FaclairDictionary EnglishGàidhlig

85: A’ losgadh a’ chlèibhidh (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ losgadh a’ chlèibhidh (2)

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain ’s a chaidh, dh’innis mi dhuibh mu dheidhinn losgadh a’ chlèibhidh anns a’ Bhroch, neo Burghead. ’S dòcha gun deach feadhainn agaibh ann. Neo ’s dòcha gu robh feadhainn agaibh ann sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Nan robh, bidh fios agaibh dè thachras aig an deireadh.

Bithear a’ toirt a’ chlèibhidh gu ruige mullach cnuic far an robh seann bhallachan an dùin o shean. Ann a sin, bidh mu dhà mhìle neach a’ tighinn cruinn agus a’ coimhead air an sgioba, a bhios a’ tilgeil tuilleadh theàrr agus crìosot thairis air a’ chlèibhidh, le mòran ghàirdeachais, agus othail gu leòr. Bidh na lasairean a’ leum do na speuran agus bidh am feur tioram air a’ chnoc a’ dol na theine. Mu dheireadh, bidh an sgioba a’ toirt a’ chlèibhidh às a chèile is bidh na daoine a’ falbh gu na taighean-seinnse, agus airson cèilidh air càch a chèile.

Chan eil fios aig duine cuin’ a thòisich losgadh a’ chlèibhidh neo cò thòisich e – Cruithnich, Gaidheil, Lochlannaich… Ach bha a leithid ann uaireigin ann am mòran bhailtean air feadh an ear-thuath, air a’ chladach agus air falbh bhon chladach, ann an àiteachan mar Inbhir Athain. Bhathar a’ smaoineachadh gun toireadh an cleachdadh deagh fhortan do dh’iasgairean is do thuathanaich airson na bliadhna a bha romhpa.

Agus chan eilear buileach cinnteach cò às a thàinig am facal “clavie”. Bha an sgoilear Gàidhlig, Iain Og Ile, dhen bheachd gur ann às “cliabh” a thàinig e, is gu robh an clèibhidh car coltach ri cliabh. Anns an tuiseal ghinideach, chanadh daoine “clèibh” neo “clèibhidh” ri cliabh. Mar sin, chanadh iad gu robh iad “a’ losgadh a’ chlèibhidh”.

Chan eil fhios a’m. ’S dòcha gu bheil sin fìor. Ach tha smuain eile ann – gun tàinig e bho fhacal anns a’ Bheurla Ghallda anns an ear-thuath – “ clivvie” a tha a’ ciallachadh slat le eag innte airson leus a ghiulain air an oidhche. Agus tha beachd ann gu bheil clivvie co-cheangailte ris an fhacal “clobha” ann an Gàidhlig.

A bharrachd air a sin, tha ceist ann mu ainm a’ chnuic far a bheil an gnothach a’ tighinn gu ceann – Doorie Hill. Tha beachd ann gu bheil Doorie a’ tighinn bhon Ghàidhlig “dubh-ruighe” neo “black slope”. Uill, ’s ann mar sin a tha an cnoc air an làrna-mhàireach as deidh dha dhol na theine!

Dh’innis mi dhuibh an t-seachdain ’s a chaidh mar a dh’fheuch muinntir na h-Eaglaise o chionn fhada ri stad a chur air losgadh a’ chlèibhidh, air sgàth ’s gur e “cleachdadh pàganach” a bh’ ann. Dh’fhailnich orra, ach shoirbhich le aon duine ann a bhith a’ cur stad air airson beagan bhliadhnaichean. Bha an duine seo beag ach bha e cumhachdach. Cha chreid mi gu robh càil a dh’fhios aige mu dheidhinn losgadh a’ chlèibhidh, ge-tà. Innsidh mi dhuibh cò bh’ ann ann an tiotan.

Ach bu mhath leam a ràdh cho math ’s a tha e gu bheil seann chleachdadh mar seo againn fhathast, a tha gar toirt a-mach air oidhche fhuar gheamhraidh, air falbh bhon telebhisean is cultar coimheach a tha a’ bualadh oirnn fad an t-siubhail. Nuair a bhios tu a’ gabhail pàirt anns an fhèill seo, bidh thu a’ faireachdainn gu bheil thu mar phàirt de rudeigin a tha fìor shean agus fìor Albannach.

A-nise – cò an duine a chuir às do losgadh a’ chlèibhidh thairis air bliadhnaichean? Cò ach Adolf Hitler. Bha casg air teintean is solais air an oidhche thar bliadhnaichean a’ chogaidh. Gu fortanach, ge-tà, nuair a bha an cogadh seachad, thòisich seòid a’ bhaile as ùr e. Taing mhòr dhaibh.

Faclan na Litreach: lasairean: flames; taighean-seinnse: pubs; Inbhir Athain: Inveravon; clobha: tongs; cumhachdach: powerful; seòid: heroes, brave lads.

Abairtean na Litreach: losgadh a’ chlèibhidh: the burning of the clavie; sna bliadhnaichean a dh’fhalbh: in past years; bithear a’ toirt a’ chlèibhidh gu ruige mullach cnuic: the clavie is taken up to the top of a hill; bidh mu dhà mhìle neach a’ tighinn cruinn:about two thousand people gather; tuilleadh theàrr agus crìosot: more tar and creosote; mòran ghàirdeachais is othail gu leòr:a lot of rejoicing and plenty of hubbub; slat le eag innte airson leus a ghiulain: a stick with a cleft in it to carry a (flaming) torch; dh’fhailnich orra ach shoirbhich le aon duine: they failed but one man succeeded; cha chreid mi gu robh càil a dh’fhios aige: I don’t think he had the faintest knowledge; ann an tiotan: in a moment; air falbh bhon telebhisean is cultar coimheach a bhios a’ bualadh oirnn fad an t-siubhail: away from the television and foreign culture that assails us all the time; bidh thu a’ faireachdainn gu bheil thu mar phàirt de rudeigin a tha fìor Albannach: you feel that you are participating in something that is truly Scottish; bha casg air teintean is solais: there was a ban on fires and lights; taing mhòr dhaibh: great thanks to them.

Puing ghràmair na Litreach: Bidh fios agaibh dè thachras aig an deireadh: you will know what happens at the end. The Relative Future form of the verb is used here (see also Litir 10, 23.7.99). The normal independent future form, as would be seen in the initial position in a sentence, is tachraidh, eg tachraidh e a-nochd (it will happen tonight). But when the verb follows a relative pronoun or particle, it adopts the Relative form eg bhiosfor the verb “to be”: ma bhios mi ann, chì mi thu (if I am there, I will see you); ’s e Alasdair a ghlasas an togalach seo gach oidhche (it’s Alexander that locks this building every night); ciamar a chanas mi sin ann an Gàidhlig? (how do I say that in Gaelic?). It is also used commonly after and dè: cò chanas gu bheil mi reamhar?! (who says I’m fat?!); dè dh’òlas tu? (what will you drink?). Note the “dh” in front of an initial vowel. The Relative Future is usually formed by adding –as or –eas to the lenited form of the verbal root, eg chuireas, chleachdas, thogas, but note that longer words may be shortened eg thachrasnot thachaireas, and dh’fhosglas not dh’fhosgaileas. Note also that irregular verbs may behave strangely eg de nì mi? (what will I do?) not dè dhèanas mi?

Gnàthas-cainnt na Litreach: ’s ann mar sin a tha an cnoc air an làrna-mhàireach as deidh dha dhol na theine: that is how the hill is the next day after catching alight. Làrna-mhàireach: the morrow, the following day.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean