778: Turas a dh’Alba Nuaidh (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Turas a dh’Alba Nuaidh (1)
A bheil sibh eòlach air a’ Ghàidhealtachd? Tha a’ cheist sìmplidh ach ’s dòcha nach eil an fhreagairt buileach cho sìmplidh. Dè th’ anns a’ Ghàidhealtachd an-diugh? Ma tha barrachd luchd-labhairt na Gàidhlig air sràid ann an Glaschu na tha ann an, can, Tairbeart Loch Fìne, am bu chòir gabhail ris an t-sràid sin mar ‘Ghàidhealtachd’? Agus dè mu dheidhinn àiteachan a bha uaireigin Gàidhealach, ach anns a bheil glè bheag dhen chànan an-diugh? Càite a bheil a’ Ghàidhealtachd a’ tòiseachadh agus a’ crìochnachadh?
’S e sin cuspair deasbaid airson latha eile . Ach bha mi mothachail do na h-àiteachan anns an robh mi far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn – ann an Alba, Èirinn agus Eilean Mhanainn. Tha mi air a bhith air feadh Gàidhealtachd na h-Alba. Bha mi anns a’ chuid mhòir de Ghàidhealtachdan na h-Èireann. Agus bha mi am measg nan Gàidheal ann an Eilean Mhanainn.
A dh’aindeoin sin, bha mi riamh dhen bheachd nach robh mo thuigse de shaoghal nan Gàidheal coileanta, oir bha àite Gàidhealach eile ann far nach robh mi. Chan eil a’ Ghàidhealtachd sin anns an Roinn Eòrpa. Tha i ann an taobh sear Chanada. Bidh fios agaibh dè an t-àite a tha mi a’ ciallachadh – Alba Nuadh. Agus tha mi toilichte a ràdh gun robh mi ann o chionn ghoirid. Chòrd an t-àite rium glan.
’S iomadh ìomhaigh a nochdas ann an sùil mo chuimhne nuair a tha mi a’ beachdachadh air an turas agam. ’S i tè dhiubh rudeigin a thachair air a’ mhadainn mu dheireadh agam ann am prìomh bhaile na mòr-roinne, Halifax. Bha mi cuide ri companach aig a bheil deagh Ghàidhlig, agus a dh’obraicheas airson a’ chànain ann an Alba Nuaidh. Bha sinn a’ gabhail bracaist còmhla ann an taigh-òsta.
Dh’èirich mi airson bobhla mheasan is iogairt fhaighinn. Nuair a thill mi, bha mo chompanach a’ bruidhinn ri tè-fhrithealaidh nam bòrd – tè òg. Agus dè an cànan anns an robh iad a’ bruidhinn? A’ Ghàidhlig! Bha agam ri ràdh rium fhìn – ‘Chan eil thu ann an Alba, a bhalaich, ach ann an dùthaich chèin!’
Uill, feumaidh mi ràdh nach robh Alba Nuadh mar dhùthaich chèin. Uaireannan, nuair a bha mi am measg nan Gàidheal, bha mi a’ faireachdainn na bu chofhurtaile na bhithinn ann am mòran sgìrean Gallta ann an Alba. Bhruidhinn mi Gàidhlig gu leòr ann. Agus ’s iomadh duine ris an do thachair mi a bha bàigheil ris a’ chànan oir bha i aig pàrant no seana-phàrant.
Cha robh an tè a bha a’ frithealadh nam bòrd buileach fileanta ann an Gàidhlig. Ach tha a piuthar faisg air a bhith fileanta. Agus tha a bràthair gu tur fileanta.
Tha ìomhaigh eile a’ tighinn gu sùil mo chuimhne fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh seo. Bha mi ri taobh an rathaid ann an Eilean Cheap Bhreatainn. Bha mi air an càr a stad airson dealbh a thogail de shoidhne dhà-chànanach. Gu h-àrd bha ‘Long Point’ oirre. Agus gu h-ìosal ‘An Rubha Fada’.
Bha am post a’ lìbhrigeadh litrichean. Chuir e uinneag a charbaid sìos. ‘Do you have the Gaelic?’ dh’fhaighnich e. ‘Tha gu leòr,’ fhreagair mise ann an Gàidhlig. Agus thàinig gàire mhòr air aodann. B’ i a’ Ghàidhlig prìomh chànan a phàrantan agus thuig e mi. ’S iomadh turas a thachair rudan mar sin dhomh ann an Alba Nuaidh.
Faclan na Litreach: Tairbeart Loch Fìne: Tarbert Loch Fyne; an Roinn Eòrpa: Europe; Alba Nuadh: Nova Scotia; Eilean Cheap Bhreatainn: Cape Breton Island.
Abairtean na Litreach: barrachd luchd-labhairt na Gàidhlig air sràid ann an Glaschu: more Gaelic-speakers on a street in Glasgow; càite a bheil a’ Ghàidhealtachd a’ tòiseachadh agus a’ crìochnachadh?: where does the Gaidhealtachd begin and end?; mothachail do na h-àiteachan anns an robh mi:aware of the places I had been in; a dh’aindeoin sin, bha mi riamh dhen bheachd nach robh mo thuigse de shaoghal nan Gàidheal coileanta: despite that, I was always of the opinion that my understanding of the world of the Gaels was not complete; ’s iomadh ìomhaigh a nochdas ann an sùil mo chuimhne: many an image appears in my mind’s eye; ’s i tè dhiubh rudeigin a thachair air a’ mhadainn mu dheireadh agam: one of them is something that happened on my last morning; prìomh bhaile na mòr-roinne: the capital of the province; a dh’obraicheas airson a’ chànain: who works for the language; airson bobhla mheasan is iogairt fhaighinn: to get a bowl of fruit and yoghurt; tè-fhrithealaidh nam bòrd: the waitress; mar dhùthaich chèin: like a foreign country; na bu chofhurtaile na bhithinn ann am mòran sgìrean Gallta: more comfortable than I would be in many Lowland areas; bàigheil ris a’ chànan oir bha i aig pàrant no seana-phàrant:well disposed towards the language because it was spoken by a parent or a grandparent; airson dealbh a thogail de shoidhne dhà-chànanach: to take a picture of a bilingual sign; bha am post a’ lìbhrigeadh litrichean: the postman was delivering letters; chuir e uinneag a charbaid sìos: he lowered the window of his vehicle; thàinig gàire mhòr air aodann: a big smile came across his face; thuig e mi: he understood me.
Puing-chànain na Litreach: Since returning to Scotland from my first trip to Nova Scotia, several people have asked me how different the Gaelic is there compared to our own. The answer is no more different than Canadian English is from Scottish English. They have the occasional word we don’t use or that is employed differently – in both languages. But essentially it is the same language and perfectly intelligible. I would recommend all Gaelic speakers in Scotland take a trip to Nova Scotia to seek out fellow Gaels there. I hope that in the near future, some entrepreneurs will establish a Gaelic-based tourism industry that increases the links between our communities in each country.
Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S e sin cuspair deasbaid airson latha eile: that’s a debate for another day.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 474
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn