FaclairDictionary EnglishGàidhlig

683: Coinneach Odhar Fiosaiche (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Coinneach Odhar Fiosaiche (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Choinneach Odhar Fiosaiche. Tha e aithnichte ann am Beurla mar The Brahan Seer. Bha an dà-shealladh no taibhsearachd aige. Rinn e fàidheadaireachd mu iomadach rud. A rèir beul-aithris, thàinig mòran dhiubh gu bith.

Bidh sibh air cluinntinn, tha mi cinnteach, mun fhàisneachd aige gun tigeadh an Canàl Cailleannach gu bith – ceud gu leth bliadhna mus do thòisich an obair air. Thuirt Coinneach, a rèir beul-aithris: Thig an latha ’s am faicear làraichean Sasannach air an tarraing le srianan còrcaich seachad air cùl Tom na h-Iùbhraich. Agus thàinig an latha sin nuair a dh’fhosgail an canàl anns an naoidheamh linn deug.

Ach ciamar a fhuair Coinneach Odhar na comasan aige? Tha farsaingeachd de stòiridhean ann mu dheidhinn sin, agus bu mhath leam an aithris dhuibh. Chan urrainn dhomh a ràdh a bheil gin aca fìor.

’S dòcha gur e an stòiridh as ainmeile am fear à Sgìr’ Ùig’ ann an Leòdhas, a tha a’ dol air ais gu òige Choinnich. Rugadh Coinneach ann am Baile na Cille ann an Sgìr’ Ùig’. Nuair a bha e na dheugaire, ach gun a bhith mòran a bharrachd air dusan bliadhna a dh’aois, bha a mhàthair a’ fuireach shuas air an àirigh. Bha sin ann an àite ris an canar An Cnoc Ceòthail. Às a sin, chithear an seann chladh. Mu mheadhan-oidhche, chunnaic màthair Choinnich na h-uaighean a’ fosgladh, agus na mairbh ag èirigh asta.

Bha iad de gach aois, agus chaidh iad gu gach àird. Às dèidh uair a thìde, thill iad don chladh. Thill iad do na h-uaighean, agus dhùin na h-uaighean a-rithist. Ach bha tè dhiubh nach robh dùinte. Bha màthair Choinnich feòrachail. Bha i airson faighinn a-mach cò bu chòir a bhith anns an uaigh sin.

Chaidh i sìos don chladh, agus chuir i a cuigeal thairis air an uaigh. Mura h-eil sibh eòlach air an fhacal cuigeal, ’s e inneal a bh’ ann a bhiodh boireannaich a’ cleachdadh gu mòr airson snìomh – distaff ann am Beurla. Chuir i sin thairis air beul na h-uaghach airson stad a chur air an duine mharbh bho bhith a’ dol a laighe innte.

An ceann mionaid no dhà – cha robh e fada – thàinig boireannach bàn dha h-ionnsaigh. “Tog do chuigeal far beul na h-uaghach,” thuirt i, “agus leig leam a dhol a-steach gu àite-còmhnaidh nam marbh.”

“Nì mi sin,” fhreagair màthair Choinnich, “nuair a dh’innseas tu dhomh dè thug ort a bhith cho fada gun tilleadh.”

“’S ann mar seo a bha e,” ars am boireannach bàn. “B’ fheudar dhòmhsa a dhol mòran na b’ fhaide na càch. B’ fheudar dhomh dhol a Lochlann. Is mise nighean aig Rìgh Lochlainn. Chaidh mo bhàthadh nuair a bha mi a’ snàmh thall an sin. Lorgadh mo chorp air an tràigh faisg air seo agus chaidh mo thiodhlacadh anns an uaigh seo. Mar dhuais airson do chuid calmachd, bheir mi fios dìomhair dhut. Thalla don loch thall an sin agus gheibh thu lorg air clach bheag chruinn ghorm. Thoir a’ chlach don ghille agad, Coinneach, agus cleachdaidh esan i airson fàidheadaireachd a dhèanamh.”

Rinn màthair Choinnich sin. Fhuair i a’ chlach bheag chruinn ghorm agus thug i do Choinneach i.

Uill, ’s e sin aon stòiridh air mar a fhuair Coinneach Odhar a chomasan. Bheir sinn sùil air stòiridhean eile an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: dà-shealladh, taibhsearachd: second sight; farsaingeachd: variety; òige: youth, childhood; àirigh: shieling; feòrachail: inquisitive; cuigeal: distaff.

Abairtean na Litreach: gun cuala sibh mu Choinneach Odhar Fiosaiche: that you’ve heard of the Brahan Seer; rinn e fàidheadaireachd: he prophesied; mun fhàisneachd aige gun tigeadh an Canàl Cailleannach gu bith: about his prophecy that the Caledonian Canal would come into being; thig an latha ’s am faicear làraichean Sasannach air an tarraing le srianan còrcaich: the day will come when English mares are led by hempen bridles; seachad air cùl Tom na h-Iùbhraich: past the back of Tomnahurich [hill in Inverness]; à Sgìr’ Ùige: from Uig; nuair a bha e na dheugaire: when he was a teenager; gun a bhith mòran a bharrachd air dusan bliadhna a dh’aois: not much more than twelve years of age; na h-uaighean a’ fosgladh: the graves opening; na mairbh ag èirigh asta: the dead rising from them; chaidh iad gu gach àird:they went in every direction;’s e inneal a bh’ ann a bhiodh boireannaich a’ cleachdadh airson snìomh: it was a device that women would use for spinning; thairis air beul na h-uaghach: over the mouth of the grave; bho bhith a’ dol a laighe innte: from reclining in it; leig leam a dhol a-steach gu àite-còmhnaidh nam marbh: let me go into the dwelling place of the dead;’s ann mar seo a bha e: it was like this; b’ fheudar dhòmhsa a dhol mòran na b’ fhaide na càch: I had to go much further than the others; nighean aig Rìgh Lochlainn: a daughter of a Scandinavian king; lorgadh mo chorp air an tràigh: my body was found on the beach; mar dhuais airson do chuid calmachd: as a reward for your bravery; bheir mi fios dìomhair dhut: I’ll tell you something secret; cleachdaidh esan i airson fàidheadaireachd a dhèanamh: he’ll use it for prophesying.

Puing-chànain na Litreach: Chaidh mo bhàthadh / chaidh mo thiodhlacadh : I was drowned / I was buried. Remember that, in a construction of this nature, in the absence of a noun, we use the possessive article, and we lenite the verbal noun according to the lenition rules. For “burying”, here’s how it works, running from first person singular to third person plural – and note the lenition of “ tiodhlacadh”: chaidh mo thiodhlacadh (mi), chaidh do thiodhlacadh (thu), chaidh a thiodhlacadh (e), chaidh a tiodhlacadh (i), chaidh ar tiodhlacadh (sinn), chaidh ur tiodhlacadh (sibh), chaidh an tiodhlacadh (iad).

Gnàthas-cainnt na Litreach: dè thug ort a bhith cho fada gun tilleadh: what caused you to be so late returning [lit. so long without returning].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 379

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean