FaclairDictionary EnglishGàidhlig

860: Co-fhaclan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Co-fhaclan

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an fhacal – co-fhacal? Synonym ann am Beurla. Tha facal na cho-fhacal air facal eile ma tha e a’ ciallachadh an ìre mhath an aon rud ris. Tha an dà fhacal co-fhaclach no synonymous.

An tèid agad air smaoineachadh air eisimpleir de cho-fhaclan? Uill, seo agaibh eisimpleir – glic agus ciallach. Chan eil iad buileach co-ionann, a bheil? Ach tha iad faisg gu leòr airson a bhith nan co-fhaclan air a chèile. Dè mu dheidhinn ciallach agus toinisgeil? ’S dòcha gu bheil iadsan beagan nas fhaisge air a chèile.

Bha mi an sàs ann am pròiseact co-fhaclaireach o chionn beagan bhliadhnaichean. Chaidh co-fhaclair a chruthachadh. ’S e sin a’ Ghàidhlig airthesaurus. Gheibh sibh grèim air a’ cho-fhaclair ann an riochd eileagtronaigeach air an làraich-lìn do luchd-ionnsachaidh – LearnGaelic.scot/thesaurus.

Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a chur cheistean oirbh a tha a’ tighinn bhon cho-fhaclair Ghàidhlig. Chì sibh cho math ’s a tha sibh air faclan a thuigsinn!

An toiseach, rudeigin co-cheangailte ris an àrainneachd. Tha an t-uabhas de dh’fhaclan ann an Gàidhlig a tha a’ ciallachadh beinn no cnoc no a leithid – còrr math is ceud dhiubh. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh nan co-fhaclan airson facal. Agus tha mi a’ dol a dh’iarraidh oirbh innse dè an ceann-fhacal a th’ ann sa cho-fhaclair. Seo na co-fhaclan: cnocan, tom, stacan, tulach, tulachan, sìthean, torran, tolm, toman, meallan, stùc agus mulan. Mmm … chan eil e furasta, a bheil?! Uill, seo e – gnoban. Agus ciall an fhacail ann am Beurla – little hill, knoll. Gnoban.

Seo eisimpleir eile. ’S e ainmear a th’ ann. Seo agaibh na co-fhaclan dha: troc, sgruibleach, smùrach, aolach, dreamsgal, sgrathal, greallach, draos, tramasgal, treallaich agus smodal. Dè am facal air a bheil sibh a’ smaoineachadh a-nise? Uill, ’s e an ceann-fhacal airson sin anns a’ cho-fhaclair – sgudal. Rubbish, trash – sgudal.

Agus eisimpleir de bhuadhair. Seo na co-fhaclan: robach, mì-sgiobalta, riapach, liobasta, neo-chumadail, neo-ghrinn, sgraiteach, lùiristeach, leibideach agus suarach. Tha antanaim ann air a shon cuideachd. ’S e antanaim facal aig a bheil ciall a tha calg-dhìreach an aghaidhciall a’ cheann-fhacail. Agus ’s e an t-antanaim airson seo – sgiobalta. ’S e an ceann-fhacal luideach, a’ ciallachadh shabby, untidy. Luideach.

Nise, smaoinichibh tiotan air an fhacal lùth, a’ ciallachadh strength, power. Lùth. ’S e sin an eileamaid a th’ anns an fhacal-fhillte lùth-chleas agus lùth-chleasachd. Dè na co-fhaclan a bhiodh sibh fhèin a’ comharrachadh airson lùth? Uill, seo an fheadhainn anns a’ cho-fhaclair: lùths, cumhachd, neart, smioralas agus spionnadh. Tha faclan dàimheach ann air a shon cuideachd – daingneachd agus spracalachd. Tha faclan dàimheach – related terms – car coltach ris a’ cheann-fhacal gun a bhith co-ionann ris.

Agus dè an t-antanaim a bhiodh sibh fhèin a’ taghadh airson lùth? Uill, seo na tha anns a’ cho-fhaclair – laigse. Ma bheir sibh sùil air laigse mar cheann-fhacal, gheibh sibh sia co-fhaclan deug, còig faclan dàimheach agus trì antanaimean. Ach chan eil lùth am measg nan antanaimean. Obh obh. ’S dòcha gun do lorg mi laigse anns a’ cho-fhaclair! A dh’aindeoin sin, tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi e feumail do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail.

Faclan na Litreach: co-fhacal: synonym; àrainneachd: environment; ainmear: noun; buadhair: adjective; antanaim: antonym; obh obh: oh dear.

Abairtean na Litreach: ma tha e a’ ciallachadh an ìre mhath an aon rud ris: if it means pretty much the same thing as it; buileach co-ionann: entirely the same; faisg gu leòr airson a bhith nan co-fhaclan air a chèile: close enough to be synonyms for each other; an sàs ann am pròiseact co-fhaclaireach: involved in a thesaurus project; gheibh sibh grèim air a’ cho-fhaclair ann an riochd eileagtronaigeach air an làraich-lìn: you’ll get hold of the thesaurus in an electronic format on the website; chì sibh cho math ’s a tha sibh air faclan a thuigsinn:you’ll see how good you are at understanding words; còrr math is ceud dhiubh: well over a hundred of them; smaoinichibh tiotan air: think for a moment of [on]; ’s e sin an eileamaid a th’ anns an fhacal-fhillte: that’s the element that’s in the compound word; a bhiodh sibh fhèin a’ taghadh: that you’d choose yourself; sia co-fhaclan deug, còig faclan dàimheach agus trì antanaimean: sixteen synonyms, five related terms and three antonyms; ’s dòcha gun do lorg mi laigse: perhaps I’ve found a weakness; a dh’aindeoin sin, tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi e feumail: despite that, I sincerely hope that it will be useful; air feadh an t-saoghail: throughout the world.

Puing-chànain na Litreach: calg-dhìreach an aghaidh ciall a’ cheann-fhacail: opposite to the meaning of the headword. Ceann-fhacal is a compound noun so how do we know which element to inflect in the genitive case? Ask yourself what the basic word is. Is ceann-fhacal a type of ‘ceann’ or a type of ‘facal’? It is clearly a type of ‘facal’ – one that provides a heading in a dictionary, so that is the word that inflects for case. The genitive singular form of facal is facail, so the genitive singular form of ceann-fhacal is ceann-fhacail (the lenition is caused by the placing of the word after ‘ceann’). The nominative plural form (in most dialects) is ceann-fhaclan because faclan is the nominative plural of facal.

Gnàthas-cainnt na Litreach: An tèid agad air smaoineachadh air eisimpleir de cho-fhaclan? : can you manage to think of an example of synonyms?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 556

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean