304: Teachdaire an t-Sluaigh
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Teachdaire an t-Sluaigh
Tha naidheachdan sean agus nuadh
Gan sgaoileadh gach seachdain mun cuairt,
’S gach uile nì thachair an Alba no ’n Sasainn
Gan leughadh air feadh an taoibh tuath.
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a thàinig thar chuan
Tha naidheachdan luachmhor ann.
Tha mi an dòchas gun do chòrd a’ chriomag sin de bhàrdachd ribh. Tha i à òran a chaidh a sgrìobhadh còrr math agus seachdad bliadhna air ais. Ach tha ceist agam dhuibh – càite an robh i air a sgrìobhadh, agus dè th’ ann an Teachdaire an t-Sluaigh? Uill, anns a’ chiad dol a-mach, chaidh a sgrìobhadh thall thairis – oir anns an t-sèist, tha an t-ùghdar ag ràdh “a thàinig thar chuan”. Chaidh an Teachdaire a dhèanamh ann an Alba, ach chaidh an t-òran a sgrìobhadh thall thairis – ann am Brisbane ann an Astràilia.
B’ e ùghdar an òrain Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain. Bhuineadh Iain do Gheàrrloch ach chaidh e a dh’fhuireach ann an Astràilia. Fhad ’s a bha e thall, sgrìobh e mòran duanagan is sgeulachdan goirid ann an Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an cruth leabhair.
’S e Teachdaire an t-Sluaigh an dreach Gàidhlig a chuir Iain air iris air am bi cuid gu math eòlach – The People’s Journal. Là a bha seo, bha Iain a’ coiseachd air Sràid Sheòrais ann am Brisbane nuair a chunnaic e – mar a sgrìobh e fhèin – “comharradh ceannaiche” air bùth. B’ e sin sanas le ainm fear na bùtha air. Agus ’s e an t-ainm a’ bh’ air “W. Cameron”.
“Horò,” ars’ Iain ris fhèin, “’s e fear Gàidhealach a tha seo.” Bha Iain a-riamh toilichte coinneachadh ri daoine eile ris am bruidhneadh e ann an Gàidhlig. Sheall e ris an uinneig agus dè chunnaic e air an taobh thall dhith ach lethbhreac de Theachdaire an t-Sluaigh. ’S e a bha toilichte oir b’ àbhaist dha a bhith a’ faighinn a’ phàipeir sin an-dràsta ’s a-rithist bho charaid aige. Bha mòran naidheachdan ann às a’ Ghàidhealtachd ann am Beurla agus bha oisean Gàidhlig ann a bharrachd.
Chaidh Iain a-steach don bhùth agus dh’fhaighnich e de dh’fhear na bùtha an robh am pàipear sin aige ri reic. Thuirt am fear eile gu robh. An uair sin, dh’fhaighnich Iain dhen fhear eile an ann às a’ Ghàidhealtachd a thàinig e, agus fhreagair e gur ann.
“Tha Gàidhlig agaibh, a-rèist,” ars’ Iain.
“Tha gu leòr,” fhreagair fear na bùtha. Agus rug iad air làimh air a chèile. Mar a tha Iain ga aithris – “chaidh an còmhradh air adhart anns a’ chànan as sine agus as binne a bha riamh air an t-saoghal.”
’S ann às dèidh sin a sgrìobh Iain an t-òran mu Theachdaire an t-Sluaigh. Seo pìos a bharrachd bhon òran – dà rann agus sèist airson crìoch a chur air Litir do Luchd-ionnsachaidh an-diugh:
’S e oisean na Gàidhlig tha binn
Toirt eòlais air bàrdachd nan glinn
’S ag innse’ anns gach àite gun labhair sibh Gàidhlig
’S nach leig sibh gu bràth i air dhìth
Chan eil sgeulachd a chuala sibh riamh
Sna siorrachdan tuath agus siar,
Nach eil sgoilearan Gàidhlig gan cur anns a’ phàipear,
Co-dhiù tha iad breugach no fìor!
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a thàinig thar chuan
Tha naidheachdan luachmhor ann.
Faclan na Litreach: Teachdaire an t-Sluaigh: The People’s Journal; luachmhor: valuable; sèist: chorus, refrain; ùghdar: author; blasad: a little taste; cheana: already; ceadaichte: permitted; maitheanas: forgiveness.
Abairtean na Litreach: gach uile nì [a] thachair: everything that happened;: gun do chòrd a’ chriomag sin de bhàrdachd ribh:that you enjoyed that fragment of poetry; còrr math agus seachdad bliadhna air ais: much more than 70 years ago; a thàinig thar chuan:which came over the ocean; thall thairis: overseas; sgrìobh e mòran duanagan is sgeulachdan goirid:he wrote many ditties and short stories; a chaidh fhoillseachadh ann an cruth leabhair: which were published as a book [ie in book form]; là a bha seo: one day; comharradh ceannaiche: a merchant’s sign; fear na bùtha: the shopkeeper; dè chunnaic e air an taobh thall dhith: what did he see on the other side of it [fem]; an-dràsta ’s a-rithist:now and again; bha oisean Gàidhlig ann a bharrachd: there was a Gaelic corner as well; rug iad air làimh air a chèile: they shook each other’s hand; a bha riamh air an t-saoghal: which was ever in existence [in the world]; ’s nach leig sibh gu bràth i air dhìth: that you will never allow her [Gaelic] to be lost; co-dhiù tha iad breugach no fìor: whether they be untrue or true.
Puing-chànain na Litreach: Tha naidheachdan sean agus nuadh gan sgaoileadh gach seachdain mun cuairt: old and new “news” are distributed every week. Gan sgaoileadhis a passive construction; gan contains the third person plural possessive pronoun, referring back to naidheachdan.In the fourth line, gan leughadh similarly means “are read”. This grammatical point was dealt with in more detail in Litir 179 (22 November 2002).
Gnàthas-cainnt na Litreach: “Tha Gàidhlig agaibh, a-rèist,” ars’ Iain: “You speak Gaelic, then,” said John. Don’t confuse a-rèist (“then, in that case”) with a-rithist (“again”).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn