FaclairDictionary EnglishGàidhlig

512: Pillarguri

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Pillarguri

Gaelic Gàidhlig

Ann am baile Otta, ann am meadhan Nirribhidh, tha ìomhaigh ann de bhoireannach òg. ’S e Pillarguri an t-ainm a th’ oirre agus tha i ainmeil ann an eachdraidh na dùthcha. Na làimh tha còrn a tha i a’ sèideadh. ’S e sèideadh a’ chùirn a chomharraich toiseach na h-ionnsaigh a rinn ceudan Nirribheach air feachd Albannach a bha a’ dèanamh air an t-Suain ann an sia ceud deug ’s a dhà-dheug (1612). Bha na h-Albannaich a’ dol a shabaid às leth rìgh na Suain – an aghaidh nan Dànach agus nan Nirribheach.

Aig Kringen, deas air Otta, bha còig ceud Nirribheach a’ feitheamh ris na h-Albannaich. Bha iad am falach anns a’ choille os cionn na h-aibhne. Bha Pillarguri air taobh eile na h-aibhne, a’ cumail sùil air na h-Albannaich fhad ’s a bha iad a’ tighinn sìos an gleann. Bha na h-Albannaich ann an deagh shunnd agus thathar ag ràdh gun robh feadhainn a’ seinn na pìoba. Bha iad a’ cumail sùil air Pillarguri agus air fear eile a bha faisg oirre air muin eich ach a bha a’ marcachd an comhair a chùil. Cha robh an sùilean air na coilltean os an cionn.

Bha Seòras Mac na Ceàrdaich aig an aghaidh. B’ esan a’ chiad duine a chaidh a mharbhadh nuair a thòisich na Nirribhich air losgadh air na h-Albannaich le crois-bhoghachan agus gunnaichean. Bha Seòras air manadh fhaicinn air a’ mhadainn sin gum biodh droch latha ann agus thug e sgian do a bhean. Bha a bhean agus am pàiste a’ siubhal còmhla ris.

Nuair a chaidh Seòras a mharbhadh, chaidh fear de na Lochlannaich a dh’ionnsaigh a mhnà leis an amas am pàiste a thogail is a thoirt gu sàbhailteachd. B’ esan Kjeld Fjerdringen. Ach bha a’ Bhean-uasal Nic na Ceàrdaich dhen bheachd gun robh e a’ dol a mharbhadh an leanaibh. Thug i an sgian a-mach agus shàth i Kjeld. Thuit e marbh.

Rinn na Nirribhich a’ chùis air na h-Albannaich. Bha beagan is ceud is trithead Albannach air fhàgail beò, agus iad nam prìosanaich. ’S e glè bheag de mhuinntir an àite a chaill am beatha.

Ach cha robh an sgrios seachad. Air an làrna-mhàireach thug na Nirribhich na h-Albannaich a-mach agus mhuirt iad a’ chuid a bu mhotha aca, fear mu seach. Ged a tha muinntir Nirribhidh a’ comharrachadh a’ bhatail chun an latha an-diugh, le fèill gach samhradh, ’s e seo pàirt dheth às nach eil iad moiteil. Thathar a’ dèanamh dheth nach robh ach ceithir Albannaich dheug air fhàgail beò aig an deireadh. Bha na ceudan anns an fheachd aig an toiseach.

Chaidh na prìosanaich a thoirt don phrìomh bhaile, Christiania, far a bheil Oslo an-diugh. Tha carragh-cuimhne ann do Sheòras Mac na Ceàrdaich ann am baile eile air a bheil Kvam, sìos an gleann bho Khringen. Ged a bha e na nàmhaid do na Nirribhich, thathar a’ toirt spèis do a chuimhne an-diugh. Agus tha feadhainn ag aithneachadh gu robh ceangal eachdraidheil aige do Lochlann. Bha a shinnsirean nan Normanaich agus b’ e a sheanair an t-Iarla mu dheireadh de dh’Arcaibh. ’S dòcha gun robh Lochlannais fhathast aig cuid de na saighdearan aige.

Taobh a-muigh Ghallaibh, cha chreid mi gu bheil mòran ann an Alba a’ cuimhneachadh Blàr Khringen an-diugh. Ach chan ionann sin ann an Nirribhidh. Ann an ionad nam bùthan ann an Otta, tha taisbeanadh mòr de dhealbhan brèagha a tha ag innse eachdraidh a’ bhatail ’s mar nach do shoirbhich le feachd Albannach ann an Nirribhidh anns an t-seachdamh linn deug.

Faclan na Litreach: Nirribhidh: Norway; ìomhaigh: statue, image; Seòras Mac na Ceàrdaich: George Sinclair; manadh: omen; shàth: stabbed; carragh-cuimhne: memorial stone; taisbeanadh: display.

Abairtean na Litreach: na làimh tha còrn: in her hand is a horn; ’s e sèideadh a’ chùirn a chomharraich toiseach na h-ionnsaigh: it’s the blowing of the horn that marked the start of the attack; a’ dol a shabaid às leth Rìgh na Suain: going to fight on behalf of the King of Sweden; os cionn na h-aibhne: above the river; a’ seinn na pìoba: playing the bagpipes; faisg oirre air muin eich: close to her on horseback; a’ marcachd an comhair a chùil: riding backwards; losgadh air X le crois-bhoghachan agus gunnaichean: firing on X with crossbows and guns; thug e sgian do a bhean: he gave a knife to his wife; a dh’ionnsaigh a mhnà: towards his wife; leis an amas am pàiste a thoirt gu sàbhailteachd: with the aim of taking the child to safety; an làrna-mhàireach: the next day; le fèill gach samhradh: with a festival every summer; ’s e seo pàirt dheth às nach eil iad moiteil: this is a part of which they are not proud; thathar a’ dèanamh dheth nach robh ach ceithir Albannaich dheug air fhàgail beò: it’s reckoned there were only 14 Scots left alive; chaidh na prìosanaich a thoirt don phrìomh bhaile: the prisoners were taken to the capital; ged a bha e na nàmhaid do na Nirribhich: although he was an enemy to the Norwegians; thathar a’ toirt spèis do a chuimhne: his memory is revered; tha feadhainn ag aithneachadh: some people recognise; bha a shinnsirean nan Normanaich: his ancestors were Normans; b’ e a sheanair an t-Iarla mu dheireadh de dh’Arcaibh: his grandfather was the last Earl of Orkney; chan ionann sin: that’s not the same.

Puing-chànain na Litreach: Bha beagan is ceud is trithead Albannach air fhàgail beò, agus iad nam prìosanaich: there were a little over 130 Scots left alive, who were prisoners. Remember the use of agus here to introduce what in English would be a clause, containing a verb (were). The verb is not necessary in the Gaelic phraseology. Note also that nam prìosanaich is the dative plural, using the dative to express identity (cf tha mi nam thidsear, “I am in my teacher”; tha e na amadan, “he is in his idiot”). Literally the Gaelic phrase means “and they in their prisoners”.

Gnàthas-cainnt na Litreach Bha iad am falach anns a’ choille: they were hiding/hidden in the forest.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 208

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean