419: Eilean Mhanainn (3)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Eilean Mhanainn (3)
Uaireannan bidh luchd-ionnsachaidh a’ faighneachd dhìom, “Carson a tha Gàidhlig na h-Èireann is Gàidhlig na h-Alba air an sgrìobhadh an ìre mhath air an aon dòigh, ach gu bheil Gàidhlig Eilean Mhanainn a’ coimhead cho eadar-dhealaichte?” Uill, ’s e an fhreagairt shìmplidh gun robh a’ Ghàidhlig ann an Alba is Èirinn air a sgrìobhadh o chionn fhad an t-saoghail. Aig an àm bha iad co-ionann. Chruthaich manaich siostam sgrìobhaidh dhi, stèidhichte air Laideann. ’S ann anns na beagan cheudan a dh’fhalbh a nochd Gàidhlig Eilean Mhanainn ann an clò – agus chaidh siostam eile a chleachdadh air a son.
Chan eil mi buileach cinnteach an e sin an stòiridh gu lèir. Tha e doirbh a chreidsinn nach do nochd a’ Ghàidhlig Mhanainneach ann an cruth sgrìobhte uair no uaireigin ann an eachdraidh fhada an eilein. Ach – a thaobh riaghladh – ’s dòcha gun robh mòran dheth sin air a dhèanamh ann an Lochlannais agus – às dèidh nan Lochlannach – ann am Beurla nan Sasannach.
Thairis air na ceudan, cha robh e gu diofar cò bha a’ riaghladh nam Manainneach – Lochlannaich no luchd na Beurla – ’s e Gàidhlig a bh’ aig na daoine cumanta. Anns an t-seachdamh linn deug, sgrìobh grunnan a chaidh don eilean gur e Beurla an cànan a b’ fheàrr leis na h-uaislean ach gur e Gàidhlig a bh’ aig càch. Bha muinntir na h-eaglaise mothachail gun robh stuth leughaidh a dhìth air an t-sluagh – ann an cànan a thuigeadh iad.
Rinn Easbaig Mhanainn – Cuimreach air an robh John Phillips – eadar-theangachadh de leabhar ùrnaighean tràth san t-seachdamh linn deug. Chruthaich e siostam litreachaidh airson sin nach robh stèidhichte air Gàidhlig na h-Èireann no Gàidhlig na h-Alba. Ach cha do nochd sin ann an clò aig an àm. Ann an seachd ceud deug ’s a seachd (1707), nochd a’ chiad leabhar ann an clò – Prionnsabalan is Dleastanasan Crìosdachd. ’S e an t-Easbaig Tòmas Wilson a bh’ air cùl sin. Agus thòisich esan pròiseact mòr – eadar-theangachadh a’ Bhìobaill.
Nochd am Bìoball Manainneach ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a còig (1775) – agus bha an siostam sgrìobhaidh aca stèidhichte an uair sin. Ach cha b’ ann gun strì a nochd am Bìoball. Nuair a bha mi anns an eilean, chaidh innse dhomh mu chlèireach a bha a’ siubhal ann am bàta leis an sgrìobhainn gu lèir airson a’ Bhìobaill. Bha e air an t-slighe chun a’ chlò-bhualadair. Chaidh am bàta air na sgeirean. Ach fhuair an clèireach gu sàbhailte don chladach, agus e a’ cumail na sgrìobhainn tioram os a chionn!
Mar a bha na Gàidheil ann an Alba is Èirinn, bha na Manainnich uabhasach dèidheil air ceòl. B’ e an fhidheall an ionnstramaid a bu chumanta a bh’ aca. Ann am meadhan a’ gheamhraidh – eadar an t-aonamh latha fichead dhen Dùbhlachd agus an siathamh latha dhen Fhaoilleach – bhiodh cèilidhean is dannsaidhean ann a h-uile oidhche. B’ e sin Yn Kegeesh Ommidjagh – an Ceala-deug Amaideach!
Ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a còig (1765), chaidh uachdranachd an eilein a thoirt air falbh bho Dhiùc Athall gu Crùn Bhreatainn. Agus, às dèidh sin, thug na h-ùghdarrasan Breatannach smachd air a’ chùiltearachd a bha stèidhichte anns an eilean. Chaidh marsantaich Shasannach a dh’fhuireach ann. Ach bha crìonadh san eaconamaidh. Agus dh’fhalbh mòran dhen t-sluagh a-null thairis. Rinn an dà rud sin cron mòr air a’ chànan.
Ach cha robh i deiseil airson leigeil suas an deò. Agus, gu dearbh, tha i a’ dol am meud a-rithist san latha an-diugh.
Faclan na Litreach: Eilean Mhanainn: I sle of Man; co-ionann: equal, equivalent; Lochlannais: Norse language; càch: the others; easbaig: bishop; Cuimreach: Welshman; cùiltearachd: smuggling; marsantaich: merchants; crìonadh: downturn.
Abairtean na Litreach: air an sgrìobhadh an ìre mhath air an aon dòigh: written pretty much in the same way; chruthaich manaich siostam sgrìobhaidh dhi: monks created a writing system for it; stèidhichte air Laideann: based on Latin; anns na beagan cheudan a dh’fhalbh: in the past few centuries; an e sin an stòiridh gu lèir: is that the full story; ann an cruth sgrìobhte uair no uaireigin: in a written form some time or other; cha robh e gu diofar cò bha a’ riaghladh: it didn’t matter who was governing; an cànan a b’ fheàrr leis na h-uaislean: the language the gentry preferred; gun robh stuth leughaidh a dhìth air an t-sluagh: that the populace was short of reading material; saoil cia mheud ball a th’ aca?: how many members do you think they have?; a thuigeadh iad: which they would understand; eadar-theangachadh de leabhar ùrnaighean: a translation of a book of prayers; cha do nochd sin ann an clò: that didn’t appear in print; Prionnsabalan is Dleastanasan Crìosdachd: The Principles and Duties of Christianity; cha b’ ann gun strì a nochd am Bìoball: it wasn’t without a struggle that the Bible appeared; mu chlèireach a bha a’ siubhal leis an sgrìobhainn: about a churchman who was travelling with the manuscript; chun a’ chlò-bhualadair: to the printer; tioram os a chionn: dry above his head; dèidheil air ceòl: keen on music; Ceala-deug Amaideach: Foolish Fortnight; bho Dhiùc Athall gu Crùn Bhreatainn: from the Duke of Atholl to the British Crown; a-null thairis: overseas; airson leigeil suas an deò: to breathe her last; a’ dol am meud: expanding.
Puing-chànain na Litreach: bidh luchd-ionnsachaidh a’ faighneachd dhìom: learners ask me. Some of you might be wondering why I didn’t say a’ faighneachd dhomh. In some places that indeed is what is said – in parts of Lewis it is universally so. Depending on dialect, the preposition used with faighneachd is either de/dhe or do/dha ie you either ask “of” or you ask “to”. Both are correct. It’s best to learn one and stick to it. So, to say “We asked them” you might say Dh’fhaighnich sinn dhiubh or Dh’fhaighnich sinn dhaibh.
Gnàthas-cainnt na Litreach: o chionn fhad an t-saoghail : a long long time ago (lit. the length of the world ago).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 115
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn