FaclairDictionary EnglishGàidhlig

914: Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (1)

Gaelic Gàidhlig

As t-fhoghar an-uiridh bha mi ann am Muile, a’ bruidhinn ri sean is òg mu dhualchas na Gàidhlig co-cheangailte ri mamailean mara. Bha ùidh mhòr aig daoine anns na creutairean macmeanmnach a bha uaireigin ‘beò’ anns na cuantan.

Tha mi a’ beachdachadh gu h-àraidh air a’ Chìrean Chròin. Chan eil fios dè an coltas a bh’ air a’ chreutair seo ach bha e mòr. Tha e a’ nochdadh anns an rann thraidiseanta seo:

Seachd sgadain sàth bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muice-mara,
Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròin.

A bheil sibh a’ tuigsinn ‘sàth’? Tha e a’ ciallachadh na dh’fheumas rudeigin – no cuideigin – ithe airson a bhith làn no sàsaichte. Seachd sgadain, sàth bradain. Bidh bradan ag ithe seachd sgadain mus bi e sàsaichte. Seo agaibh an rann a-rithist:

Seachd sgadain sàth bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muice-mara,
Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròin.

Mus can mi dad eile, feumaidh mi aon chùis dragh a thogail. Cha mhòr gun robh duine am measg na cloinne a bha eòlach air an fhacal sgadan. No eadhon air herring ann am Beurla. Cha robh duine aca air sgadan ithe no fhaicinn. ʼS ann air saoghal an iasgaich air taobh an iar na Gàidhealtachd a thàinig an dà latha!

Ach air ais don rann. Dè fon ghrèin a th’ ann, no a bh’ ann, an Cìrean Cròin? Cha ghabh e eadar-theangachadh agus chan eil fios aig duine dè an coltas a bh’ air a’ chreutair. Rinn na Muilich òga dealbhan iongantach dheth. Bha cuid dhiubh coltach ri crùbagan mòra, bha cuid coltach ri ochd-chasaich mhòra agus bha feadhainn na bu choltaiche ri muc-mhara iongantach le fiaclan eagallach na ceann!

Chaidh dreach eile dhen rann a chlàradh a tha a’ dol eadhon nas fhaide. Agus chan e Cìrean Cròin a th’ air a’ bheathach, ach Cionaran-crò. An turas seo, ge-tà, tha creutair eadhon nas motha ann na ʼn Cionaran-crò. Seo agaibh an rann:

Seachd sgadain sàth bradain,

Seachd bradain sàth ròin, <

Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,

Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,

Seachd mucan-mara mòra, sàth cionarain-crò,

Seachd cionarain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.

Dè fon ghrèin a th’ ann am mial mhòr a’ chuain? Uill, chaidh eadar-theangachadh mar Great Leviathan of the Sea. Agus tha am facal mial aithnichte anns an t-seann Ghàidhlig, a’ ciallachadh ‘creutair mòr’ agus ‘muc-mhara’. Gu dearbh ʼs e míol mór a chanas na h-Èireannaich ri ‘muc-mhara’ ann an Gàidhlig na h-Èireann.

Agus a bheil càil againn ann am beul-aithris mun Chionaran-crò? Uill, tha – à Carmina Gadelica, agus chaidh a chruinneachadh ann an ceann a tuath Leòdhais, ann an sgìre Nis.

Fhuair Alasdair MacIlleMhìcheil an stòiridh bho bhodach air an robh Aonghas Gunnach. Bha Aonghas ochdad ʼs a ceithir bliadhn’ a dh’aois. Bha e air a bhith a’ fuireach fad ùine mhòr ann an Eilean Rònaigh – eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas, dha bheil ceanglaichean làidir aig muinntir Nis chun an latha an-diugh. Nì mi cunntas air aithris Aonghais anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: Muile: Mull; crùbagan: crabs; ochd-chasaich: octopuses; co-ogha: cousin; Aonghas Gunnach: Angus Gunn.

Abairtean na Litreach: a’ bruidhinn ri sean is òg mu dhualchas na Gàidhlig co-cheangailte ri mamailean mara: speaking to young and old about the Gaelic heritage linked to marine mammals; seachd sgadain sàth bradain: seven herring, a feed for a salmon; seachd ròin sàth muice-mara: seven seals, a feed for a whale; na dh’fheumas rudeigin ithe airson a bhith làn: that something needs to eat in order to be full; feumaidh mi aon chùis dragh a thogail: I have to raise one point of concern; cha ghabh e eadar-theangachadh: it can’t be translated; rinn na Muilich òga dealbhan iongantach dheth: the young Mull folk made amazing drawings of it; le fiaclan eagallach na ceann: with scary teeth in her head; a bheil càil againn ann am beul-aithris mu?: do we have anything in oral tradition about?; ann an ceann a tuath Leòdhais, ann an sgìre Nis: in the north of Lewis, in the parish of Ness; bha e air a bhith a’ fuireach fad ùine mhòr ann an Eilean Rònaigh: he had been living for a long while on the island of (North) Rona; dha bheil ceanglaichean làidir aig muinntir Nis chun an latha an-diugh: to which the people of Ness have strong connections to this day; nì mi cunntas air aithris Aonghais: I’ll give an account of Angus’s story (report).

Puing-chànain na Litreach: mial is a fascinating word, meaning ‘large animal’ (put aside its alternative meaning of ‘louse’!), with its cognate in the Welsh mil – from which is derived morfil ie môr + mil ‘large sea animal’ – the Welsh for ‘whale’. The standard Irish word for a whale is míol mór and Scottish dictionaries give the following for ‘whale’: mial-bùirn, mial-mhara, mial-mhòr, mial-mhòr-mhara and mòr-mhial. So mial mhòr a’ chuain could be an enormous whale or another type of great and unknown marine monster. By the way, this is the same mial we see in mial-chù ‘greyhound’, those dogs being trained to run down large animals in past times.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ʼS ann air saoghal an iasgaich air taobh an iar na Gàidhealtachd a thàinig an dà latha:a big change has come over the world of fishing in the West Highlands.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 610

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean