FaclairDictionary EnglishGàidhlig

745: Aimhreit an t-Sròim (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Aimhreit an t-Sròim (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mun chaibideil mu dheireadh ann an Aimhreit an t-Sròim ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883). Bha feadhainn a bha a’ feuchainn ris an t-Sàbaid a ghleidheadh a’ seasamh an aghaidh feadhainn eile a bha a’ feuchainn ri iasg a chur gu margaidh Didòmhnaich. Agus an dèidh suidheachadh aimhreiteach an t-seachdain roimhe, bha ceud gu leth poileas a’ feitheamh riutha air cidhe an t-Sròim.

Bhathar a’ cur ri feachd a’ phoilis cuideachd le bhith a’ buileachadh inbhe chonstabalan sònraichte air luchd-obrach na rèile. Bha bàta-smùide air tighinn a-steach don chidhe, agus bhathar a’ cur carago de sgadan air tìr. Bha a h-uile coltas ann gum biodh obair de a leithid a’ leantainn seachad air meadhan-oidhche.

Thàinig cuid de mhuinntir an àite. Agus nochd ministear às a’ Chomraich, Mgr Dòmhnallach. Bha esan a’ feuchainn ri toirt air na daoine a dhol dhachaigh.

Fhad ’s a bha iad a’ meòrachadh air na dhèanadh iad, bha barrachd is barrachd de mhuinntir an àite a’ nochdadh. Aig leth-uair an dèidh aon uair deug, bha mu cheud gu leth duine ann. Bha an t-eagal ann gun robh aimhreit fada na bu mhiosa gu bhith ann na bh’ ann an t-seachdain roimhe nuair nach robh an làthair ach ochdnar phoileas.

Mu dheireadh ghabh muinntir an àite ri comhairle Mhgr Dhòmhnallaich agus chaidh iad dhachaigh goirid ro mheadhan-oidhche. Bha a h-uile duine air aontachadh gum biodh coinneamh mhòr aca aig Taigh-òsta an Stèisein oidhche Chiadain airson bruidhinn mu cheist obair na rèile air an t-Sàbaid.

Dh’fhalbh a’ chuid a bu mhotha de na poilis, ach dh’fhuirich naoinear ann am Port an t-Sròim. Agus madainn Diluain thòisich iadsan air a dhol timcheall le barantais airson deichnear a chur an grèim airson a bhith ri aimhreit an t-seachdain roimhe. Cha robh duilgheadas aca grèim fhaighinn air a’ chuid mhòir dhiubh. Ach bha e doirbh dhaibh aon duine à Àird an Fheusgain a lorg, oir thilg boireannaich anns a’ bhaile clachan orra nuair a thàinig air a thòir.

Bha cùis-chùirte ann agus fhuair an deichnear ceithir mìosan sa phrìosan. Bha mòran dhen bheachd gun robh sin ro chruaidh. Chuireadh athchuingean gu Rùnaire na Dùthcha. Chaidh na binnean a lughdachadh gu dà mhìos sa phrìosan.

Nochd dà cheud gu leth duine airson na coinneimh phoblaich Diciadain. B’ fheudar a cumail a-muigh oir cha robh togalach ann a bha mòr gu leòr. Dh’aontaich a’ choinneamh gun robh fòirneart ceàrr agus gun robh briseadh na Sàbaid ceàrr. Ach bha daoine mothachail gun robh lagh na dùthcha air taobh na feadhainn a bha a’ cleachdadh na loidhne-rèile air an t-Sàbaid.

Bha an t-uachdaran, Sir Alasdair MacMhathain, leis an robh fearann mòr agus Caisteal Dhùn na Creige, an aghaidh an luchd-iomairt. Dh’iarr e air na bàillidhean aige na leabhraichean a thoirt do dhuine sam bith de luchd na h-aimhreit a bha ag obair dha. Ach bha tòrr taic aig an fheadhainn sin anns a’ choimhearsnachd. Fhuair a h-uile duine dhen deichnear a chaidh don phrìosan duais airgid bho mhuinntir an àite nuair a fhuair iad a-mach. Ach b’ e sin e airson aimhreit anns an t-Sròm mu bhriseadh na Sàbaid.

Faclan na Litreach: Aimhreit an t-Sròim: The Stromeferry Riot; Àird an Fheusgain: Ardaneaskan; fòirneart: violence; Sir Alasdair MacMhathain: Sir Alexander Matheson.

Abairtean na Litreach: feadhainn a bha a’ feuchainn ris an t-Sàbaid a ghleidheadh: some people who were trying to keep the Sabbath [as a day of rest]; a’ seasamh an aghaidh feadhainn eile: standing against others; a’ feuchainn ri iasg a chur gu margaidh Didòmhnaich:trying to send fish to market on a Sunday; le bhith a’ buileachadh inbhe chonstabalan sònraichte air luchd-obrach na rèile:by giving the rail workers the status of special constables; bhathar a’ cur carago de sgadan air tìr: a cargo of herring was being landed; gum biodh obair de a leithid a’ leantainn seachad air meadhan-oidhche: that such work would be continuing past midnight; ministear às a’ Chomraich: a minister from Applecross; a’ meòrachadh air na dhèanadh iad: contemplating what they would do; gun robh aimhreit fada na bu mhiosa gu bhith ann na bh’ ann an t-seachdain roimhe:that there would be a much worse riot than was the case the previous week; nuair nach robh an làthair ach ochdnar phoileas:when only eight police officers were present; cha robh feum air saighdearan à Dùn Deòrsa:the soldiers at [from] Fort George were not required; thòisich iadsan air a dhol timcheall le barantais airson deichnear a chur an grèim: they started to go around with warrants for the arrest of ten people; airson a bhith ri aimhreit: for rioting; thilg boireannaich anns a’ bhaile clachan orra nuair a thàinig air a thòir: women in the village threw stones at [on] them when they came in search of him; chuireadh athchuingean gu Rùnaire na Dùthcha: petitions were sent to the Home Secretary; chaidh na binnean a lughdachadh: the sentences were reduced; b’ fheudar a cumail a-muigh: it had to be held out of doors; b’ e sin e: that was it.

Puing-chànain na Litreach: leis an robh fearann mòr: who owned a lot of land. We can use the preposition ‘le’ to express ownership in this way. We might also say aig an robh fearann mòr , using the preposition ‘aig’, which still means that he had, or controlled, a large amount of land, but this has less of a sense of ownership. Tha an car seo agam an-dràsta, ach ’s ann le m’ athair a tha e ‘I’ve got this car just now, but it’s my father that owns it’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bhathar a’ cur ri feachd a’ phoilis: the police force was being added to.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 441

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean