813: Ruairidh Mòr agus an Dà-shealladh
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ruairidh Mòr agus an Dà-shealladh
A bheil Gàidheil ann a tha fhathast a’ creidsinn anns an dà-shealladh, anns an aonamh linn air fhichead? Saoilidh mi gu bheil. Thar nam bliadhnaichean, tha mi air tachairt ri feadhainn a bha gun teagamh dhen bheachd gun robh a leithid de chomas aig cuid. Bha sin fìor ann an Alba, Èirinn agus Alba Nuadh. Thuirt fear rium turas gun robh cuid ann an Sasainn a’ creidsinn anns an dà-shealladh ach gun robh diofar ann eadar Alba agus Sasainn, agus eadar Gàidheil is Goill. Mar a thuirt e fhèin, tha an dà-shealladh nas mainstream am measg nan Gàidheal. Bidh beachd agaibh fhèin co-dhiù bha e ceart gus nach robh.
Nuair a bha mi anns an Eilean Sgitheanach as t-samhradh sa chaidh, chuala mi naidheachd mun dà-shealladh. Bha i air a h-aithris ann an Gàidhlig, aig cèilidh far an robh an cànan aig a h-uile duine, agus cha robh neach-èisteachd sam bith ann a bha a’ coimhead teagmhach mu a deidhinn. Bha an naidheachd co-cheangailte ri tubaist-adhair ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a còig (1945).
Bha poileas stèidhichte ann an Ùig, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. ’S e Uibhisteach a bh’ ann. B’ e Ruairidh Dòmhnallach, no Ruairidh Mòr, ainm an duine. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Ùig ann an naoi ceud deug, fichead ’s a sia (1926).
Cha robh càr aig Ruairidh, dìreach motar-baidhsagal. Bha e air leth measail air sealg agus, gu tric, chitheadh muinntir an àite Ruairidh Mòr air a mhotar-baidhg le raidhfil no gunna-froise air a dhruim. Tha e a’ toirt dhuinn sealladh ùr air an deasbad a bh’ ann an-uiridh mu dheidhinn oifigearan poilis air a’ Ghàidhealtachd a bhith a’ giùlain ghunnaichean leotha!
Bhiodh Ruairidh a’ sealg nan coineanach air Druim Thròndairnis. Latha a bha seo, tràth san Fhaoilleach ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a còig (1945), chaidh e gu Beinn Eadra, tè de na beanntan as àirde anns an sgìre. Gu tric bhiodh e a’ toirt nan coineanach do dhaoine bochda. An turas seo, ge-tà, bha e am beachd an toirt do dh’Inspeactair nam Poileas ann am Port Rìgh.
Gu h-obann bha brag tàirneanaich. Thàinig dealanaich agus clachan-meallain. Thug sin air Ruairidh fasgadh a lorg fo chreag ann an gil fon bheinn. Bha gailleann gharbh ann. Fhad ’s a bha an stoirm a’ dol, dh’fhairich Ruairidh fuaim mar gun robh cuideigin ag èigheachd, agus e ann an èiginn.
Nuair a shocraich a’ ghaoth beagan, thug Ruairidh sùil gheur air feadh an àite. Ach cha do lorg e dad. Chaidh e a Phort Rìgh leis na coineanaich agus dh’inns e mar a thachair don inspeactair. Cha do rinn am fear eile cus dhen ghnothach, ach bha dragh air Ruairidh.
Dà mhìos an dèidh sin, dh’fhairich nighean Ruairidh fuaim coltach ri tàirneanaich, ach lean e na b’ fhaide na bhiodh tàirneanaich. Bha e a’ tighinn bho thaobh Dhruim Thròndairnis. Goirid an dèidh sin chunnaic i a h-athair a’ dèanamh air Stafainn aig astar air a mhotar-baidhg. Bha itealan Ameireaganach – Flying Fortress – air bualadh ann am Beinn Eadra faisg air a’ mhullach.
Chaidh sgioba-theasairginn a chur air dòigh ach cha robh duine beò air a’ bheinn. Bha a h-uile duine air bòrd–naoinear dhiubh–marbh. Thathar dhen bheachd gun d’ fhairich Ruairidh Mòr taibhs na tubaist dà mhìos mus do thachair i.
Faclan na Litreach: an dà-shealladh: the second sight [lit. the two sights]; coineanach: rabbit; Druim Thròndairnis: The Trotternish Ridge; gailleann: storm; sgioba-theasairginn: rescue squad.
Abairtean na Litreach: gun robh a leithid de chomas aig cuid: that some people had that ability; chuala mi naidheachd: I heard an anecdote; air a h-aithris ann an Gàidhlig: told in Gaelic; air leth measail air sealg: extremely fond of hunting; chitheadh muinntir an àite X air a mhotar-baidhg: the local people would see X on his motorbike; le raidhfil no gunna-froise air a dhruim: with a rifle or shotgun on his back; sealladh ùr air an deasbad a bh’ ann an-uiridh: a new perspective on last year’s debate; a’ giùlain ghunnaichean leotha: carrying guns (with them); latha a bha seo, tràth san Fhaoilleach: one day, in early January; tè de na beanntan as àirde anns an sgìre: one of the highest mountains in the area; gu h-obann bha brag tàirneanaich: suddenly there was a peal of thunder; thàinig dealanaich agus clachan-meallain: lightning and hailstones came; thug sin air Ruairidh fasgadh a lorg fo chreag ann an gil:that made Roderick find shelter under a rock in a gully; mar gun robh cuideigin ag èigheachd, agus e ann an èiginn: as if somebody in extremis were shouting; nuair a shocraich a’ ghaoth beagan: when the subsided a bit; thug Ruairidh sùil gheur air feadh an àite: Roderick looked carefully everywhere; cha do rinn am fear eile cus dhen ghnothach: the other man didn’t make too much of the matter; lean e na b’ fhaide na bhiodh tàirneanaich: it lasted longer than thunder would; bha itealan Ameireaganach air bualadh ann an X: an American plane had hit X; taibhs na tubaist: the ghost (premonition) of the accident.
Puing-chànain na Litreach: anns an aonamh linn air fhichead: in the 21st Century. You will occasionally hear people use ciadfor first’ in this situation ie a’ chiad linn air fhichead but it is not common. Ciad is normally used only for the very first eg fhuair mi a’ chiad shealladh dheth an-dè I got my first view of it yesterday’. Aonamh is often shortened to aona although that can be confused with aon one’. Other examples: ’s e an t-aonamh cluicheadair deug a thagh mi he is the eleventh player I chose’; seo an t-aonamh turas deug air fhichead a choisinn iad an duais this is the 31st time they [have] won the prize (vigesimal system).
Gnàthas-cainnt na Litreach: : dh’fhairich nighean Ruairidh fuaim coltach ri tàirneanaich: Roderick’s daughter (unexpectedly) heard a noise like thunder.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 509
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn