514: Raibeart Coineagan Greumach
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Raibeart Coineagan Greumach
Am measg nan daoine a th’ air an tiodhlacadh air Innis mo Cholmaig ann an Loch Innse mo Cholmaig tha Raibeart Coineagan Greumach, no Don Roberto mar a chante ris anns an dàrna dùthaich aige, Argentina. Mura h-eil sibh eòlach air Loch Innse mo Cholmaig ’s e sin a’ Ghàidhlig air The Lake of Menteith. Cha b’ ann an Alba a chaochail Raibeart – ach nuair a bha e air turas ann an Argentina ann an naoi ceud deug, trithead ’s a sia (1936).
Ged a bhuineadh e do na h-uaislean, bha Raibeart na shòisealach agus na nàiseantach Albannach. An toiseach, ge-tà, bha e na bhall pàrlamaid don Phàrtaidh Libearalach. Ach, aig a’ cheann thall, cha robh iadsan fada gu leòr air taobh clì phoilitigs dha.
Cha robh e deònach cumail ri modhan Thaigh nan Cumantan agus chaidh a chur a-mach às an Taigh airson mì-mhodh barrachd air aon turas. Bha e a’ dìon còraichean nan daoine bochda agus còraichean daoine a bhith a’ togail fianais gu sìtheil air an t-sràid.
As t-fhoghar ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887), dh’fhàs cùisean mì-rianail air na sràidean. Bha crìonadh eaconamach ann agus thog mòran fianais. Cuimhnichibh gur e dìreach beag-chuid dhen phoball aig an robh còraichean bhòtaidh aig an àm.
Thàinig gnothaichean gu ceann air an treas latha deug dhen t-Samhain ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887) ann an Ceàrnag Trafalgar ann an Lunnainn. Thathar a’ cuimhneachadh an latha mar “Dòmhnach na Fala” – a’ chiad fhear leis an ainm sin. Rinn na poilis dochann air mòran dhen luchd-fhianais. Nam measg bha Raibeart. Ach bu choma leis a’ bhritheamh gun do dh’fhuiling e dochann. Fhuair e sia seachdainean sa phrìosan a bharrachd.
Bha Raibeart a’ sìor ghluasad don làimh chlì. Aon turas thug e seachad òraid anns an Fhraing a bha cho radaigeach ’s gun deach a shadail a-mach às an dùthaich. Dh’fhàg e am Pàrtaidh Libearalach agus, ann an co-bhuinn ri Keir Hardie, stèidhich e Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. Sheas e airson a’ phàrtaidh ann an Glaschu anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, naochad ’s a dhà (1892) ach cha deach leis. Bha a bheatha mar bhall pàrlamaid seachad.
Ach cha robh a bheatha phoilitigeach seachad. Bha e riamh a’ creidsinn gu làidir ann am fèin-riaghladh do dh’Alba. Agus, mar a bha mi ag ràdh, b’ esan a’ chiad cheann-suidhe aig a’ Phàrtaidh Nàiseanta, an SNP.
Bha beatha Raibeirt taobh a-muigh phoilitigs a cheart cho inntinneach ri a bheatha taobh a-staigh phoilitigs. Fhad ’s a bha e fhathast sa phàrlamaid, dh’fhalbh e a Mhorogo leis an amas a bhith a’ marcachd tro na beanntan Atlas gu ruige baile air a bheil Taroudant. Ge-tà, bha am baile toirmisgte do choigrich, gu h-àraidh Crìosdaidhean. Chuir an Greumach e fhèin ann an riochd dotair Tuirceach agus bha e faisg air Taroudant nuair a chuireadh an grèim e. Dh’innis e eachdraidh a’ ghnothaich anns an leabhar Mogreb-El-Acksa.
Sgrìobh e mòran leabhraichean air eich, siubhal agus eachdraidh agus bha e na charaid pearsanta do na h-uibhir de na h-ùghdaran is luchd-ealain as ainmeile ri a linn. Am measg nan daoine a bu mhotha dhan tug e spèis bha Aimé Tschiffely, Eilbheiseach a rinn a dhachaigh ann an Argentina. Chaidh Tschiffely còig mìle deug mìle air muin eich tro Ameireagaidh – deas agus tuath – thar trì bliadhna. Bha rud mar sin cho dlùth ri cridhe Raibeirt ’s a bha eadhon poilitigs is còraichean muinntir na h-Alba. Bha Raibeart Coineagan Greumach ainmeil ri a linn, agus cha bu chòir dhuinn a bhith ga dhìochuimhneachadh an-diugh.
Faclan na Litreach: Innis mo Cholmaig: Inchmahome; Raibeart Coineagan Greumach: Robert Cunninghame Graham; Loch Innse mo Cholmaig: The Lake of Menteith; mì-rianail: disorderly; fèin-riaghladh: self-government; ceann-suidhe: president; Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba: Scottish National Party; Eilbheiseach: a Swiss.
Abairtean na Litreach: ged a bhuineadh e do na h-uaislean: although he belonged to the gentry; bha Raibeart na shòisealach agus na nàiseantach Albannach: Robert was a socialist and a Scottish nationalist; deònach cumail ri modhan Thaigh nan Cumantan: willing to keep to the ways of the House of Commons; còraichean daoine a bhith a’ togail fianais gu sìtheil air an t-sràid: the rights of people to protest peacefully on the street[s]; as t-fhoghar: in the autumn; crìonadh eaconamach: an economic downturn; gur e dìreach beag-chuid dhen phoball aig an robh còraichean bhòtaidh: that it was just a minority of the population who had voting rights; rinn na poilis dochann air mòran dhen luchd-fhianais: the police beat up many of the protesters; bu choma leis a’ bhritheamh: the judge was indifferent; ’s gun deach a shadail a-mach às an dùthaich: that he was expelled from the country; cha deach leis: he wasn’t successful; bha a bheatha mar bhall pàrlamaid seachad: his life as a parliamentarian was over; a cheart cho inntinneach ri: just as interesting as; dh’innis e eachdraidh a’ ghnothaich: he told the story of the affair; na h-uibhir de na h-ùghdaran is luchd-ealain as ainmeile ri a linn: many of the most famous authors and artists of his day; am measg nan daoine a bu mhotha dhan tug e spèis: among the people he most respected; còig mìle deug mìle air muin eich tro Ameireagaidh – deas agus tuath: fifteen thousand miles on horseback through America – south and north; cha bu chòir dhuinn a bhith ga dhìochuimhneachadh: we shouldn’t forget him.
Puing-chànain na Litreach: Dòmhnach na Fala: Bloody Sunday (ie Sunday of the Blood). This is the Gaelic phrase by which the more recent Bloody Sunday in Northern Ireland is known so it seems a suitable phrase to use in relation to the earlier day of the same name in London (in which, interestingly, Irish nationalists agitating for Home Rule played a significant role). You might have expected Didòmhnaich – but Dòmhnach can also be used, particularly in relation to a particular Sunday of the year. Dòmhnach na Càisge, for example, is Easter Sunday. Dòmhnach derives from the Latin dominica; Didòmhnaich is from Dies Dominica – “The Lord’s Day”.
Gnàthas-cainnt na Litreach: toirmisgte do choigrich: out of bounds [banned] to foreigners.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 210
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn