784: Am Bile
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Am Bile
An-uiridh, chaidh mi gu àite brèagha faisg air Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach. ’S e Am Bile a chanar ris. Tha e gu sear air ceann a tuath a’ bhaile air an rathad a-mach gu beul a’ bhàigh anns a bheil Port Rìgh suidhichte. ’S e leathad mòr feurach a th’ ann. Am Bile.
Bha mi a’ meòrachadh air an ainm-àite. Tha bile na sheann fhacal Gàidhlig airson craobh. Gu tric, tha e a’ seasamh airson craobh a bha uaireigin naomh, ’s dòcha anns na làithean ro-Chrìosdail. Air a’ Chomraich, tha sputan beag a tha car ainmeil air a bheil Sputan a’ Bhile. Gus o chionn ghoirid bha copan meatailt ceangailte ri clach ri taobh an sputain. Bhiodh luchd-siubhail ag òl às.
Tha Sputan a’ Bhile làimh ri tobar air a bheil An Tobar Naomh. Tha uisge an tobair a’ sruthadh sìos am bruthach agus a’ tighinn a-mach aig an sputan. Agus tha stòiridhean à beul-aithris a tha a’ ceangal an àite ri craobhan sònraichte no ’s dòcha beannaichte.
Mar sin, nuair a chaidh mi don Bhile faisg air Port Rìgh bha mi dhen bheachd gum biodh an t-ainm co-cheangailte ann an dòigh air choreigin ri seann chraobh. Agus gum biodh inbhe spioradail aig an àite. Agus, gu dearbh, dè lorg mi ann ach seann chladh. ’S dòcha gun robh cill ann uaireigin. Uaireannan bhiodh Crìosdaidhean a’ togail cill ann an àite a bha coisrigte do na pàganaich romhpa.
Ach bha smuain eile agam mun ainm-àite. ’S e sin gun robh ‘Am Bile’ a’ ciallachadh ‘the lip’. Thathar a’ cleachdadh ‘lip’ mar chomharra de dh’fheart-tìre nàdarrach ann am Beurla. Carson nach bitheadh ann an Gàidhlig cuideachd? Tha an ceangal eadar buill-bhodhaig agus feartan-tìre eadhon nas làidire ann an Gàidhlig na tha e ann am Beurla.
Thàinig ‘Am Bile’ air ais gu m’ aire o chionn ghoirid a-rithist, agus mi a’ leughadh leabhar ùr. ’S e Reading the Gaelic Landscape/Leughadh Aghaidh na Tìre ainm an leabhair. Chaidh a sgrìobhadh le Iain Moireach a tha na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha Iain air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig gu dìcheallach.
Tha fiosrachadh iongantach anns an leabhar. Tha mi an dùil gum bi e gu math feumail do dhaoine a chuireas ùine seachad air a’ bhlàr a-muigh. Agus bidh e feumail do dh’adhbhar na Gàidhlig oir tha e a’ dearbhadh cho beartach ’s a tha ar cànan agus ar dualchas.
Tha Iain gu math eòlach air an Eilean Sgitheanach. Agus tha e dhen bheachd gur e ‘the lip’ a tha Am Bile faisg air Port Rìgh a’ ciallachadh. Tha an t-ainm na thuairisgeul de chumadh na tìre. Anns an leabhar, tha e ag ainmeachadh àite eile far a bheil bile anns an ainm. ’S e sin Coshieville ann an Gleann Lìomhann ann an Siorrachd Pheairt.
Tha an t-ainm a’ coimhead Frangach do chuid. Sin gus am faicear a’ Ghàidhlig air a shon – Cois a’ Bhile ‘close to the lip’. Tha leathad faisg air làimh air a bheil Am Bile. Tha Reading the Gaelic Landscape làn fiosrachadh inntinneach mar sin. Bheir sinn sùil air neamhnaid no dhà eile bhuaithe anns an ath Litir.
Faclan na Litreach: leathad mòr feurach: a large grassy slope; a’ meòrachadh air: contemplating; ro-Chrìosdail: pre-Christian; sputan:water spout; beannaichte: blessed; inbhe spioradail: spiritual quality; buill-bhodhaig: body organs; Iain Moireach: John Murray; Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre: Director of Landscape Architecture; Gleann Lìomhann: Glen Lyon.
Abairtean na Litreach: air an rathad a-mach gu beul a’ bhàigh: on the road out to the mouth of the bay; anns a bheil Port Rìgh suidhichte: in which Portree is situated; a’ seasamh airson craobh a bha uaireigin naomh: standing for a tree that was at one time sacred; gus o chionn ghoirid bha copan meatailt ceangailte ri clach: until recently a metal cup was connected to a stone; bhiodh luchd-siubhail ag òl às: travellers would drink from it; a’ sruthadh sìos am bruthach: streaming down the slope; co-cheangailte ann an dòigh air choreigin ri seann chraobh: connected in some way or other to an old tree; bhiodh Crìosdaidhean a’ togail cill: Christians would build a church; àite a bha coisrigte do na pàganaich romhpa: a place that was sacred to the pagans before them; mar chomharra de dh’fheart-tìre nàdarrach: to represent a natural land feature; dh’fhàg mi mo smuaintean an sin: I left my thoughts there; cha do mheòraich mi air a’ chuspair thairis air mìosan a’ gheamhraidh: I didn’t consider the matter over the winter months; a chuireas ùine seachad air a’ bhlàr a-muigh: who spend time in the outdoors; feumail do dh’adhbhar na Gàidhlig: useful in promoting Gaelic; tha an t-ainm na thuairisgeul de chumadh na tìre: the name is a description of the form of the land; gus am faicear a’ Ghàidhlig air a shon: until one sees the Gaelic for it; neamhnaid no dhà eile bhuaithe: another pearl or two from it.
Puing-chànain na Litreach: gu sear air ceann a tuath a’ bhaile: to the east of the northern part of the village. Similarly bha mi gu tuath air Glaschu ‘I was to the north of Glasgow’, tha i gu siar air na h-eileanan ‘she’s to the west of the islands’, tha iad gu deas air a’ chrios mheadhain ‘they are south of the equator’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha Iain air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig gu dìcheallach: John has been learning Gaelic diligently.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 480
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn