normanaich a gabhail thairis: after the Normans had taken it over; airson crùnadh an rìgh ùir: for the coronation of the new king; gabhail ri Eideard mar uachdaran: accepting Edward as his overlord; thog Eideard tòrr chaistealan mòra airson a chumhachd a dhaingneachadh: Edward built many big castles to consolidate his power; gum biodh a’ Chuimrigh air a slugadh le Sasainn Mhòr: that Wales would be swallowed up by a Great(er) England; bha planaichean aig X a’ Chuimrigh a stèidheachadh mar phrionnsalachd neo-eisimeileach, le pàrlamaid, oilthighean agus a h-eaglais fhèin: X had plans to establish Wales as an independent principality, with a parliament, universities and its own church; ghairm e pàrlamaid: he called a parliament; bha co-chòrdadh aige leis an Fhraing: he had an alliance with France; lean an t-ar-a-mach ann am monaidhean a’ chinn a tuath airson greis: the revolt continued in the hills of the north for a while; chaidh X à fianais agus chan eil fios dè thachair dha: X disappeared and it is not known what happened to him; chaidh a’ Chuimrigh aonachadh le Sasainn: Wales was united with England; ann an sreath achdan pàrlamaid ann am meadhan an t-siathamh linn deug: in a series of parliamentary acts in the middle of the sixteenth century; ged a tha an cànan air crìonadh: although the language has declined; tha i fhathast làidir an coimeas ris nan cànanan Ceilteach eile:it’s still strong compared to the other Celtic languages.

Puing-chànain na Litreach: thòisich cùisean air a dhol an aghaidh nan Cuimreach : things started to go against the Welsh. The reason for ‘ nan Cuimreach ’ literally ‘of the Welsh’ here is that it is in the genitive (plural) case following the compound preposition ‘ an aghaidh’.

Gnathas-cainnt na Litreach: tha e a dhà uiread dheth ann am fad: it’s twice as long as it.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 673

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean