FaclairDictionary EnglishGàidhlig

702: Sòthaigh agus Stròma

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sòthaigh agus Stròma

Gaelic Gàidhlig

Bha mi fortanach gu leòr ’s gun do chuir mi mo chas air dà eilean shònraichte am-bliadhna. Bha iad le chèile brèagha agus inntinneach, ach gu math eadar-dhealaichte bho chèile. Bha fear dhiubh Gàidhealach agus am fear eile Gallta. Ach, gu mì-fhortanach, anns an dà eilean, chan eil an sluagh tùsail ann a-nise. Air fear dhiubh, chan eil duine a’ fuireach.

Anns a’ Chèitean chaidh mi a Shòthaigh far ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Abair àite brèagha, fo sgàil a’ Chuilthinn. Rinn Gavin Maxwell Sòthaigh car ainmeil oir chuir e gnìomhachas air dòigh ann, anns an robh iad a’ sealg nan cearban. Tha na togalaichean is uidheamachd aige fhathast rim faicinn ri taobh a’ chala.

’S e cala uabhasach fasgach a th’ ann. Ach gu mì-fhortanach, tha òs ann. Agus bidh uisge gu leòr os cionn an òsa airson bhàtaichean dìreach eadar a’ mhuir-làn agus an leth-làn.

Chan ann aig a’ chala a bha a’ chuid a bu mhotha de na daoine a’ fuireach. Bha na taighean aca air cladach Camas nan Gall ann an ceann a deas an eilein. Tha a’ chuid as motha de na taighean ann an staid math gu leòr, agus tha triùir a’ fuireach anns an eilean an-diugh.

Ged a tha e brèagha, chan eil Sòthaigh torrach. Às aonais na mara, bhiodh e fìor dhoirbh a bhith beò ann. A dh’aindeoin sin, bha ceud, caogad ’s a h-ochd (158) daoine a’ fuireach ann ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Ach dh’fhàs cùisean duilich dhaibh. Ann an naoi ceud deug, caogad ’s a dhà (1952), chuir an sluagh athchuinge chun an riaghaltais. Bha iad ag iarraidh an t-eilean fhàgail. Anns an Ògmhios naoi ceud deug, caogad ’s a trì (1953) chaidh iad a dh’fhuireach ann am Muile.

’S e an t-eilean eile san robh mi am-bliadhna – Stròma ann an Gallaibh. Tha Stròma nas torraiche na Sòthaigh ach tha e air a chuairteachadh le muir chunnartach. Tha na sruthan mara air leth làidir anns a’ Chaol Arcach. Ged a tha dà ainm-àite Ghàidhlig anns an eilean – no air sgeirean far a chladaich – chan e Gàidheil a bha sna daoine. Chan eil fhios ciamar a fhuair an dà sgeir ainmean Gàidhlig.

Bha sinnsireachd Lochlannach aig mòran de na daoine, chanainn. Bha ainmean orra mar Manson, Sinclair, Simpson agus Robertson. A-nise chan eil sluagh ann. Dh’fhalbh an fheadhainn mu dheireadh naoi bliadhna às dèidh do mhuinntir Shòthaigh falbh. Ged a thogadh cala math dhaibh, bha an sluagh air a dhol ro bheag, agus bha obraichean le deagh thuarastal nan cois ann an Dùnrath, faisg air làimh, air tìr-mòr Ghallaibh.

Ach tha Stròma annasach. Tha na taighean fhathast nan seasamh. Bha iad air an deagh thogail le clach Ghallach. Bho phìos air falbh, bhiodh tu a’ smaoineachadh gun robh an sluagh fhathast ann. Ach, faisg air làimh, chì thu gu bheil na taighean falamh. Chan eil dad anns an eilean ach caoraich.

Air cladach Stròma, bha na bh’ ann de ròin dìreach iongantach. Chan fhaca mi uiread riamh anns an aon àite. Ach, nuair a thàinig dol-fodha na grèine, cha robh iad buileach cho pailt. Air an fheasgar sin, thàinig buidheann mhòr de mhadaidhean-cuain timcheall. Chaidh iad am measg nan ròn agus dh’ith iad an sàth, a’ fàgail na mara dearg air cladaichean Stròma.

Faclan na Litreach: Sòthaigh: Soay; cala: harbour; fasgach: sheltered; òs: harbour bar; triùir: three people; torrach: fertile; Stròma: Stroma; Gallaibh: Caithness; sinnsireachd: ancestry; dol-fodha na grèine: sunset; madaidhean-cuain: killer whales.

Abairtean na Litreach: Bha iad le chèile brèagha agus inntinneach: they were both beautiful and interesting; eadar-dhealaichte bho chèile: different from each other; chan eil an sluagh tùsail ann: the original population is not there; abair àite brèagha, fo sgàil a’ Chuilthinn: what a beautiful place, in the shade of the Cuillin; chuir e gnìomhachas air dòigh ann: he established an industry there; a’ sealg nan cearban: hunting [the] basking sharks; tha na togalaichean is uidheamachd aige fhathast rim faicinn: his buildings and equipment can still be seen; uisge gu leòr os cionn an òsa airson bhàtaichean: enough water above the bar for boats; eadar a’ mhuir-làn agus an leth-làn: between full tide and half tide; ann an staid math gu leòr: in a reasonable state; às aonais na mara, bhiodh e fìor dhoirbh a bhith beò ann: without the sea, it would be very difficult to make a living there; a dh’aindeoin sin:despite that; chuir an sluagh athchuinge chun an riaghaltais: the population petitioned the government; a dh’fhuireach ann am Muile: to live on Mull; air a chuairteachadh le muir chunnartach: surrounded by a dangerous sea; tha na sruthan mara air leth làidir anns a’ Chaol Arcach: the sea currents are very strong in the Pentland Firth; sgeirean far a chladaich: skerries off the shore; chan eil sluagh ann: there is no population; dh’fhalbh an fheadhainn mu dheireadh: the last ones left; obraichean le deagh thuarastal nan cois ann an Dùnrath: jobs with good salaries at Dounreay; air an deagh thogail le clach Ghallach: well built with Caithness stone; bho phìos air falbh: from a distance away; bhiodh tu a’ smaoineachadh gun robh an sluagh fhathast ann: you would think the people were still there; bha na bh’ ann de ròin dìreach iongantach: the number of seals was amazing; am measg nan ròn: among the seals.

Puing-chànain na Litreach: chuir mi mo chas air dà eilean shònraichte I walked on two special islands. In the dual case we lenite the adjective that accompanies the noun, even for masculine nouns. Thus we say dà chù mhòr, dà chat bheag. This also applies when the noun starts with a vowel – thus it’s shònraichte (rather than sònraichte ) in the example above. Another similar example in the Litir is dà ainm-àite Ghàidhlig – two Gaelic place-names.

Gnàthas-cainnt na Litreach: dh’ith iad an sàth: they ate their fill.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 398

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean